29.03.2013
Bidh teagasg nan cànanan-cèin ann am bun-sgoiltean na h-Alba mar chuspair aig co-labhairt a thèid a chumail aig Pàrlamaid na h-Alba sa Chèitean 2013.
Cumaidh Comataidh Eòrpach agus Dàimhean A-muigh an tachartas mar phàirt den rannsachadh aice air a’ mholadh bho Riaghaltas na h-Alba bho chionn ghoirid cur ri teagasg nan cànanan-cèin sna bun-sgoiltean. Bheir e còmhla luchd-pàrlamaid agus an fheadhainn a tha an sàs ann an ionnsachadh-cànain gus deasbad a chumail air toraidhean bunaiteach a thàinig à rannsachadh na comataidh.
Agus e fosgailte do na h-uile aig a bheil ùidh ann am foghlam-cànain, biodh e mar phàrant, mar neach-teagaisg no mar leasaichean-poileasaidh, thèid a' cho-labhairt a chumail madainn Dihaoine 10 Cèitean 2013 aig Pàrlamaid na h-Alba ann an Dùn Èideann. A’ labhairt air beulaibh na co-labhairt tha triùir de phrìomh luchd-labhairt:
- Mgr Jan Truszczyński, Stiùiriche Buidheann Cultair agus Foghlaim, Coimisean na h-Eòrpa;
- Mgr Waldemar Martyniuk, Stiùiriche-gnìomha Ionad na h-Eòrpa airson Nuadh-chànanan Chomhairle na h-Eòrpa; agus
- An t-Oll. Alasdair Allan BPA, Ministear Riaghaltas na h-Alba airson Ionnsachadh, Saidheans agus Cànanan na h-Alba.
A’ bruidhinn ron tachartas, thuirt Neach-gairm na Comataidh Cairistìona NicEalbhaidh BPA:
“Thug an rannsachadh air feadh na dùthcha sinn a’ coinneachadh ri clann-sgoile, pàrantan agus luchd-teagaisg. Sna coinneamhan foirmeil againn, chuala sinn fianais bho luchd-poileasaidh agus bho eòlaichean-cànain. Cuidichidh a’ cho-labhairt seo sinn gus na seallaidhean sin air fad a thoirt còmhla gus rannsachadh a dhèanamh air na ceistean air a bheilear air cuideam a chur thugainn agus bu mhath leinn cuireadh a thoirt do na h-uile aig a bheil ùidh sa chùis dol an sàs anns na deasbadan againn air 10 Cèitean. Tha e iomchaidh ar leinn a bhith ga chumail dìreach an dèidh Latha na h-Eòrpa agus, rud a tha cudromach, leigidh e leinn barrachd sgrùdaidh a dhèanamh air na ceistean mus toir sinn aithisg do Riaghaltas na h-Alba air na toraidhean againn.”
Am measg nan ceist air an d’rinn a’ Chomataidh sgrùdadh, tha:
1. Maoineachadh (agus cleachdadh maoineachadh Aonadh na h-Eòrpa)
2. An ìre de dh’eòlas agus de ghoireasan-teagaisg air a bheil cothrom airson teagasg-chànanan
3. An comas anns a’ chlàr-oideachaidh barrachd sgrùdaidh air cànanan a thoirt a-steach
4. Roghainn nan cànanan rin teagasg
5. An t-àite a tha aig cànanan ann an leasachadh eaconamach
An dèidh na co-labhairt, gabhaidh a’ Chomataidh beachd air an fhianais air fad a thogar à tursan-sgoile, fianais fhoirmeil, deasbaireachd air na meadhanan sòisealta agus bhon cho-labhairt fhèin. Tha dùil ri aithisg dhan Phàrlamaid ro dheireadh an Ògmhios.
Am measg nan sgoiltean air an deach tadhal ri linn an rannsachaidh, tha:
- Bun-sgoil Dhail Mheàrnaig, Glaschu mheadhanach/an ear (14 Dùbhlachd 2012) air an do thadhail Cairistìona NicShealbhaich BPA agus Hanzala Malik BPA.
- Bun-sgoil Ealasaid, Eddlewood, faisg air Hamaltan (25 Faoilleach 2013) air an do thadhail Cairistìona Shealbhaich BPA agus Clare NicAdhaimh BPA.
- Bun-sgoiltean Bhaile Meireanach agus an Luachair, Fìobha an ear is a Tuath (18 Gearran 2013) air an do thadhail Ruairidh Caimbeul BPA.
- Bun-sgoiltean Dharbhail agus Kilmaurs, Siorrachd Inbhir Àir an Ear (8 Màrt 2013) air an do thadhail Uilleam Ó Cofaigh (Coffey) BPA.
- Bun-sgoil Chnoc nam Meacan, Cnoc nam Meacan,Talla na h-Uiseig, air an do thadhail Cairistìona NicShealbhaich BPA agus Clare NicAdhaimh BPA.
- Bun-sgoil Taobh Loch Lòchaidh, An Gearastan, A’ Ghàidhealtachd (18 Màrt 2013) air an do thadhail Jamie MacGriogair BPA.
- Bun-sgoil Dhùnadh Breasail (Donibristle), Bàgh Dhealgadaidh, Fìobha (25 Màrt 2013) air an do thadhail Eilidh Eadie BPA.
Bu chòir do neach sam bith a tha ag iarraidh frithealadh fios a chur dhan Phàrlamaid ro 19 Giblean gus àite a chur an dara taobh. Cuiribh fios gu Eileen Martin no Natalie Ross le post-dealain:
Languages.inquiry@scottish.parliament.uk no air fòn gu: 0131 348 5191.
Cùl-fhiosrachadh
Tha e san amharc aig Riaghaltas na h-Alba cur air chomas do dhaoine òga uile dà chànan ionnsachadh (cho math ri cànan glùin na màthar aca) fhad is a tha iad anns a’ bhun-sgoil. Tha am moladh seo ag èirigh às na molaidhean san aithisg aig Buidheann-obrach Chànanan Pàrlamaid na h-Alba, ‘Language Learning in Scotland: A 1 + 2 Approach’. Mhol a’ Bhuidheann-obrach gum bu chòir gun ionnsaicheadh clann dara cànan bho Bhliadhna 1 sa bhun-sgoil agus gum bu chòir tòiseachadh air treas cànan ionnsachadh ann am Bliadhna 5 air a’ char as anmoiche.
Tha barrachd fiosrachaidh agus fios mionaideach bho fhianais air an deach beachd a ghabhail ri fhaotainn air duilleagan-dachaigh na Comataidh.
Fios conaltraidh
Fios do na Meadhanan
Public information
- Telephone enquiry line: 0800 092 7500 or 0131 348 5395 (Gàidhlig)
- info@parliament.scot
- Text 07786 209 888
- Ask a question online through live chat
- We also welcome calls using the Text Relay service or in British Sign Language through contactSCOTLAND-BSL
Keep up to date with us on: