Sruighlea gu bhith mar dhachaigh don Phàrlamaid fad aon latha

08.05.2013

Cumaidh Pàrlamaid na h-Alba Latha Pàrlamaid ann an Sruighlea Dihaoine 21 Ògmhios.

Ri linn cùisean an latha, gabhaidh an t-Oifigear Riaghlaidh agus Comataidh Slàinte is Spòrs sreath de choinneamhan os làimh le eagrachaidhean is buidhnean ionadail.  Cumaidh a’ Chomataidh coinneamh fhoirmeil cuideachd ann an seòmraichean Chomhairle Shruighlea far an cluinn iad mun bhuaidh a bheir neo-ionannachd ann slàinte air Sruighlea. 

A’ toirt fios mu Latha na Pàrlamaid, Sruighlea, thuirt an t-Oifigear Riaghlaidh, am Fìor Urramach Tricia Marwick BPA;

“Tha Latha na Pàrlamaid ann an Sruighlea na chothrom do dhaoine ann an Sruighlea dol an sàs ann an obair na Pàrlamaid san àite aca fhèin, a’ cuideachadh na Pàrlamaid gu bhith aig cridhe na coimhearsnachd ionadail.  

“Tha Hamhaig agus Steòrnabhagh air Làithean Pàrlamaid a chumail a-cheana agus fhuair mi misneachd leis an fhàilte a fhuair sinn agus leis an dealas a bha air muinntir na h-àite na beachdan aca a leigeil am follais.  “Tha mi’n dòchas gun gabh muinntir Shruighlea ris a’ chothrom seo ceangal a dhèanamh ri obair Pàrlamaid na dùthcha aca.”

Thuirt Neach-gairm Chomataidh Slàinte is Spòrs, Donnchadh MacNèill BPA:

“Bidh a’ Chomataidh agam fhìn a’ sealltainn ri ceistean a bhios a’ bualadh air coimhearsnachdan air feadh na h-Alba – bho thorrachas dheugairean gu cothrom air spòrs anns a’ choimhearsnachd.  Tha a bhith a’ cluinntinn bho dhaoine ionadail mu na ceistean a tha cudromach dhaibh cudromach do gach comataidh aig a’ phàrlamaid. 

“Tha ùidh aig a h-uile duine ann an seirbheisean na slàinte againn. Tha togail agam ri bhith a’ cluinntinn beachdan muinntir Shruighlea agus mun cuairt bhon as e an dreuchd a tha againn a bhith gan riochdachadh ann an obair na Pàrlamaid.”

Cùl-fhiosrachadh

Thèid an treas Latha Pàrlamaid a chumail Dihaoine 21 Ògmhios. Thèid barrachd fiosrachaidh a sgaoileadh sna seachdainean a tha romhainn, le fios mu choinneamh fhoirmeil le Comataidh Slàinte is Spòrs; cuairtean gu buidhnean oifigeil leis a’ Chomataidh; agus clàr-obrach an Oifigeir Riaghlaidh. 

Fios conaltraidh

Fios do na meadhnanan

Public information

  • Telephone enquiry line: 0800 092 7500 or 0131 348 5395 (Gàidhlig)
  • info@parliament.scot
  • Text 07786 209 888
  • Ask a question online through live chat
  • We also welcome calls using the Text Relay service or in British Sign Language through contactSCOTLAND-BSL

Keep up to date with us on:

keep up to date with what's happening in Parliament on Facebook Follow the Scottish Parliament on Twitter @ScotParl keep up to date with what's 
happening in Parliament on YouTube

This website is using cookies.
We use cookies to ensure that we give you the best experience on our website. If you continue without changing your settings, we’ll assume that you are happy to receive all cookies on this website.