Comataidh pàrlamaid a’ ceasnachadh cho comasach ’s a tha BBC Scotland air tachartasan sònraichte a’ làimhseachadh

Tha comas a’ BhBC gus prògraman de dh’inbhe àrd a tha ag aithris air tachartasan cudromach ann an Alba a lìbhrigeadh na uallach, a rèir aithisg a chaidh fhoillseachadh an-diugh (9mh den Chèitean) le Comataidh Foghlam is Cultar Pàrlamaid na h-Alba.

Enhanced with Microsoft Silverlight
Watch a short video interview with designer Felix Chabluk Smith

Further information and related videos

Tha an aithisg, a chaidh a sgrìobhadh as dèidh streath seiseanan fianais le àrd-oifigearan bhon BhBC agus oifigearan aonaidhean, a’ rannsachadh dè cho deiseil ’s a tha BBC Scotland airson programan de dh’inbhe àrd a tha ag aithris air tachartasan anns an àm ri teachd a chraoladh as dèidh gearraidhean obrach.

Thuirt Stiùbhart Maxwell, Neach-Gairm na Comataidh:

“Tha na bliadhnaichean ri teachd ann an Alba gu bhith air leth chudromach ann an eachdraidh ar dùthaich. Mar sin, bha thìde ann airson a’ Chomataidh sgrùdadh dè cho comasach ’s a tha craoladair na stàite air a bhith ag aithris air tachartasan sònraichte, mar eisimpleir an reifreann agus Geamannan a’ Cho-fhlaitheas.

“Chuala a’ Chomataidh againn teisteanasan bho gach taobh den deasbad nach robh ag aontachadh le chèile mu dheidhinn buaidh na gearraidhean obrach air a’ chorporrachd. Is e uallach mòr a th’ann nach eil e coltach gu bheil co-aonta ann mu dheidhinn meud agus buaidh nan gearraidhean seo agus tha sinn fhathast teagmhach mu dheidhinn comas a’ BhBC craolaidhean fiosrach a tha aig an inbhe a ris a bheil sinn an dùil a lìbhrigeadh.

“Mhothaich a’ Chomataidh nach do fhreagair a’ BhBC ceist mu mheud gearraidhean buidseat Radio Scotland, a chaidh fhoillseachadh ann an cunntasan na Corporrachd. Cha robh e feumail figearan bho leirmheas rèidio a chur Urras a’ BhBC an gnìomh a chleachdadh agus an uair sin cosgaisean a tha riatanach airson prògraman a chruthachadh, mar cosgaisean dleas-ùghdair agus luchd-obrach taic, fhàgail às – nan robh na cosgaisean seo air an gabhail a-staigh, bhiodh meud lughdachadh na buidseat, aig 19.3%, aig ìre fada na bu mhotha na chaidh iarraidh orra le àrd-oifis a’ BhBC.”

Tha an cron a dh’fhaodadh gearraidhean obrach a dhèanamh air comas na craoladair prògraman a lìbhrigeadh na uallach cho mòr, gu bheil a’ Chomataidh ag iarraidh cunntasan as ùr bho BBC Scotland a h-uile sia mìosan. Tha e an dùil gum bi a’ chiad fhear de na cunntasan seo anns an Dàmhair 2013.

Cùl-sgeul

Bhon Fhaoilleach 2012, tha a’ Chomataidh air a bhith a’ sgrùdadh dè cho comasach ’s a tha BBC Scotland a thaobh a bhith ag aithris air tachartasan sònraichte. Chuala a’ Chomataidh bho buill aonaidhean craolaidh, còmhla ri Àrd-Stiùiriche a’ BhBC aig an àm, Mark MacThòmais. As dèidh cuireadh a bhruidhinn air beulaibh na Comataidh aig deireadh 2012 a dhiùltadh, nochd àrd-oifigearan bhon a’ BhBC air beulaibh na Comataidh anns an Fhaoilleach 2013 as dèidh eadar-theachd bho Lord Patten, Cathraiche a’ BhBC.

Tha tuilleadh fiosrachadh mu dheidhinn beachdachadh na Comataidh air craolaidh ri lorg nuair a leanas thu an ceangal seo:

http://scottish.parliament.uk/parliamentarybusiness/CurrentCommittees/62115.aspx

Related links

  • Education and Culture Committee
  • Read the committee report: Broadcasting
  • Watch >> Interview with committee convener: Broadcasting

Fios conaltraidh

Fios conaltraidh

Fios comataidh

Public information

  • Telephone enquiry line: 0800 092 7500 or 0131 348 5395 (Gàidhlig)
  • info@parliament.scot
  • Text 07786 209 888
  • Ask a question online through live chat
  • We also welcome calls using the Text Relay service or in British Sign Language through contactSCOTLAND-BSL

Keep up to date with us on:

keep up to date with what's happening in Parliament on Facebook Follow the Scottish Parliament on Twitter @ScotParl keep up to date with what's 
happening in Parliament on YouTube

This website is using cookies.
We use cookies to ensure that we give you the best experience on our website. If you continue without changing your settings, we’ll assume that you are happy to receive all cookies on this website.