Bu chòir don Riaghaltas “fiosrachadh bunaiteach mu sgrùdadh” airson clàran euslainteach air liostaichean-feitheimh NHS a nochdadh

09.05.2013

Bu chòir do Riaghaltas na h-Alba am fiosrachadh bunaiteach mu sgrùdadh a dh’fheumas a h-uile bòrd-slàinte aig Seirbheis Nàiseanta na Slàinte cur ann an clàran euslainteach a nochdadh, tha aithisg phàrlamaideach bho Thaigh an Ròid a chaidh fhoillseachadh an-diugh ag ràdh.

Tha am moladh ag amas air diofar ann an obair-sgrùdaidh a thoirt air falbh gus a dhèanamh cinnteach:

  • gun nochd clàran nan euslainteach uile na dh’fhiosraicheas euslaintich fa leth; agus
  • gun toir bùird-shlàinte àireamhan a leigeas dèanadas fhaicinn a rèir amasan Riaghaltas na h-Alba mu uairean-feitheimh. 

Tha am moladh bho Chomataidh Sgrùdadh Poblach air thighinn an dèidh aithisg Sgrùdadh Alba air Rianachd air euslaintich air liostaichean-feitheimh Seirbheis Nàiseanta na Slàinte, aig an robh e mar amas an robh an làimhseachadh a rinn NHS Lodainn air liostaichean-feitheimh ann an 2011, le bhith a’ clàradh euslainteach a bhith ‘a dhìth gu sòisealta’ gus amasan mu uairean-feitheimh a thoirt a-mach, na thachartas fa leth no na chomharrachadh air duilgheadasan nas fharsainge air feadh NHS.

Anns na toraidhean aice a chaidh fhoillseachadh an-diugh, bha Comataidh Sgrùdadh Poblach:

  • toilichte toirt fa-near nach d’fhuair Àrd-neach-sgrùdaidh na h-Alba fianais sam bith de làimhseachadh farsaing air liostaichean-feitheimh agus, san fharsaingeachd, gun robh NHS a’ toirt a-mach amasan mu uairean-feitheimh;
  • den bheachd, ri linn cion fiosrachaidh mu chleachdadh chòdan, nach gabhadh co-dhùnadh daingeann a ghabhail mun ìre dhan deach còdan a chur gu feum mar thoradh air bruthadh air comas ann an NHS;
  • a’ moladh gum bu chòir do Riaghaltas na h-Alba am fiosrachadh bunaiteach mu ‘sgrùdadh’ a dh’fheumas siostaman IT aig a h-uile bòrd-slàinte a bhith comasach air cleachdadh a nochdadh gus daingneachadh a thoirt air còdan mu bhith a dhìth gu sòisealta; 
  • ag aontachadh gu bheil feum air barrachd sgrùdaidh air ‘slighe an sgrùdaidh’ air còdan mu bhith a dhìth gu sòisealta agus tha i air iarraidh air Àrd-neach-sgrùdaidh na h-Alba sealladh neo-eisimeileach a thoirt mun adhartas a rinn an Riaghaltas is bùird-shlàinte ro dheireadh 2013.

Thuirt Neach-gairm Chomataidh Sgrùdadh Poblach, Iain Gray BPA:

“Tha a’ Chomataidh den bheachd gum bu chòir gum biodh fiosrachadh gu leòr aig na bùird-shlàinte gus a leigeil fhaicinn gu bheil còdan gan cleachdadh air adhbharan iomchaidh.  Ri linn cion an fhiosrachaidh ann an slighe an sgrùdaidh mu chleachdadh chòdan, cha tèid aig a’ Chomataidh air co-dhùnaidhean daingeann a ghabhail mun ìre dhan deach còdan a chleachdadh mar thoradh air bruthadh air comas ann an NHS, no mun ìre dhan toireadh amasan mu uairean-feitheimh buaidh air cleachdadh nan còdan.

“Tha seo a’ sònrachadh cho cudromach agus a the e dèanamh cinnteach gum bi cothrom air fiosrachadh cruinn san ùine air thoiseach gus suidheachadh nam bòrd-slàinte agus an Riaghaltais a dhearbhadh ach, nas cudromaiche fhathast, dèanamh cinnteach gun nochd e na dh’fhiosraicheas euslaintich air feadh NHS.”

