06.03.2013
Thèid ceuman aig e bheil e mar amas a bhith a’ dìon nan daoine as so-leònte a sgrùdadh ann an rannsachadh a chuir Comataidh nan Athchuingean Poblach aig Pàrlamaid na h-Alba air bhog an-diugh.
Bidh èifeachdalachd nan cleachdaidhean agus nan stiùiridhean a tha ann an-dràsta gus dèiligeadh ri agus gus stad a chur air dubh-bhrath gnèitheasach (sexual exploitation) air clann mar chuspair don rannsachadh. Seallaidh e cuideachd air dè an còrr a dh’fheumar a dhèanamh fhathast.
Thathar air an rannsachadh a chur air bhog an dèidh dhan Chomataidh beachd a ghabhail air athchuinge (PE1393) a chuir Barnardo’s na h-Alba a-steach ag iarraidh air Riaghaltas na h-Alba aghaidh a chur ri dubh-bhrath gnèitheasach air clann ann an Alba.
Agus e a’ cur an rannsachadh air bhog ri linn dha tadhal air Barnardo’s na h-Alba gus coinneachadh ris an fheadhainn a tha ag obair le feadhainn a dh’fhuiling dubh-bhrath gnèitheasach, thuirt Neach-gairm na Comataidh Dàibhidh Stiùbhart BPA:
“Bu chòir gum biodh còir aig a h-uile pàiste air òige saor bho dhubh-bhrath de sheòrsa sam bith. Tha a’ Chomataidh againn ag iarraidh sgrùdadh a dhèanamh air na ceuman a tha ann an-dràsta gus aghaidh a chur air a’ chleachdadh anabarrach sgriosail seo. Seallaidh sinn cuideachd air dè an còrr a dh’fheumar a dhèanamh gus aghaidh a chur air dubh-bhrath gnèitheasach air clann agus taic a chur ris an fheadhainn a dh’fhuiling gus am beatha a thogail às ùr.
“Cha bhi freagairtean soirbh sam bith ann ach tha sinn ag iarraidh dèanamh gu bheilear a’ dèanamh na ghabhas dèanamh gus an fheadhainn as sol-leònte san rìoghachd againn a dhìon.”
Bu mhath leis a’ Chomataidh cluinntinn bhon fheadhainn a tha ag obair gus ionnsaigh a thoirt air dubh-bhrath gnèitheasach air clann agus bhon fheadhainn a bheir taic dhaibh-san a dh’fhuiling. Bu mhath leatha cluinntinn cuideachd bhon fheadhainn aig a bheil fiosrachadh air dè an còrr a ghabhas dèanamh.
Am measg nan ceistean bunaiteach a chuirear ri linn an rannsachaidh, tha:
- Dè na seòrsaichean as cumanta de dhubh-bhrath gnèitheasach air clann a tha ann;
- Dè na prìomh shlighean a bheir air daoine òga a bhith an sàs ann an dubh-bhrath gnèitheasach;
- Dè na samhlaidhean a tha ann de chleachdadh eadar mhath is dhona tro obrachadh le diofar bhuidhnean-gnìomha; agus
- Dè na h-atharrachaidhean a b’ fheumaile a bhiodh ann gus cosg a cur air dubh-bhrath air clann.
Cùl-fhiosrachadh
Chaidh Athchuinge PE1393 a chur a-steach le Barnardo’s na h-Alba agus i ag iarraidh air Riaghaltas na h-Alba:
coiteachadh air Riaghaltas na h-Alba (1) rannsachadh ùr mu sheòrsa agus mu ìre dubh-bhrath gnèitheasach air clann ann an Alba iarraidh; (2) aithisg a thoirt air ais mu na puingean-gnìomha gu lèir anns an stiùireadh bho Riaghaltas na h-Alba ann an 2003 air Dubh-bhrath Gnèitheasach tro Strìopachas air Clann Sho-leònte agus Daoine Òga; (3) stiùireadh Riaghaltas na h-Alba air dubh-bhrath gnèitheasach air Alba ath-bhreithneachadh agus a leasachadh, a dh’ùraicheas stiùireadh Albannach 2003 agus a chuireas a-steach na mìrean buntainneach de Stiùireadh Nàiseanta Dìon-cloinne 2010.
Is e an raon-ùghdarrais aig an rannsachadh ùr sgrùdadh a dhèanamh air seòrsa agus ìre dubh-bhrath gnèitheasach air clann ann an Alba; ann an co-bhonn ri buidhnean-gnìomha is luchd-pàirteachais obrachadh a-mach dè na cuspairean as moth air an fheumar aghaidh a chur; èifeachdalachd nan ceuman a tha ann an-dràsta aig a bheil mar amas ionnsaigh a thoirt agus stad a chur air dubh-bhrath gnèitheasach air clann a sgrùdadh; agus molaidhean a dhèanamh mu na dh’fheumar dèanamh gus èifeachdalachd nan ceuman sin a leasachadh.
Is e an ceann-latha mu dheireadh a tha ann gus beachdan a chur a-steach 30 Giblean 2013.
Bu chòir beachdan a chur, uimhir is a ghabhas e dèanamh, ann an cruth dealanach agus ann an riochd MS Word gu petitions@scottish.parliament.uk.
Faodar beachdan a chur ann an cruth cruaidh gu:
Comataidh nan Athchuingean Poblach
T3.40
Pàrlamaid na h-Alba
Dùn Èideann
EH99 1SP
Fios Conaltraidh
Fios do na meadhanan
Fios comataidh
Fiosrachadh a' Phobaill
Lean air twitter sinn @scotparl agus @ParlAlba