Cuir cudrom air foghlam agus thoir coimhearsnachdan an sàs gus stad a chur air call bith-eugsamhlachd (biodiversity), tha Comataidh Cùisean Dùthchail, Atharrachadh Clìomaid agus na h-Àrainneachd ag iarraidh

18.03.2013

Tha oideachadh an ath ghinealaich agus cur choimhearsnachdan air feadh Alba an sàs mun chuideam a tha air fiadh-bheatha, nàdar agus air an àrainneachd deatamach fhèin ma tha sinn gus stad a chur air call bith-eugsamhlachd a rèir Comataidh Cùisean Dùthchail, Atharrachadh Clìomaid agus na h-Àrainneachd.

Ag èirigh à fairtleachadh le Alba agus le dùthchannan Eòrpach eile targaidean mu bhith-eugsamhlachd a thoirt a-mach ann an 2010, tha a’ chomataidh air iarraidh an-diugh air Riaghaltas na h-Alba ath-sgrùdadh a dhèanamh air an ro-innleachd aige mu bhith-eugsamhlachd agus gnìomhadh a rèir nam moladh a rinn a’ Chomataidh.  

Thuirt Neach-gairm na Comataidh Rob Gibson BPA 

“Tha e ionmholta gu bheilear air targaidean a shocrachadh air feadh na h-Eòrpa gus feuchainn ri stad a chur air call bith-eugsamhlachd. Tha e cudromach, ge-tà, gum bi ro-innleachd ann an àite aig Alba a bheir an t-adhartas a tha a dhìth.  

“An dèidh dhuinn cluinntinn bhon fheadhainn a tha ag obair air a’ bhlàr-a-muigh, fhuair a’ Chomataidh againn a-mach gu bheil cion tuigse air a bhith ann a thaobh cò ris a bheil an urra gnìomh a ghabhail mu bhith-eugsamhlachd. Feumar aghaidh a chur air seo agus air ceistean bunaiteach eile leithid oideachadh an ath ghinealaich mun fhiadh-bheatha againn agus toirt choimhearsnachdan an sàs ann an nàdar anns an ro-innleachd dheireannaich.   

“Tha a’ bhith-eugsamhlachd againn fo bhagairt gun sgur – bho atharrachadh na clìomaid gu gnèithean coimheach agus an cothromachadh sìorraidh eadar caomhnadh na h-àrainneachd nàdarra againn agus am bruthadh ann am farpais air an fhearann againn.    

“Tha caomhnadh na fiadh-bheatha againn cudromach chan ann dìreach air sgàth nàdair ach air sàilleabh nam buannachdan nach beag a bheir àrainneachd rathail, buannachdan a thaobh slàinte, buannachdan eaconamach is sòisealta nam measg.”

 Chuala a’ Chomataidh bho ghrunnd de luchd-pàirteachaidh gus molaidhean a dhèanamh mun ro-innleachd a tha san amharc aig Riaghaltas na h-Alba a thaobh bith-eugsamhlachd: Dùbhlan 2020 air Bith-eugsamhlachd na h-Alba.  

Air an cur an cèill ann an litir a chuireadh don Mhinistear airson na h-Àrainneachd agus Atharrachadh na Clìomaid, tha a’ Chomataidh air na molaidhean a dhèanamh mun ro-innleachd a tha san amharc aig Riaghaltas na h-Alba.  

