Comadaidh ag iarraidh treòr Mhinistearan a thaobh Luchd-Ròmanaidh/Luchd-Siubhail

26.03.2013

Chaidh treòr Mhinistearan agus iomairt a thogas aire a’ mhòr-shluaigh gun lethbhreith a dhèanamh air Luchd-Ròmanaidh/Luchd-Siubhail iarraidh le Comataidh Co-ionannachd Chothroman san aithisg aca a chaidh fhoillseachadh an-diugh.

Cuiridh an rannsachadh Far am bi Luchd-Ròmanaidh/Luchd-Siubhail nan Còmhnaidh cuideam air an fhìor fhearg a dh’fhairicheas an dà chuid a’ choimhearsnachd agus a’ Chomataidh gu bheil na ceistean ’s na molaidhean ceudna a thog a’ Chomataidh a bh’ ann roimhe ann an 2001 fhathast gun fhuasgladh.

Thuirt Neach-gairm Chomataidh Co-ionannachd Chothroman, Màiri Nic a’ Phì BPA:

“Agus sinn fhèin air na droch àiteachan a thathar an dùil far am bu chòir Luchd-Ròmanaidh/Luchd-Siubhail fuireach fhaicinn, a dh’aindeoin iad a bhith a’ pàigheadh an cuid màil is cìs-chomhairle, tha e gu tur soilleir dhuinne gur mithich do Riaghaltas na h-Alba, do COSLA ’s do dh’ùghdarrasan ionadaile a’ chùis a ghabhail os làimh.

“Feumaidh ro-innleachd nàiseanta a bheir thaic do dh’ùghdarrasan ionadail a thaobh ro-innleachdan taigheadais do Luchd-Ròmanaidh/Luchd-Siubhail, cho math ri iomairt nàiseanta a thogas aire a chor is gun dèanar cinnteach nach tèid gabhail ri aon lethbhreith an aghaidh Luchd-Ròmanaidh/Luchd-Siubhail, a bhith air an tòiseachadh agus air an treòrachadh le Riaghaltas na h-Alba.

“Dhà bhliadhna dheug an dèidh don chiad aithris air Luchd-Ròmanaidh/Luchd-Siubhail a bhith air fhoillseachadh, tha sinne airson dèanamh cinnteach gun tèid rudeigin a dhèanamh an turas seo le Riaghaltas na h-Alba, COSLA agus na h-ùghdarrasan ionadail.”

’S e beachd Chomataidh Co-ionannachd Chothroman gur e a bhith a’ cur aghaidh ri lethbhreith aig ìre nàiseanta is coimhearsnachd an aon dòigh ’s gun tèid bacaidhean leantainneach air leasachadh laraichean-campachaidh a bhriseadh sìos, rud a chuidicheas Luchd-Ròmanaidh/Luchd-Siubhail ann a bhith a’ faighinn làn-chothrom air cùram-slàinte, foghlam is fastachd, rudan a tha a dhìth gu mòr mòr orra.

Nì a’ Chomataidh ath-sgrùdadh air freagairtean o Riaghaltas na h-Alba ’s o COSLA a thaobh an dà chuid an aithisg seo agus an aithisg air Luchd-Ròmanaidh/Luchd-Siubhail agus Cùram ro Iuchar 2013.

Cùl-sgeul

Ann an 2012, chuir Comataidh Co-ionannachd Chothroman romhpa leantainn air adhart le obair nan comataidhean a chaidh roimhe a thaobh beatha Luchd-Ròmanaidh/Luchd-Siubhail na h-Alba a chur am feabhas. Chaidh a’ chiad aithisg-rannsachaidh, Luchd-Ròmanaidh/Luchd-Siubhail agus Cùram, fhoillseachadh ann an Sultainn 2012 agus leig seo am follais gun robh duilgheadasan droch-shlàinte a-mach à cuimse am measg na coimhearsnachd. Chaidh an aithisg a tha ann an-dràsta, Far am bi Luchd-Ròmanaidh/Luchd-Siubhail nan Còmhnaidh, a chur air bhog ann am Màrt 2012 agus thadhail a’ Chomataidh air làraichean ann an Dùn Èideann, Dail Chè, Peairt, Baile Chloichridh, an t-Òban agus Ceann Loch Gilp gus droch stait nan làraichean fhaicinn dhaibh fhèin. Cuideachd, chum a’ Chomataidh coinneamh taobh-a-muigh aig Làrach Luchd-Siubhail Chluain Teartaidh, faisg air Obar Dheathain, ann an Gearran 2013.

Fios conaltraidh

Fios do na meadhanan

Committee information

Lean a' chomataidh air Twitter @SP_EqualOpps
no faigh a-mach barrachd mun rannsachadh aig: www.scottish.parliament.uk/Gypsy/Travellers

Public information

  • Telephone enquiry line: 0800 092 7500 or 0131 348 5395 (Gàidhlig)
  • info@parliament.scot
  • Text 07786 209 888
  • Ask a question online through live chat
  • We also welcome calls using the Text Relay service or in British Sign Language through contactSCOTLAND-BSL

Keep up to date with us on:

keep up to date with what's happening in Parliament on Facebook Follow the Scottish Parliament on Twitter @ScotParl keep up to date with what's 
happening in Parliament on YouTube

This website is using cookies.
We use cookies to ensure that we give you the best experience on our website. If you continue without changing your settings, we’ll assume that you are happy to receive all cookies on this website.