Comataidh pàrlamaideach a' cur aonta ri Bile Còir-bhòtaidh na Reifreinn

07.05.2013

Tha prìomh chomataidh phàrlamaideach air aonta a chuir ri prionnsabalan coitcheann Bile Reifreann Neo-Eisimeileachd na h-Alba (Còir-bhòtaidh).

Tha am Bile a' cur an cèill cò a tha airidh air bhòtadh anns an reifreann an ath-bhliadhna agus bheir i comas do dhaoine aig aois 16 agus 17 a’ bhòtadh.

Tha aithisg a’ chiad ìre, a chaidh fhoillseachadh an-diugh le Comataidh Bile na Reifreinn, a’ gabhail a-staigh na leanas:

  • tha a’ chomataidh ag aontachadh gu bheil e freagarrach còir-bhòtaidh airson daoine nas sinne na 18 bliadhna a’ stèidheachadh air clàr-bhòtaidh riaghaltasan ionadail;
  • tha a’ mhòr-chuid den chomataidh a cuir aonta ri bhith a’ leudachadh aois còir-bhòtaidh na reifreann airson daoine aig aois 16 and 17 a ghabhail a-staigh, a chuireas 120,000 daoine a’ bharrachd ris a’ chòir-bhòtaidh;
  • tha a’ chomataidh toilichte leis a’ chòir-bhòtaidh a tha Riaghaltas na h-Alba a’ cur air adhart a thaobh sgiobachd seirbheis – an rud as cudromaiche a-nis, a rèir a’ chomataidh, ’s e gu bheil an Coimisean Taghaidh, Oifigearan Clàraidh Taghaidh agus Ministreachd an Dìon ag obair gu h-èifeachdach le chèile;
  • tha a’ mhòr-chuid den a’ chomataidh a cuir taic ris a' bheachd a th’aig Riaghaltas na h-Alba nach bu choir cead a bhith aig prìosanaich sam bith a’ bhòtadh anns an reifreann;
  • tha a’ Chomataidh an ìre mhath toilichte le ullachaidhean anns a’ Bhile airson “clàr luchd-bhòtaidh òg” eadar-dhealaichte a chruthachadh agus a chumail;
  • tha a’ chomataidh ag aontachadh gu bheil feum air dòigh-obrach co-eagraichte airson mothachadh a dhùsgadh a tha stèidhichte air comhairle shoilleir agus a’ cumail suas neo-chlaonachd poilitigeach. The i cuideachd ag aontachadh gu bheil pàirt sònraichte aig a’ Choimisean Taghaidh ri chluiche anns a’ phròiseas seo, ag obair còmhla ri iomadh bhuidheann eile; chan eil a’ chomataidh den bheachd gu bheil feum aig buidheann sam bith eile, a thaobh air a’ Choimisean Taghaidh, air dleastanas fon lagh airson am brosnachadh a bhith a’ gabhail pàirt; agus
  • a thaobh mothachadh a’ chruthachadh am measg luchd-bhòtaidh nas òige anns na sgoiltean, tha a’ chomataidh dearbhte gu bheil na daoine a tha a’ gabhail pàirt aig ìre ionadail, nam measg Oifigearan Clàraidh Taighaidh agus luchd-teagasg, a’ tuigsinn mu thràth de dh’fheumas iad a dhèanamh agus gu bheil iad comasach ann a bhith a’ tarraing aire dhaoine òg a thaobh ceistean co-cheangailte ri saoranachd ann an dòigh freagarrach agus neo-lethbhreitheach.  

 

Thuairt Bruce Crawford BPA, Neach-Gairm Comataidh Bile na Reifreinn:

“Tha am Bile Còire-Bhòtaidh a’ cur an cèill cò bhios airidh air bhòtadh anns an reifreann agus cuideachd mar a thèid daoine – gu h-àraidh luchd-bhòtaidh a tha eadar 16 agus 17 bliadhna a dh’aois – a chlàradh roimh làimh.

“Rinn a’ chomataidh sgrùdadh mionaideach air Bile Riaghaltas na h-Alba airson dèanamh cinnteach gum bith earbsa aig a’ Riaghaltas, agus aig luchd na h-Alba, anns na h-ullachaidhean còire-bhòtaidh.

“Tha an comataidh againn a’ moladh don Phàrlamaid gum bu chòir dhaibh aonta a chur ri prionnsabalan Bile Reifreann Neo-Eisimeileachd na h-Alba (Còire-bhòtaidh).”

Cùl-sgeul

Thathar an dùil gu bheil a’ Phàrlamaid air fad a’ dol a dheasbad a’ chiad ìre den Bhile air 14mh den Chèitean 2013.

Tha aithisg a’ chiad ìre bho Comataidh Bile na Reifreann ri lorg air duilleagan làrach-lìn a’ Chomataidh:

http://www.scottish.parliament.uk/parliamentarybusiness/CurrentCommittees/55798.aspx

Fios conaltraidh

Fios meadhanan

Fios comataidh

Public information

  • Telephone enquiry line: 0800 092 7500 or 0131 348 5395 (Gàidhlig)
  • info@parliament.scot
  • Text 07786 209 888
  • Ask a question online through live chat
  • We also welcome calls using the Text Relay service or in British Sign Language through contactSCOTLAND-BSL

Keep up to date with us on:

keep up to date with what's happening in Parliament on Facebook Follow the Scottish Parliament on Twitter @ScotParl keep up to date with what's 
happening in Parliament on YouTube

This website is using cookies.
We use cookies to ensure that we give you the best experience on our website. If you continue without changing your settings, we’ll assume that you are happy to receive all cookies on this website.