Daoine agus Athchuingean aig cridhe dàrna Latha na Pàrlamaid

07.03.2013

Bidh muinntir nan Eilean Siar agus na ceistean as cudromaiche dhaibhsan aig cridhe ‘Latha na Pàrlamaid’ a ghabhas àite air Dihaoine 15 Màrt 2013.

Rud nach d' rinneadh roimhe aig a’ Phàrlamaid, cumaidh buill Chomataidh nan Athchuingean Poblach bùth-obrach gus pròiseas nan athchuingean a thoirt am follais agus gus sealltainn do mhuinntir Steòrnabhaigh is nan Eilean Siar mar as urrainn dhaibh buaidh a thoirt air poileasaidhean agus na ceistean a tha cudromach dhaibh a bhith air an togail aig Taigh an Ròid.

Thuirt Neach-gairm na Comataidh, Dàibhidh Stiùbhart BPA:

“Tha siostam athchuingean Pàrlamaid na h-Alba air leigeil le daoine bho air feadh na h-Alba am pàirt fhèin a bhith aca ann a bhith a’ cumadh na dùthcha. Tha ceistean mar chothrom air stuthan-leigheis, saor-fhòn gu SNS24 agus draghan mu chòmhdhail ann an sgìrean dùthchail air a bhith air an togail aig comataidh nan athchuingean agus deagh bhuil air leantainn às an dèidh.

“Tha ar Comataidh a’ dèanamh fiùghair ri coinneachadh ri buidhnean is daoine air leth bho air feadh nan Eilean Siar aig an tachartas neo-àbhaisteach seo. Tachartas far am faod daoine tighinn ann ’s barrachd ionnsachadh mu mar a dh’obraicheas siostam nan athchuingean, cho math ri athchuingean aca fhèin a chur a-steach.”

An dèidh a’ bhùth-obrach, cumaidh a’ Chomataidh coinneamh fhoirmeil far an èisd na buill ri fianais mu ghrunn athchuingean a tha a’ toirt buaidh orrasan a tha a’ còmhnaidh ’s ag obair sna h-Eileanan Siar, cho math ri èisteachd ri grunn athchuingean leantainneach.

Gabhaidh tiocaidean gu coinneamh na Comataidh a chur air leth le bhith a’ dol an conaltradh ri Seirbheisean Luchd-tadhail na Pàrlamaid air 0131 348 5200 neo aig sp.bookings@scottish.parliament.uk.  Faodar tadhail a-steach don bhùth-obrach aig àm sam bith neo faodaidh sibh clàradh ro-làimh le bhith a’ dol an conaltradh ri Seirbheisean Luchd-tadhail.

Ri linn ‘Latha na Pàrlamaid’, far am bi obair na Pàrlamaid a’ dol a-steach gu cridhe choimhearsnachdan, bidh cuideachd grunn sgoiltean ionadaile an-sàs ann a bhith ag ionnsachadh tuilleadh mun Phàrlamaid agus bidh an t-Oifigear Riaghlaidh, Tricia Marwick BPA, a’ tadhail air grunn phròiseactan choimhearsnachd.

Cùl-sgeul

Mar iomairt ùr, bidh ‘Latha na Pàrlamaid’ a’ toirt a cuid obrach is obair nam ball aice a-steach gu coimhearsnachdan thar na dùthcha. Ghabh a’ chiad ‘Latha na Pàrlamaid’ àite air Diluain 5 Samhain ann an Hamhaig ’s mar phàirt mòr dhe seo bha coinneamh fhoirmeil aig Comataidh an Ionmhais, tursan gu sgoiltean ionadaile le BPAan agus prògram de ghnothaichean aig an Oifigear Riaghlaidh.

Bidh bùth-obrach Chomataidh nan Athchuingean Poblach air chois o 11.00m air Dihaoine 15 Màrt ann an Seòmar Comataidh 3, Comhairle nan Eilean Siar, Rathad Shanndabhaig, Steòrnabhagh.

Tòisichidh coinneamh fhoirmeil na Comataidh aig 2.00f ann an Seòmraichean Chomhairle nan Eilean Siar. Faodar tiocaidean don choinneimh seo a chur air leth ro-làimh le bhith a’ dol an conaltradh ri Seirbheisean Luchd-tadhail Pàrlamaid na h-Alba air:

sp.bookings@scottish.parliament.uk

  • 0131 348 5200
  • 0800 092 7600 (Luchd-cleachdaidh fònaichean-teacsa: 0800 092 7100)

Contact information

Media information

Public information

  • Telephone enquiry line: 0800 092 7500 or 0131 348 5395 (Gàidhlig)
  • info@parliament.scot
  • Text 07786 209 888
  • Ask a question online through live chat
  • We also welcome calls using the Text Relay service or in British Sign Language through contactSCOTLAND-BSL

Keep up to date with us on:

keep up to date with what's happening in Parliament on Facebook Follow the Scottish Parliament on Twitter @ScotParl keep up to date with what's 
happening in Parliament on YouTube

This website is using cookies.
We use cookies to ensure that we give you the best experience on our website. If you continue without changing your settings, we’ll assume that you are happy to receive all cookies on this website.