Ro-innleachd air cur-seachadan brìoghmhor ann am prìosanan a dhìth air Comataidh a’ Cheartais

28.03.2013

Tha ro-innleachd gus a dhèanamh cinnteach gun tèid an aon chothrom air cur-seachadan brìoghmhor ann an obair, ann am foghlam is ann an ath-ghnàthachadh a thairgse do phrìosanaich uile na h-Alba, a dhìth a rèir Comataidh a’ Cheartais.

Tha a’ Chomataidh den bheachd gun cuidich cothrom air cur-seachadan brìoghmhor prìosanaich gus aghaidh a thoirt air a’ ghiùlan eucorach aca agus lùghdachadh air ìre de dh’eucoir às ùr a lùghdachadh air a’ cheann thall.

 

Agus na cosgaisean eaconamach is sòisealta nach beag an lùib eucoirean às ùr mar a tha, tha a’ Chomataidh den bheachd gun cruthaicheadh ro-innleachd a sheallas nas dlùith air cur-seachadan brìoghmhor caomhnadh adhbharachadh anns an ùine fhada.

 

Thuirt Neach-gairm Chomataidh a’ Cheartais, Cairistìona Ghreumach BPA:

 

“Tha cur-seachadan brìoghmhor nan dòigh dheatamach gus eòlas bunaiteach a thoirt do phrìosanaich a chuidicheas riutha nan cuid ath-ghnàthachaidh. 

 

“Ged a tha sinn gu math taiceil ris a’ Cheannard ùr air Seirbheis Prìosanan na h-Alba agus a tha sinn a’ cur fàilte air an ath-bhreithneachadh aige air obrachadh, tha ceist air a’ Chomataidh fhathast gun fheum cuideam nas làidire a chur air ceistean mu chothrom aig prìosanaich air cur-seachadan brìoghmhor.

 

“Gu sònraichte, bu chòir gum biodh cothrom na b’ fheàrr air prìosanaich anns an ùine ghoirid air cur-seachadan agus cuideam air an raon fharsaing de dh’eòlas a dh’ullaicheas prìosanach airson an t-saoghail aige an dèidh dha a bhith air a leigeil mu sgaoil, leithid litearachd bhunaiteach agus ceanglaichean ris an teaghlach. Tha sinn an dòchas gun tèid aghaidh a thoirt air na ceistean seo le ro-innleachd ùr air riarachadh is lìbhrigeadh chur-seachadan brìoghmhor bho na Buill is bho Riaghaltas na h-Alba.”

 

Chuir aithisg na Comataidh cuideam cuideachd air na molaidhean a leanas:

 

  • Tha feum air ath-bhreithneachadh air an dòigh sam bi cothroman-ionnsachaidh air an cur air adhart, air am brosnachadh, an lìbhrigeadh is an tomhas.

 

  • Dh’fhaodadh prìosanan barrachd a dhèanamh ‘gnàths-obrach 9-5’ a leasachadh gus prìosanaich ullachadh airson fastaidh an dèidh dhaibh a bhith air an leigeil mu sgaoil.

 

  • Dh’fhaodadh prìosanan feum na b’ fheàrr a dhèanamh de theicneòlas gus cur-seachadan brìoghmhor a chur air clàr-ama gus leasachadh a thoirt air cothrom.

 

  • Bu chòir sgeamaichean-dearcnachaidh bho phrìosanach gu prìosanach a neadachadh ann an ro-innleachd sam bith air cur-seachadan brìoghmhor.

 

  • Gum bu chòir beachd a ghabhail air cùram-ri-linn reachdail (statuatory throughcare) do phrìosanaich anns an ùine ghoirid.

 

Cùl-fhiosrachadh

Dh’aontaich Comataidh a’ Cheartais rannsachadh geàrr is geur a chumail air cur-seachadan brìoghmhor ann am prìosanan aig a’ choinneimh aice air 4 Dùbhlachd 2012. B’ e raon-ùghdarrais an rannsachaidh beachd a ghabhail air ceistean mun chothrom a bhios aig prìosanaich dol an sàs ann an cur-seachadan brìoghmhor ri linn dhaibh a bhith sa phrìosan. 

 

Thadhail buill air prìosanan Bhàrr Linne, Dhùn Èideann, Inbhir Nis, Low Moss, Pheairt, Pholl Mhonadh agus Tobair Adaidh ri linn an rannsachaidh.

 

Thagair Sgrùdadh Alba san aithisg aige Reducing re-offending in Scotland gun deach £419 millean a chosg le SPA, Riaghaltas na h-Alba agus ùghdarrasan-ceartais anns na coimhearsnachdan gus dèiligeadh ri daoine a chaidh a dhìteadh anns na cùirtean ann an 2010-11, a chosg SPA £235.6 millean dheth. Tha SPA air aithisg a thoirt gum b’ e a’ chosgais bhliadhnail a bha ann gus cuideigin a chumail sa phrìosan ann an 2010-11 £32, 371. 

Fios Conaltraidh

Fios do na meadhanan

Fios mun Chomataidh

Public information

  • Telephone enquiry line: 0800 092 7500 or 0131 348 5395 (Gàidhlig)
  • info@parliament.scot
  • Text 07786 209 888
  • Ask a question online through live chat
  • We also welcome calls using the Text Relay service or in British Sign Language through contactSCOTLAND-BSL

Keep up to date with us on:

keep up to date with what's happening in Parliament on Facebook Follow the Scottish Parliament on Twitter @ScotParl keep up to date with what's 
happening in Parliament on YouTube

This website is using cookies.
We use cookies to ensure that we give you the best experience on our website. If you continue without changing your settings, we’ll assume that you are happy to receive all cookies on this website.