Pàrlamaid na h-Alba Air Plana Gàidhlig a Chur Air Bhog

15.05.2013

Tha Pàrlamaid na h-Alba ris an dara Plana Gàidhlig fad còig bliadhna aice a chur air bhog mar chuid den rùn a tha aice an aon spèis a ghabhail don Ghàidhlig agus a thathar a’ gabhail don Bheurla.

Thèid sreath de mholaidhean fhoillseachadh aig fàilteachadh sa phàrlamaid Diciadain 15 Cèitean.

Thuirt am Fìor Urr. Tricia Marwick BPA, Oifigear-riaghlaidh Pàrlamaid na h-Alba:

“Tha mi toilichte am Plana Gàidhlig as ùire againn a thoirt a-steach oir tha e a’ leigeil fhaicinn rùn leanmhainneach Buidheann Chorporra Pàrlamaid na h-Alba mun Ghàidhlig agus mun ris a’ phrionnsapal gum bu chòir an aon spèis a ghabhail don Ghàidhlig agus a thathar a’ gabhail don Bheurla, mar a tha air a chur am follais ann an Achd na Gàidhlig (Alba).

“Thathar air planaichean-leasachaidh thairis air na còig bliadhna romhainn a chur an altaibh a chèile gus inbhe na Gàidhlig a mheudachadh, ionnsachadh a chur air adhart agus barrachd de chleachdadh na Gàidhlig a bhrosnachadh.

“Cuiridh na tionnsgnaidhean seo ri raon nan seirbheisean a thathar a’ tairgse aig Pàrlamaid na h-Alba agus tha mi ag iarraidh air luchd-tadhail, luchd-labhairt is luchd-ionnsachaidh na Gàidhlig uile cothrom a ghabhail air na cothroman a tha ann gus an cànan a chleachdadh agus barrachd ionnsachadh mu dheidhinn a ionnsachadh.”

Thuirt Oifigear-Leasachaidh na Gàidhlig aig Pàrlamaid na h-Alba, an t-Oll. Alasdair MacCaluim: “Tha Gàidhlig na cuid gu math riatanach de dh’oighreachd, de dh’ionannachd agus de bheatha chultarail na h-Alba. Is e na tha sa phlana còig bliadhna an oidhirp aig Buidheann Chorporra Pàrlamaid na h-Alba gus am bu seasmhachd aig a' Ghàidhlig san àm air thoiseach.

“Tha am plana seo air cothrom a chruthachadh do luchd-labhairt na Gàidhlig an cànan a chleachdadh nan cuid obrach bho latha gu latha agus tha e a’ cur ri inbhe is follaiseachd na Gàidhlig don fheadhainn a bhios a’ tadhal air a’ Phàrlamaid.”

Cùl-fhiosrachadh

Tha Plana Gàidhlig Buidheann Chorporra Pàrlamaid na h-Alba 2013 gu 2018 a’ nochdadh nam planaichean-leasachaidh, nam measg mar a thèid Gàidhlig a chleachdadh ann an obair na Pàrlamaid agus ann an conaltradh ris a’ phoball, ri Buill agus ri luchd-pàirteachais.

Thathar air am Plana ullachadh a rèir nan slatan-tomhais reachdail ann an Achd na Gàidhlig (Alba) 2005.

Dh’iarr an SPCB air a’ phoball an cuid bheachdan a nochdadh mu na molaidhean airson a’ phlana an-uiridh:

  • Fhuaireadh 56 de bheachdan, àrdachadh de 65 a-mach às a’ cheud air a’ chomhairleachadh a bh’ ann roimhe. Fhuaireadh 34 de fhreagairtean air a’ chomhairleachadh mun chiad phlana ann an 2007:
  • Thàinig 45 a-mach às a’ cheud de na freagairtean bho dhaoine agus bho dhaoine an taobh a-muigh nan sgìrean Gàidhlig;
  • Dh’aontaich 47 de na freagairtean ri claonadh coitcheann a’ phlana, bha ochdnar nach do dh’aontaich agus aonan nach deach taobh seach taobh;
  • Bha 29 de na freagairtean sa Ghàidhlig. Bha 27 dhiubh sa Bheurla.

Tha luchd-labhairt na Gàidhlig sgapte air feadh na h-Alba. Tha rud beag a bharrachd air an dara cuid a’ fuireach air a’ Ghàidhealtachd, ann an Earra-Ghàidheal is Bò`d, agus an còrr sgapte air feadh na h-Alba air fad. Tùs: Cunntas-sluaigh 2001).

Is àireamh shlàn nan daoine a chaidh a chlàradh mar chomasach air Gàidhlig a labhairt, a leughadh, a sgrìobhadh no a thuigsinn 92,400 – 1.9 a-mach às a’ cheud de shluagh na h-Alba. Tùs: Cunntas-sluaigh 2001)

Tha dòmhlachadh mòr de luchd-labhairt na Gàidhlig a tha a’ fuireach mu Ghlaschu, ann an Dùn Èideann, Inbhir Nis is Obar Dheathain, a rèir Cunntas 2001, an tomhas as ùire den t-sluagh. Thèid an cunntas ùr a fhoillseachadh am-bliadhna.

Related Content

Fiosrachadh do na meadhanan

  • Kenneth Hughes: 0131 348 6260
  • Cuirear fàilte air gairmean tron t-seirbheis Text Relay
  • Kenneth.Hughes
    @scottish.parliament.uk

Oifigear Leasachaidh Gàidhlig BCPA

Faodar ar leantainn air Twitter: @ParlAlba

Gheibh sibh am bloga againn aig:
parlamaidalba.wordpress.com

Fiosrachadh don Phoball

  • Fòn: 0800 092 7500
  • Fòn Teagsa: 0800 092 7100
  • Cuirear fàilte air gairmean tron t-seirbheis Text Relay
  • Teachdaireachd Teagsa: 07786 209888
  • sp.info@scottish.parliament.uk

Lorgaidh sibh sinn air Facebook

Agus gheibhear barrachd fiosrachaidh air YouTube

This website is using cookies.
We use cookies to ensure that we give you the best experience on our website. If you continue without changing your settings, we’ll assume that you are happy to receive all cookies on this website.