Cuideam air a’ chàirdeas eadar Alba agus Èirinn

04.03.2013

Bidh an Leas-oifigear Riaghlaidh Iain Scott BPA an ceannas air buidheann-riochdachaidh Bhall an t-seachdain seo agus iad a’ frithealadh air an t-Seanadh Phàrlamaideach Bhreatannach agus Èireannach (BIPA) ann an Tìr Chonaill, Poblachd na h-Èireann.

Bidh na Buill an sàs anns a’ cho-labhairt fad dà latha nuair a thèid lùth agus stuth ath-nuadhachaidh a dheasbad. Bidh na Buill Willie Coffey, Sìobhan Nic Mhathain, Màire Ní Scannláin agus Alison NicAonghais còmhla ri Mghr. Scott a’ deasbad seo agus chuspairean cumanta eile le riochdairean air an taghadh bho Eileanan Bhreatainn air fad.

Agus e a’ bruidhinn ron cho-labhairt, thuirt an Leas-oifigear Riaghlaidh Iain Scott BPA:

“Tha a’ choinneamh BIPA seo leis an t-Seanadh na chothrom dha-rìribh gus a bhith ag obair leis na caraidean againn bho air feadh na Rìoghachd Aonaichte agus na h-Èireann. Tha na ceistean mu sholar-lùtha san àm ri teachd cumanta air feadh Eileanan Bhreatainn agus bidh a’ cho-labhairt na cothrom an cruth a bhios air an roinn ri lùth san ùine romhainn agus gu sònraichte an t-àite aig lùth ath-nuadhachaidh a dheasbad. Tha fiughair agam ri cruinneachadh cruthachail agus sinn a’ feuchainn ri aghaidh a thoirt air ceistean a bhios, mar a tha fios agam, a’ cur air muinntir na h-Alba.”

Air a’ chlàr tha òraid le Éanna Ó Cionnaith TD, An Taoiseach, agus deasbad-pannail anns am bi eòlaichean mu ghineadh-lùtha an sàs.

Diluain

Fàilte agus facal-toisich le Pól Ó hAnnagáin, Ceann-suidhe Institiùid Teicneòlais Leitir Ceanainn a tha an ceann chùisean agus an Dr Brian Motherway, Ceannard air Buidheann-gnìomha Lùth Ath-nuadhachaidh na h-Èireann.

Am measg nan deasbadan a nì na comataidhean tha:

  • Aithisg-adhartais mu obair na Comataidh air cùisean flaitheach le Frank Feighan, TD
  • Aithisg air aonaidhean-creideis air a cur an làthair le Jack Wall, TD

Òraidean air:

  • ‘Breatainn agus Èirinn: A’ lìbhrigeadh nam Buannachdan an Lùib Lùth Ath-nuadhachaidh’ le Pat Rabbitte, TD, Ministear airson Conaltraidh, Lùtha agus Ghoireasan Nàdarra
  • ‘Sealladh mu Lùth Glan san Roinn-Eòrpa’ le Eddie Ó Conchúir, Ceannard Mainstream Renewable Power
  • ‘Targaidean an AE mu Lùth: Dùbhlain agus Cothroman’ le Philip Lowe, Stiùiriche airson Lùtha, Coimisean Eòrpach
  • Òraid: Éanna Ó Cionnaith TD, An Taoiseach

Deasbad-pannail air ‘Cothroman airson Fàs is Fastadh ann an lùth’ le:

  • Brian Britton, Cathraiche, Comann Gaoth-mara na h-Èireann agus Ball de Bhòrd Seòmar-malairt Bhreatainn is Èireann agus Leas-chathraiche air Comataidh Lùtha
  • David Manning, Stiùiriche Chùisean Corporra aig SSE na h-Èireann
  • Niall Stiùbhart, Stiùiriche Renewable Businesses aig Glendimplex
  • Sue Barr, Manaidsear na h-Àrainneachd agus Chùisean A-muigh aig Open Hydro
  • Tim Cowhig, Ceannard Element Power

Dimàirt

Am measg nan deasbadan a nì na comataidhean tha:

  • ‘Ro-innleachd a’ Chuain Siar: Buannachdan do Bhreatainn agus do dh’Èirinn’ air a chur an làthair le Raibeart MacBhàtair BP
  • Aithisg air an obair aig a’ Chomataidh air cùisean Àrainneachd agus Sòisealta air a cur an làthair leis a’ Mhorair Alfred Dubs

Òraidean air:

  • ‘Mar a Dh’fhàsas Lùth sna Deich Bliadhna Romhainn’ le Pat Ó Dochartaigh, Ceannard BSL
  • ‘A’ Lìbhrigeadh Lùtha a tha Tèarainte, Seasmhach agus Farpaiseach don Luchd-chaitheimh Uile’ le Fintan Slye, Ceannard EirGrid
  • ‘Breatainn agus Èirinn: Leasachadh Cheanglaichean Cultarail’ le Madeline Boughton, Manaidsear-taisbeanaidh, Cultar na h-Èireann

Deasbadan air na gluasadan:

  • “Gun dèan an Seanadh sgrùdadh air a’ chàirdeas a tha aige ro Comhairle Bhreatainn is Èireann gus na ceanglaichean eadar an dithis aca a dhaingneachadh.”
  • “Gun gabh an Seanadh beachd air càirdeas ceangailte ri dùnadh riaghailteach Banca na h-Alba (Èireann).”
  • “Gu bheil an Seanadh seo mothachail air a’ chàirdeas dhlùth ann am malairt eadar gnìomhachasan-bidhe na h-Èireann is na Rìoghachd Aonaichte agus gu bheil e a’ cur a thaice ris an aonta eadar ministearan gun obraich am FSAI agus Buidheann-gnìomha Inbhean-bidhe na Rìoghachd Aonaichte còmhla agus gun co-aontaich iad dòigh-dèiligidh gus bunaiteachd gritheidean-feòla a thathar a’ cleachdadh ann am bathar stèidhichte air feòil a dhìon.”

Cùl-fhiosrachadh

Is e BIPA a’ phrìomh innleachd phoilitigeach airson deasbad eadar riochdairean air an taghadh à Pàrlamaid na Rìoghachd Aonaichte, Tithe an Oireachtais, Pàrlamaid na h-Alba, Seanadh Èireann a Tuath, Seanadh na Cuimrigh, Àrd-Chùirt an Tinvaal (Eilean Mhanainn) agus Stàitean Guernsey is Jersey.

Bidh BIPA a’ coinneachadh gach dà bhliadhna ann an seisean làn, a’ dol mu seachd gu ionadan ann am Breatainn agus ann an Èirinn. Chaidh an seisean làn mu dheireadh (45mh) a chumail ann an Glaschu san Dàmhair 2012.

 

Contact information

Media information

Public information

  • Telephone: 0800 092 7500
  • Textphone users can contact us on 0800 092 7100
  • We also welcome calls using the Text Relay service
  • Text message: 07786 209888
  • sp.info@scottish.parliament.uk

You can also follow us on twitter @scotparl

This website is using cookies.
We use cookies to ensure that we give you the best experience on our website. If you continue without changing your settings, we’ll assume that you are happy to receive all cookies on this website.