  • Cothrom agus ceangal poblach. Chuir a’ Chomataidh dragh an cèill gu bheil mu 75% de dh’àireamh an t-sluaigh ann aig nach eil fios ge dè tha bith-eugsamhlachd a’ ciallachadh. B’ e an sealladh farsaing a bha ann gun fheum sinn seo a dhèanamh nas soilleire agus gum brosnaich sinn am poball anns an fharsaingeachd gus dol an sàs gu gnìomhach ri nàdar. Tha a’ Chomataidh a’ moladh gun dèan Riaghaltas na h-Alba cinnteach gum bi san ro-innleachd dheireannaich aige barrachd fiosrachaidh air dòighean gus am poball san fharsaingeachd a thoirt a-steach ann an uimhir a thaobh de dh’fhiadh-bheatha, lusan agus de dh'àrainnean is a ghabhas, ionadan is sgoiltean agus le com-pàirtichean sna roinnean ri gnìomhachas is obair shaor-thoileach nam measg.
  • Foghlam. Is lèir don Chomataidh gu bheil a bith a' dèanamh ionnsachaidh air a’ bhlàr-a-muigh agus mun nàdar mar mhìr deatamach den Chlàr-oideachaidh, an dà chuid sna bun-sgoiltean is sna h-àrd-sgoiltean, deatamach do shoirbheachadh obrach san àm air thoiseach gus fiadh-bheatha is àrainneachd na h-Alba a dhìon is a mheudachadh. Bu chòir gu sònraichte barrachd a dhèanamh gus ùidh ann an nàdar a bhrosnachadh is a chumail suas anns na h-àrd-sgoiltean. 
  • Coitcheannachadh (mainstreaming). Tha a’ Chomataidh ag aontachadh gum bu chòir gum biodh poileasaidh mu bhith-eugsamhlachd air a neadachadh ann an roinnean uile Riaghaltas na h-Alba gus ceannas a thoirt a leanas gnìomhachas agus am poball san fharsaingeachd.  Chuir luchd-pàirteachaidh dragh an cèill cuideachd mun ìre de cheanglaichean ann an gnìomh a ghabhas mòran ùghdarrasan ionadail ri bith-eugsamhlachd. Tha a’ Chomataidh a’ moladh gun tèid barrachd mionaideachd air mar a thèid na dleastanasan air buidhnean poblach a thaobh bith-eugsamhlachd a nochdadh anns an ro-innleachd dheireannaich. 
  • Toirt air èiceo-shiostaman truaillte (degraded ecosystems). Tha a’ Chomataidh a’ moladh gun tèid aghaidh a thoirt gu follaiseach air toirt air ais èiceo-shiostaman air an truailleadh anns an ro-innleachd dheireannaich. 
  • Cùisean na mara is eòin na mara. Chuala a’ Chomataidh gu bheil barrachd is barrachd de bhagairt ga sparradh air bith-eugsamhlachd na mara. Tha e san amharc aig a’ Chomataidh ainmeachadh nan Àrainn-mara air an Dìon a dhearcnachadh cho math ris an obair a tha a’ dol air adhart air a’ Phlana-mhara Nàiseanta agus iarraidh i air a’ Mhinistear fios às ùr a chumail rithe.
  • Rianachd air fearann. Tha a’ Chomataidh a’ moladh gun cuir Riaghaltas na h-Alba san àireamh cho cudromach agus a tha e dèanamh cinnteach gum bi cothrom gun dàil air comhairle iomchaidh do luchd-rianachd fearainn.    
  • Neonicotinoids. Tha an aon cheist a thog luchd-pàirteachaidh mu chleachdadh neonicotinoids air a’ Chomataidh agus tha i a’ cur fàilte agus cho mòr ann an da-rìribh agus a bhios Riaghaltas na h-Alba a’ coimhead air a’ cheist seo cuideachd.  Seo ceist a chumas a’ Chomataidh oirre a’ dearcnachadh gu dlùth. 
  • Gnèithean coimheach ionnsaigheach (invasive non-native species). Aonan de na ceistean as motha dragh a chuireadh an cèill dhan Chomataidh is e ceist nan gnèithean coimheach ionnsaigheach. Chuala i bho luchd-pàirteachaidh gu bheil bith-thèarainteachd agus cur stad air gnèithean coimheach ionnsaigheach a’ nochdadh anns an dùthaich seo agus air gluasad ghnèithean aon uair is bheilear air an sònrachadh gu math buntainneach gus a’ bhuaidh a bheir iad an dà chuid air a’ bhith-eugsamhlachd againn is an eaconamaidh againn a lùghdachadh.
  • Measadh is targaidean. Tha a’ Chomataidh den bheachd gum bu chòir gum biodh targaidean san ro-innleachd mu bhith-eugsamhlachd soilleir agus gum faodar an toirt a-mach agus gum bu chòir gum biodh uallach is dleastanasan a thaobh toirt gu buil follaiseach. Chuireadh a’ Chomataidh fàilte air ùrachadh bliadhnail mu adhartas a thaobh a bhith a’ cur na ro-innleachd an gnìomh, far am bu chòir fiosrachadh a thoirt a-steach mu atharrachaidhean sam bith a tha dhìth gus na targaidean a thoirt a-mach.

Cùl-fhiosrachadh

Dh'fhoillsich Riaghaltas na h-Alba an co-chomhairleachadh aige air an ro-innleachd aige mu bhith-eugsamhlachd:  Dùbhlan 2020 air Bith-eugsamhlachd na h-Alba san Ògmhios.  

Is e a tha ann an Dùbhlan 2020 freagairt na h-Alba air Ro-innleachd Aonadh na h-Eòrpa mu Bhith-eugsamhlachd airson 2020 agus na ‘Targaidean Aichi’ a shocraich Seanadh nan Dùthchannan Aonaichte air Eugsamhlachd Bhith-eòlach. 

Contact information

Media information

Committee information

Public information

  • Telephone enquiry line: 0800 092 7500 or 0131 348 5395 (Gàidhlig)
  • info@parliament.scot
  • Text 07786 209 888
  • Ask a question online through live chat
  • We also welcome calls using the Text Relay service or in British Sign Language through contactSCOTLAND-BSL

Keep up to date with us on:

keep up to date with what's happening in Parliament on Facebook Follow the Scottish Parliament on Twitter @ScotParl keep up to date with what's 
happening in Parliament on YouTube

This website is using cookies.
We use cookies to ensure that we give you the best experience on our website. If you continue without changing your settings, we’ll assume that you are happy to receive all cookies on this website.