Thuirt Mgr. Gray san dealachadh:

“Leis cho cudromach agus a tha rianachd èifeachdach air euslaintich a tha air liostaichean-feitheimh, tha a’ Chomataidh den bheachd gu bheil feum air barrachd sgrùdaidh air a’ cheist seo bho Sgrùdadh Alba mun adhartas gus feabhas a thoirt air slighe-sgrùdaidh an fhiosrachaidh air cleachdadh chòdan mu chòdan cion-cothruim.

“Dh’iarr a’ Chomataidh aithisg air a h-ùrachadh air an Àrd-neach-sgrùdaidh ro dheireadh 2013, gus sealladh neo-eisimeileach fhaighinn air an adhartas a rinn an Riaghaltas agus na bùird-shlàinte.”

Cùl-fhiosrachadh

Tharraing an t-Àrd-neach-sgrùdaidh aire air pàtran ann an cleachdadh nan còdan mu chion-cothruim às an do dh’èirich àrdachadh air cleachdadh nan còdan bho 2008 gu 30% san Ògmhios 2011, a thuit gu mòr an uair sin mun àm a thàinig fiosrachadh am fianais mu làimhseachadh nan còdan ann an NHS Lodainn. 

Thug Riaghaltas na h-Alba agus bùird aig NHS caochladh mhìneachaidhean don Chomataidh airson a’ chlaonaidh seo, cuid dhiubh ris nach do dh’aontaich Àrd-neach-sgrùdaidh na h-Alba. Thàinig a’ Chomataidh chun a’ cho-dhùnaidh gu bheil an claonadh seo gun a bhith air a mhìneachadh fhathast.

Rinn a’ Chomataidh sgaradh eadar cleachdadh nan còdan mu chion-cothruim sòisealta a dh’aon ghnothach agus suidheachaidhean nuair a chaidh na còdan a chleachdadh gu mì-iomchaidh.  Tha a’ Chomataidh mothachail air a’ ghnìomh dhaingeann a chaidh a ghabhail mar fhreagairt air droch chleachdadh seo nan còdan a dh’aon ghnothach aig NHS Lodainn agus tha i an dòchas gu bheil seo air casg èifeachdach a chruthachadh.

Chaidh còdan cion-cothruim a thoirt a-steach le Riaghaltas na h-Alba mar chuid de phoileasaidh nan Dòighean Ùra airson rianachd air euslaintich air liostaichean-feitheimh ann an 2008.  Thàinig seo an àite siostaim far am faodadh euslaintich air nach robh cothrom airson coinneimh no làimhseachaidh air adhbharan-leigheis no adhbharan sòisealta am barantas aca mun uair-fheitheimh as fhaide a chall.

Chaidh còdan mu chion-cothruim sòisealta a dhealbhadh gus a bhith air an cleachdadh nuair nach tèid aig euslaintich air coinneamhan a fhrithealadh.  Cuideachd, thathar air an cleachdadh gus roghainn aig euslaintich a nochdadh, nuair a chuireas euslaintich romhpa feitheamh nas fhaide airson choinneamhan eile leis an neach-leigheis no an taigh-eiridinn as fheàrr leotha.  Thug NHS Lodainn droch fheum à còdan cion-cothruim shòisealta gus dèanadas a làimhseachadh an aghaidh amasan mu uairean-feitheimh aig euslaintich.

Related links

  • Public Audit Committee
  • Read the report: Management of patients on NHS waiting lists
  • Watch >> video report: Management of patients on NHS waiting lists

Fios conaltraidh

Fios do na meadhanan

Fios conaltraidh

Public information

  • Telephone enquiry line: 0800 092 7500 or 0131 348 5395 (Gàidhlig)
  • info@parliament.scot
  • Text 07786 209 888
  • Ask a question online through live chat
  • We also welcome calls using the Text Relay service or in British Sign Language through contactSCOTLAND-BSL

Keep up to date with us on:

keep up to date with what's happening in Parliament on Facebook Follow the Scottish Parliament on Twitter @ScotParl keep up to date with what's 
happening in Parliament on YouTube

This website is using cookies.
We use cookies to ensure that we give you the best experience on our website. If you continue without changing your settings, we’ll assume that you are happy to receive all cookies on this website.