Tadhlaidh Annie Lennox OBE, Tosgaire Sònraichte aig Meur Alba, Comann Pàrlamaideach a' Cho-fhlaitheis, air Pàrlamaid na h-Alba an-diugh

27.03.2013

Tadhlaidh Annie Lennox OBE, Tosgaire Sònraichte aig Meur na h-Alba, Comann Pàrlamaideach a' Cho-fhlaitheis, air Pàrlamaid na h-Alba an-diugh mar phàirt de na tachairteasan bho chionn goirid gus dà-cheud bliadhna de David Livingstone a chomharrachadh.

Às dèidh dhi coinneachadh ris an Oifigear Riaghlaidh, bidh i an làthair aig deasbad Gnothaichean Bhall air tachartasan gus dà cheud bhliadhna de David Livingstone a chomharrachadh. Bruidhnidh i an uair sin aig cuirm a chaidh a chur air dòigh le Meur Alba Comann Pàrlamaideach a' Cho-fhlaitheis airson daoine is buidhnean a th' air a bhith an sàs anns na tachartasan seo.

Thuirt an t-Oifigear Riaghlaidh am Fior Urr Tricia Marwick BPA: “Tha mi fìor thoilichte fàilte a chur air Annie Lennox gu Pàrlamaid na h-Alba an-diugh agus sinn ag obrachadh còmhla gus an cairdeas eadar Alba is Màlabhaidh a neartachadh".

This website is using cookies.
We use cookies to ensure that we give you the best experience on our website. If you continue without changing your settings, we’ll assume that you are happy to receive all cookies on this website.