Bu chòir gum biodh prìomhachas aig àrainn na mara sa mhodh-dhealbhaidh, tha Comataidh Cùisean Dùthchail ag ràdh

20.05.2013

Bu chòir prìomhachas a thoirt do dhìon àrainneachd na mara seach do cheist sam bith eile, an eaconamaidh san àireamh, ann an co-dhùnaidhean dealbhaidh nuair a bhios fianais mun bhuaidh doilleir. Ann an litir gu Rùnaire a’ Chaibineit Richard Lochhead BPA, tha Comataidh Chùisean Dùthchail, Atharrachadh na Tìde agus na h-Àrainneachd cuideachd ag iarraidh soilleireachaidh mun mhodh-dhealbhaidh mun mhuir agus dòigh-dèiligidh stèidhichte air fianais mu dhealbhadh agus rianachd nan cuantan againn.

Thuirt Neach-gairm na Comataidh Rob Gibson BPA :

“Tha na mìltean de ghnèithean eugsamhail ann an Alba a bhios an eisimeil air àrainneachd shaidhbhir na mara againn. Bho na mucan-biorach ann an Caolas Mhoireibh gu buthaidean a rinn na dachaigh aca san taobh a tuath is san taobh an iar. Tha a’ mhuir againn cuideachd a’ cumail gnìomhachas beothail an iasgaich agus the i deatamach do dh’eaconamaidh a’ bhathair thall-thairis againn agus nan ceanglaichean-còmhdhail ris a’ chòrr den t-saoghal.   

“The deatamach fhèin mar sin gum faigh sinn ceart e.

“Tha a’ Chomataidh againn taiceil ri Riaghaltas na h-Alba agus mar a tha san amharc aige comhairle a chur mu stèidheachadh plana-mhara nàiseanta, air àrainn air an dìon sa mhuir agus air dealbhadh mu ath-nuadhachadh mara. Feumaidh sinn dèanamh cinnteach, ge-tà, nuair a bhios cion fianais ann mun bhuaidh a bheir leasachadh gur h-e am prìomhachas bunaiteach a bhios ann an-còmhnaidh àrainneachd na mara againn”. 

Cùl-fhiosrachadh

Fhuair a’ Chomataidh fianais air ceistean mun mhuir bho Marine Scotland, luchd-pàirteachaidh agus Rùnaire a’ Chaibineit airson Chùisean Dùthchail agus na h-Àrainneachd. Gheibhear copaidh den litir an seo.

Fios conaltraidh

Fios do na meadhnanan

Fios mun chomataidh

Public information

  • Telephone enquiry line: 0800 092 7500 or 0131 348 5395 (Gàidhlig)
  • info@parliament.scot
  • Text 07786 209 888
  • Ask a question online through live chat
  • We also welcome calls using the Text Relay service or in British Sign Language through contactSCOTLAND-BSL

Keep up to date with us on:

keep up to date with what's happening in Parliament on Facebook Follow the Scottish Parliament on Twitter @ScotParl keep up to date with what's 
happening in Parliament on YouTube

This website is using cookies.
We use cookies to ensure that we give you the best experience on our website. If you continue without changing your settings, we’ll assume that you are happy to receive all cookies on this website.