19.03.2013
Thèid a’ bhuaidh a bheir a’ Chairt Rìoghail air Fèin-smachdachadh leis na Pàipearan Naidheachd a sgrùdadh le Comataidh Foghlaim is Cultair na Pàrlamaid.
Chaidh a’ Chairt Rìoghail a stèidheachadh às dèidh rannsachadh leis a’ Mhorair Ceartais Leveson leis an amas a bhith a’ stèidheachadh riaghladair neo-eisimeileach tron Rioghachd Aonaichte air fad. Bheir a’ chomataidh sùil air dè bhios a’ chairt a’ ciallachadh an da-rìribh airson pàipearan naidheachd ann an Alba.
Thuirt Neach-gairm na Comataidh Stiùbhart Maxwell BPA:
“Tha e deatamach gun tèid a’ bhuaidh a bhios aig a’ Chairt Riaghail air Alba a sgrùdadh is a thuigsinn gu math. Tha a h-uile duine air a’ Chomataidh seo làn dheònach coimhead air seo ann an dòigh thar-phàrtaidh.”
“Feumaidh deasbad fosgailte, domhainn agus poblach a bhith ann air cuspair a tha a’ toirt buaidh cho mòr air gnìomhachas nan pàipearan naidheachd ann an Alba. Nì an rannsachadh againn sin.”
Cùl-fhiosrachadh
Tha riaghladh fhoillseachadh is phàipearan naidheachd (a’ gabhail a-steach stuth air-loidhne) an urra ri Pàrlamaid na h-Alba agus taobh a-staigh raon-ùghdarrais Comataidh Foghlaim is Cultair.
Chaidh a’ Chairt Rìoghail air Fèin-smachdachadh nam Pàipearan Naidheachd ainmeachadh leis a’ Phrìomhaire Diluain 18 Màrt 2013. Thàinig seo às dèidh rannsachadh leis a’ Mhorair Cheartais Leveson air na meadhanan.
Gabhaidh a’ Chomataidh fianais aig deireadh a’ Ghiblein. Bidh barrachd fiosrachaidh mun obair seo ri fhaighinn a dh’aithghearr:
http://www.scottish.parliament.uk/parliamentarybusiness/CurrentCommittees/29800.aspx
Fios Conaltraidh
Fios do na Meadhanan
- Linda Peters 0131 348 6269
- Fàilte ro text relay
- linda.peters@
scottish.parliament.uk
Fios Comataidh
- Terry Shevlin: 0131 348 5204
- Fàilte ro text relay
- terry.shevlin@
scottish.parliament.uk
Contact information
Media information
Committee information
Public information
- Telephone enquiry line: 0800 092 7500 or 0131 348 5395 (Gàidhlig)
- info@parliament.scot
- Text 07786 209 888
- Ask a question online through live chat
- We also welcome calls using the Text Relay service or in British Sign Language through contactSCOTLAND-BSL
Keep up to date with us on: