Coinnichidh Ban-Albannaich a thug buaidh ri chèile aig a’ Phàrlamaid

05.03.2013

’S i Buaidh nam Ban fòcas Latha Eadar-nàiseanta nam Ban a thèid a chomharrachadh aig Pàrlamaid na h-Alba Disathairne seo tighinn.

Gabhaidh ceudan de bhoireannaich  pàirt san tachartas bhliadhnail seo aig a bheil an t-amas na thug boireannaich a-mach a chomharrachadh agus dol-an-sàs bhoireannaich a thaobh buaidh a thoirt air poileasaidhean a mheudachadh.

 

Thuirt Leas-Oifigear-Riaghlaidh Elaine Nic a’ Ghobhainn BPA, a bhios mar chathraiche air an tachartas:

 

“Tha Pàrlamaid na h-Alba aon uair eile glè thoilichte a bhith an-sàs ann an Latha Eadar-nàiseanta nam Ban. Tha mi a’ cur meal-a-naidheachd air Còmhdhail nam Ban-Albannach agus iad a’ comharrachadh 10 Bliadhna. Tha am fòram seo cudromach ann a bhith a’ toirt a h-uile seòrsa de bhoireannach a-steach don Phàrlamaid aca gus cùisean a bheir buaidh orra nam beatha làitheil a dheasbad.

 

“Bidh deasbad na bliadhna seo a’ comharrachadh bhoireannaich a fhuair seachad air bacaidhean ann am foghlam, fastachd ’s ann am beatha shòisealta is phoilitigeach gus buaidh a thoirt air an t-saoghal sa bheil iad beò. Bidh an sgioba spreagach de luchd-labhairt ag amas air a h-uile boireannach a bhrosnachadh gus taic a chumail ri chèile, neo-ionannachd a chur fo dhùbhlan agus tuigsinn cuideachd gum faod iadsan fìor dhiofar a dhèanamh aig ìre ionadail, nàiseanta agus eadar-nàiseanta.”

 

Mar phàirt de thachartas na bliadhna seo thèid gluasad a thaobh Boireannaich is Obair a dheasbad agus cuiridh seo ri rannsachadh Boireannaich ann an Obair aig a’ Chomataidh Co-ionannachd Chothroman. Tha seo a’ dèiligeadh ri cùisean mar obair phàirt-ùine; sgaradh a thaobh dreuchd; cùram-cloinne; boireannaich ann an gnìomhachas; stiùir a thaobh tuarastal neo-ionann ann an ùghdarrasan ionadaile; agus mar a bhios seasamhan is ath-leasachaidhean ann an sochairean sòisealta a’ toirt buaidh air boireannaich ’s air teaghlaichean.  

 

Thuirt Neach-gairm na Comataidh Mary Fee BPA, a bhios cuideachd a’ labhairt aig an tachartas:

 

“Tha ar Comataidh glè thoilichte a bhith mar phàirt de Latha Eadar-nàiseanta nam Ban agus nì sinn cinnteach gum bithear a’ dèiligeadh ri beachdan phearsanta bhoireannaich a thaobh mar a chaidh dhaibh ann a bhith a’ faighinn air adhart san ionad-obrach anns an rannsachadh againn, Boireannaich ann an Obair.”

 

Tha Pàrlamaid na h-Alba air tachartas a chumail a chomharraicheas Latha Eadar-nàiseanta nam Ban a h-uile bliadhna o 2007. Bidh Còmhdhail nam Ban-Albannach, a chomharraicheas 10 bliadhna, a’ cur an tachartas air dòigh, agus is iad luchd-labhairt na bliadhna-sa ach:

 

·      Agnes Tolmie - Cathraiche Chòmhdhail nam Ban-Albannach agus neach-iomairt gnìomhach ann an gnothaichean bhan fad còrr is trithead bliadhna.   

·      Nicola Sturgeon BPA – Leas-Prìomh-Mhinistear agus Rùnaire a’ Chaibineit airson Bun-structair, Cur-an-Seilbh is Cathair-bhailtean. 

·      Margaret Curran BP – a bha na BPA agus i nis mar Rùnaire Stàite Dùbhlain na h-Alba.  

·      Maria Fyfe – a bha na BP Làbarach airson Cnoc Mhuire/Maryhill agus Cathraiche còmhlan-obrach Chòmhdhail Co-chruinneachadh Bun-reachdail na h-Alba airson riochdachadh co-ionann do bhoireannaich sa Phàrlamaid Albannach a bhathar san amharc.  

·      Mette Kindberg – Ceann-suidhe Chomataidh nam Ban de Dhùthchannan Aonaichte na Roinn Eòrpa-an t-Saoghail.  

·      Mary Fee BPA – Neach-gairm Chomataidh Co-ionannachd Chothroman aig Pàrlamaid na h-Alba a tha an ceart-uair ri rannsachadh air Boireannaich ann an Obair.  

·      Le bàrdachd ga h-aithris aig Liz Lochhead – Bàrd Albannach, dràmaiche, sgrìobhadair. 

 

Cùl-sgeul

Tha Latha Eadar-nàiseanta nam Ban, a thèid a chumail gach bliadhna air 8 Màrt, na latha air feadh an t-saoghail a nì comharrachadh air na thug boireannaich a-mach ri linntean a dh’fhalbh, ri ar linn fhèin agus ri linntean ri thighinn, a thaobh chùisean phoilitigeach is shòisealta.

 

Thèid tachartas Latha Eadar-nàiseanta nam Ban a chumail aig Pàrlamaid na h-Alba air Disathairne 9 Màrt.

 

Dealbhan

Bidh dealbhan den tachartas ri fhaotainn o neach-camara Phàrlamaid na h-Alba Anndra Cowan ach fòn a chur gu 0131 348 5878 agus gabhaidh iad a luchdachadh a-nuas aig www.scottishparliamentphoto.com.

 

Fios conaltraidh

Fiosrachadh conaltraidh

Public information

Twitter @scotparl , @ParlAlba

 

This website is using cookies.
We use cookies to ensure that we give you the best experience on our website. If you continue without changing your settings, we’ll assume that you are happy to receive all cookies on this website.