Pàrlamaid na h-Alba a’ tadhal air na h-Eileanan an Iar

14.03.2013

Bidh Pàrlamaid na h-Alba a’ tadhal air na h-Eileanan an Iar a dh’aithghearr.  Air Dihaoine 15 Màrt tadhlaidh an t-Oifigear Riaghlaidh, Tricia Marwick, air an sgìre airson a’ chiad uair a-riamh mar phàirt den phrògram thachartasan “Latha na Pàrlamaid”. 

Chaidh Latha na Pàrlamaid a chur air dòigh gus cothrom a thoirt do dhaoine air feadh na h-Alba sealladh fhaighinn air obair na Pàrlamaid agus an luchd-poilitigs aice, agus tadhlaidh an t-Oifigear Riaghlaidh air grunn bhuidhnean coimhearsnachd air feadh na h-Eileanan an Iar. Cumaidh Comataidh nan Athchuingean Poblach bùth-obrach gus cothrom a thoirt do dhaoine sa sgìre barrachd ionnsachadh mu bhith a’ cur athchuingean a-steach don Phàrlamaid. Cumaidh a’ Chomataidh coinneamh fhoirmeil ann an Steòrnabhagh nas fhaide air an latha.

A’ bruidhinn air thoiseach air Latha na Pàrlamaid, thuirt an t-Oifigear Riaghlaidh Tricia Marwick BPA:

“Tha ruigsinneachd agus fosgailteachd aig cridhe Pàrlamaid na h-Alba agus tha Latha na Pàrlamaid mu dheidhinn a bhith a’ dèanamh cinnteach gu bheil an obair a tha sinn a’ dèanamh dìreach mar sin – ruigsinneach do dhaoine air feadh na h-Alba.

“Thug an ùidh a nochd muinntir nan Eilean Siar airson Latha na Pàrlamaid agus airson a bhith an sàs anns a’ Phàrlamaid aca buaidh orm. Le bhith a’ tadhal agus a’ coinneachadh ri daoine a tha a’ fuireach agus ag obair anns na coimhearsnachdan aca, nì sinn cinnteach gum bi a’ Phàrlamaid dha-rìreabh fosgailte dhuinn uile.”

Thuirt Dàibhidh Stiùbhart BPA, Neach-gairm Comataidh nan Athchuingean Poblach:

“Is ann mu dheidhinn daoine àbhaisteach a bhith aig cridhe na Pàrlamaid a tha pròiseas athchuingean Pàrlamaid na h-Alba agus le bhith a’ toirt Latha na Pàrlamaid gu na h-Eileanan an Iar tha sinn a’ toirt fìor chothrom do dhaoine a bhith an sàs leis a’ Phàrlamaid aca agus bidh iad ag ionnsachadh mar as urrainn dhaibh buaidh a thoirt air cùisean.”

Bidh daoine bho choimhearsnachdan air feadh na h-Eileanan an Iar an sàs ann a bhith a’ cur fàilte air a’ Phàrlamaid agus chithear sin anns na tachartasan a bhios ann timcheall turas na Pàrlamaid.

 Tachartasan Latha na Pàrlamaid

An t-Oifigear Riaghlaidh

Am measg nam buidhnean air an tadhal an t-Oifigear Riaghlaidh tha Buidheann Oir-ghreus Mòr na h-Alba anns Na Hearadh a tha ag obair air oir-ghreus fìor mhòr a tha a’ taisbeanadh eachdraidh na h-Alba. Tadhlaidh i cuideachd air Hebrides Alpha, pròiseact a tha a’ toirt obair leigheasail do dhaoine le trioblaidean liubhart drugaichean is deoch làidir. Tadhlaidh an t-Oifigear Riaghlaidh cuideachd air Ionad Luchd-tadhail Seallam a bharrachd air a bhith a’ toirt aoigheachd do choinneamh de bhuidhnean coimhearsnachd a tha stèidhichte anns Na Hearadh.

Foghlam

Bidh Sgioba Foghlaim Coimhearsnachd na Pàrlamaid ag obair le sgoilearan ann an sgoiltean ionadail ro Latha na Pàrlamaid gus am faigh iad tuigse nas fheàrr air obair na Pàrlamaid agus obair Comataidh nan Athchuingean Poblach.

Air Dihaoine 15 Màrt, bheir BPA ionadail agus buill Comataidh nan Athchuingean Poblach aoigheachd do sheisean C&F le buill de chomhairlean òigridh ionadail far an tèid grunn cheistean a chur orra mu obair na Pàrlamaid. 

Comataidh nan Athchuingean Poblach

Bidh Comataidh nan Athchuingean Poblach a’ beachdachadh air athchuingean poblach a chaidh an cur a-steach chun Phàrlamaid. Faodaidh iad sin a bhith co-cheangailte ri raon farsaing de chuspairean eadar a bhith a’ faighinn cungaidhean-leigheis is am bu chòir craobh nàiseanta a bhith aig Alba.

Air a’ Chomataidh tha seachdnar BhPA bho dhiofar phàrtaidhean poilitigeach le Dàibhidh Stiùbhart BPA mar Neach-gairm agus na chois Chic Brodie BPA mar Leas-neach Gairm. Is e na buill eile Aonghas Dòmhnallach BPA, Iain MacUilleim BPA, Adhamh Ingram BPA, Anna Nic an t-Sagairt BPA agus Jackson Carlaw BPA.

Mar phàirt de Latha na Pàrlamaid, bidh a’ Chomataidh a’ cumail bùth-obrach tadhail far an urrainn do mhuinntir na coimhearsnachd coinneachadh ri buill na Comataidh agus tuilleadh ionnsachadh mu mar as urrainnear athchuinge a chur a-steach do Phàrlamaid na h-Alba. Bidh luchd-obrach na Pàrlamaid an làthair gus cuideachadh a thoirt dhaibhsan a tha airson athchuinge a chur a-steach don Phàrlamaid.

Cùl-fhiosrachadh

Gheibhear clàr-chùisean is pàipearan coinneamh Comataidh nan Athchuingean Poblach air Dihaoine 15 Màrt an seo:

http://pàrlamaidnahalba.ra/S4_ComataidhnanAthchuingeanPoblach/Coinneamh%20Pàipearan/Pàipearan_20130315.pdf

 

Fios conaltraidh

Fiosrachadh conaltraidh

Public information

  • Telephone enquiry line: 0800 092 7500 or 0131 348 5395 (Gàidhlig)
  • info@parliament.scot
  • Text 07786 209 888
  • Ask a question online through live chat
  • We also welcome calls using the Text Relay service or in British Sign Language through contactSCOTLAND-BSL

Keep up to date with us on:

keep up to date with what's happening in Parliament on Facebook Follow the Scottish Parliament on Twitter @ScotParl keep up to date with what's 
happening in Parliament on YouTube

This website is using cookies.
We use cookies to ensure that we give you the best experience on our website. If you continue without changing your settings, we’ll assume that you are happy to receive all cookies on this website.