Comataidh a’ cur fàilte air prionnsapalan airson leasachadh foghlam às dèidh aois 16

20.03.2013

Chuir Comataidh Foghlam is Cultar Phàrlamaid na h-Alba taic, le mòr-chuid, ri prionnsapalan coitcheann Bile Foghlam Às Dèidh aois 16 (Alba) ach tha draghan aca mun reachdas a tha san amharc.

’S e amas a’ Bhile ach riaghladh earrannan foghlam àrd-ìre a leasachadh, agus cothrom faotainn a-steach do dh’oilthighean na h-Alba a leudachadh. San aithisg aca, chuir a’ Chomataidh taic ri slighe a’ phoileasaidh ach chuir iad cuideam air caochladh raon far am bu chòir do Riaghaltas na h-Alba agus feadhainn eile tuilleadh fiosrachaidh no soillearachaidh a thoirt seachad.

 

Thuirt Neach-gairm na Comataidh, Stewart Maxwell BPA:

 

“Chaidh aontachadh san fharsaingeachd gum feum earrannan foghlam àrd-ìre na h-Alba a bhith air an ath-leasachadh gus dèanamh cinnteach gun cuir iad cothroman beatha dhaoine òga am feabhas. Gidheadh, an dèidh dhuinn èisteached ri fios is fianais tha sinn deimhinne gum feum Riaghaltas na h-Alba soillearachadh a thoirt dhuinn air pàirtean àraid den Bhile, gu sònraichte far am buin seo ri roinneachadh nan colaistean.

 

“Cuideachd, dh’iarr sinn air Riaghaltas na h-Alba tuilleadh fiosrachaidh a thoirt dhuinn mu ciamar a dh’obraicheas stuctairean ùra nan colaistean agus mìneachadh a thoirt air na fo-phrionnsapalan a thaobh na tha san amharc aca de dh’ath-leasachadh bùird nan colaistean.

 

“Thathar cuideachd a’ dèiligeadh ri ceuman sa Bhile gus cothrom faotainn a-steach do dh’oilthighean na h-Alba a leudachadh. Cuiridh sinn fàilte air a’ phrionnsapal gun tèid cothrom a leudachadh agus tha sinn air faighneachd dè thachradh do dh’oilthigh sam bith a dh’fhàilnigeadh ann a bhith a’ coileanadh aonta a thaobh cothrom a leudachadh. Cuideachd, tha sinn air iarraidh gun tèid innse dhuinn gu h-às ùr is gu cunbhalach mu oidhirpean nan oithighean air cothrom a leudachadh, oir is e seo raon far a bheil Riaghaltas na h-Alba a’ sireadh leasachadh nach beag.”

 

Molaidhean eile san aithisg:

 

Riaghladh Foghlam Àrd-Ìre

Dh’iarr a’ Chomataidh—

·         soillearachadh air ciamar a sheachnas an reachd agus còd-riaghlaidh ùr nan oilthighean a bhith a’ dol air iomrall ann an raointean neo-iomchaidh de stiùireadh nan oilthighean 

·         beachd Riaghaltas na h-Alba a thaobh am bu chòir no nach bu chòir don Bhile a bhith air atharrachadh a rèir draghan nan oilthighean gun rachadh an neo-eisimeileachd a mhilleadh mar bhuil air a’ Bhile.

 

Cothrom

·         Tha a’ Chomataidh air faighneachd de Riaghaltas na h-Alba ciamar a sheachnar an cunnart a dh’fhaodadh a bhith ann gun gabh oilthighean ri targaidean laga a thaobh leudachaidh.  

Co-roinn dàta 

·         Dh’iarr a’ Chomataidh mìneachadh mionaichte air Leasachadh Sgilean na h-Alba mu ciamar a chumas iad taic fhor-ghnìomhach ri daoine òga a tha fo chunnart sgur a dh’ionnsachadh no a thrèanadh.  

Cùl-sgeul

Tha Bile Foghlam Iar-16 (Alba) a’ toirt dearbhadh reachdail do dh’iomadh atharrachadh ann am foghlam iar-16 na h-Alba.

 

’S e ath-eagrachadh nan colaistean am pàirt as motha den Bhile agus ’s e a thachras mar bhuil ach roinnean singilte agus roinnean ioma-cholaisteach. Thèid buidhnean ro-innleachdail roinneil a chruthachadh airson nan roinnean ioma-cholaisteach, agus sgaoilidh iadsan maoineachadh is nì iad planadh a thaobh ullachaidh thar na roinne.

 

Tha sia prìomh ullachaidhean ann, a dhèiligeas ris na raointean a leanas—

 

·         Riaghladh nan oilthighean

·         Leudachadh cothroim 

·         Cuibhreachadh air prìsean teagaisg

·         Roinneachadh nan colaistean

·         Ath-sgrùdadh air foghlam àrd-ìre so-mhaoineachadh 

·         Co-roinn dàta 

 

Gheibhear lethbhreac de dh’aithisg na Comataidh an seo;  

Susbaint Cheangailte

  • Leugh aithisg ìre 1 air Bile Foghlam Às Dèidh Aois 16 (Alba) (Beurla)

Fios Conaltraidh

Fios do na meadhanan:

Fios mun chomataidh

Public information

  • Telephone enquiry line: 0800 092 7500 or 0131 348 5395 (Gàidhlig)
  • info@parliament.scot
  • Text 07786 209 888
  • Ask a question online through live chat
  • We also welcome calls using the Text Relay service or in British Sign Language through contactSCOTLAND-BSL

Keep up to date with us on:

keep up to date with what's happening in Parliament on Facebook Follow the Scottish Parliament on Twitter @ScotParl keep up to date with what's 
happening in Parliament on YouTube

This website is using cookies.
We use cookies to ensure that we give you the best experience on our website. If you continue without changing your settings, we’ll assume that you are happy to receive all cookies on this website.