Comataidh a’ sireadh beachdan air bile croitearachd

10.05.2013

Thèid reachdas a leigeas le sealbhadairean-còmhnaidhe an cuid fearann a dhì-chroiteadh (de-croft) a sgrùdadh le Comataidh Cùisean Dùthchail, Atharrachadh Clìomaid agus na h-Àrainneachd.

Agus e a’ bruidhinn ri linn don Chomataidh a’ ghairm airson beachdan air Bile Croitearachd (Ath-leasachadh) (Alba) aca a chur air bhog, thuirt an Neach-gairm Rob Gibson BPA:

“Tha an reachdas seo deatamach do chroitearachd agus nì e cinnteach gum bi an aon chothrom aig luchd-gabhail agus sealbhadairean-còmhnaidhe an cuid fearainn a dhì-chroiteadh.  

Leis a’ bhuaidh a bheir seo air coimhearsnachdan-croitearachd, tha Riaghaltas na h-Alba ag iarraidh gluasad gu luath gus an neo-riaghailteachd laghail seo ag èirigh à Achd 2010 a cheartachadh. 

“Gus a dhèanamh cinnteach nach bi dàil sam bith ann a bhith a’ sgrùdadh an reachdais seo, tha sinn ag iarraidh air an fheadhainn a tha ag iarraidh na beachdan aca a nochdadh a leithid a dhèanamh cho luath agus a ghabhas.

Cùl-fhiosrachadh

Chaidh Bile Croitearachd (Ath-leasachadh) (Alba) a thoirt a-steach air 9 Cèitean 2013. Tha e an amas a’ Bhile aghaidh a thoirt air ceistean ann an Achd nan Croitearan (Alba) 1993 ag èirigh à atharrachaidhean a rinn Achd Ath-leasachadh Croitearachd (Alba) 2010 a dh’fhàg nach deach gnothach a ghabhail ri luchd-gabhail is sealbhadairean-còmhnaidhe air an aon rèir a thaobh a bhith comasach air fearann a dhì-chroiteadh. 

Gus fianais a thoirt don Chomataidh, thoiribh seachad fianais gheàrr ann an cruth Word. Is e an ceann-latha deireannach a tha ann 17 Cèitean 2013 agus bu chòir beachdan a chur gu racce@scottish.parliament.uk.

Contact information

Media information

Committee information

Public information

  • Telephone enquiry line: 0800 092 7500 or 0131 348 5395 (Gàidhlig)
  • info@parliament.scot
  • Text 07786 209 888
  • Ask a question online through live chat
  • We also welcome calls using the Text Relay service or in British Sign Language through contactSCOTLAND-BSL

Keep up to date with us on:

keep up to date with what's happening in Parliament on Facebook Follow the Scottish Parliament on Twitter @ScotParl keep up to date with what's 
happening in Parliament on YouTube

This website is using cookies.
We use cookies to ensure that we give you the best experience on our website. If you continue without changing your settings, we’ll assume that you are happy to receive all cookies on this website.