Guthan òga gus èisteachd fhaighinn le Comataidh nan Athchuingean Poblach

22.02.2013

Bidh luchd-poilitigs òg agus na ceistean a tha cudromach dhaibh aig cridhe suidhe sònraichte eadar Comataidh nan Athchuingean Poblach aig Pàrlamaid na h-Alba agus Pàrlamaid Òigridh na h-Alba Dihaoine seo tighinn (1 Màrt).

Bheir an gnothach, a tha mar chuid de shuidhe nàiseanta Pàrlamaid Òigridh na h-Alba, cothrom air leth do na Buill Òga chan e a-mhàin athchuingean a chur a-steach, ach buaidh a thoirt air gu dè an gnìomh a ghabhas a’ Chomataidh.

 A’ bruidhinn ron t-suidhe, thuirt Neach-gairm na Comataidh Dàibhidh Stiùbhart BPA:

 “Aonan de na neartan a tha aig a’ Chomataidh againn is e guth a thoirt do dhaoine òga air feadh Alba agus cothrom a thoirt seachad gus am faodar farsaingeachd de cheistean a thogail anns a’ Phàrlamaid.

 “Chan eil teagamh sam bith mu dhealasachd is eòlas nam Ball Òga agus le bhith a’ cumail an tachartais seo, tha sinn a’ dèanam cinnteach gum faod na daoine òga againn beachdan a nochdadh mu na ceistean as cudromaiche dhaibh.”

 Aig a’ choinneimh, gabhaidh a’ Chomataidh ri fianais bho thriùir Bhall Òga air na h-athchuingean aca:

  •  Athchuinge PE1467 le Andrew McGowan (Ball Pàrlamaid Òigridh na h-Alba Eadaraig, Rosbrog agus Shiorrachd Bhearbhaig) air sgeama gus aithneachadh a thoirt do luchd-fastaidh a phàigheas an tuarastal-mairsinn;
  • Athchuinge PE1470 le Lauren King (Ball Pàrlamaid Òigridh na h-Alba Thobar na Màthar agus Wishaw) a tha ag iarraidh air Riaghaltas na h-Alba tabhartas a stèidheachadh do luchd-cùraim òg a tha ann am foghlam fad-tìde no fo aois ochd deug; agus
  • Athchuinge PE1471 le Rachael McCully (Ball Pàrlamaid Òigridh na h-Alba Chille Bhrìghde an Ear) mu stèidheachadh roinnean do dhaoine òga ann an taighean-eiridinn  

A bharrachd air èisteachd ri fianais air na h-athchuingean seo, gabhaidh a’ Chomataidh beachd cuideachd air na h-ath cheuman mun athchuinge le Andrew Deans BPOA mo chleachdadh nan rudan air a bheil ‘innealan-mosquito’ (Athchuinge PE1367)

 Thuirt Grant Costello, BPOA, Cathraiche Pàrlamaid Òigridh na h-Alba:

 “Tha sinn air ar gluasad gu mòr gu bheil an cothrom againn ceangal dìreach a dhèanamh ri Pàrlamaid na h-Alba air ceistean a tha cudromach fhèin do dhaoine òga. Bheir a’ choinneamh seo le Comataidh nan Athchuingean Poblach an cothrom do Bhuill Òga ceistean sònraichte a chur fa chomhair luchd-reachdais na h-Alba. Tha na poileasaidhean seo cudromach agus tha togail againn ri bhith ag obair leis a’ Chomataidh gus atharrachadh ann an da-rìribh adhbharachadh.

“Tha sgeama Aithneachadh Tuarastal-mairsinn mar chuid gu math bunaiteach den iomairt nàiseanta againn, Aon Tuarastal Ceart. Ach is e a tha ann dìreach aonan de cheithir athchuingean cudromach a thathar a’ togail. Tha na h-athchuingean eile, air roinnean do dhaoine òga sna taighean-eiridinn, tabhartas do luchd-cùraim òg, agus gun teagamh an iomairt a tha dol air adhart gus an t-inneal mosquito a thoirmeasg, cuideachd airidh air aire na Comataidh.

“Tha sinn fada an comain don chomataidh airson a bhith ag obair leinn mar chuid den 50mh Suidhe Nàiseanta againn, agus tha mi cinnteach gun nochd Andrew, Lauren, Rachel agus Andrew uair eile mar a dh’fhaodas daoine òga buaidh ann an da-rìribh a thoirt air Alba.”

Bu chòir do luchd-mheadhanan sam bith a tha ag iarraidh a’ choinneamh a fhrithealadh fios a chur gu Linda Peters leis an fhiosrachadh gu h-ìseal.

Cùl-fhiosrachadh

Cuiridh an triùir Bhall Òga na h-athchuingean aca fa chomhair na Pàrlamaid mus dèan buill na Comataidh deasbad air gu dè an gnìomh a ghabhar. Ri linn na deasbaireachd seo, bidh e comasach do na Buill Òga an làthair aig an t-suidhe na molaidhean aca mu na h-ath cheuman a bu chòir don Chomataidh gabhail a chur air adhart.

Gheibhear fiosrachadh mun Chomataidh agus mu na h-athchuingean a thèid a dheasbad aig a’ choinneimh aig:

http://pàrlamaid-nah-alba.ra/gnothach/pàrlamaideach/ComataidheanAn-dràsta/29869.aspx  

Is e a tha ann am Pàrlamaid Òigridh na h-Alba (POA) buidheann phoilitigeach nach buin do phartaidh seach do phartaidh a bhios a’ coiteachadh gus èisteachd a thoirt do guth òigridh na h-Alba aig an taigh agus thall thairis. Tha Pàrlamaid Òigridh na h-Alba air a dèanamh suas le suas ri 150 neach bho aois 14 gu 25 bho air feadh Alba a riochdaicheas a h-uile sgìre-phàrlamaid. Tha feadhainn cuideachd nam buill de bhuidhnean saor-thoileach nàiseanta. Gheibhear barrachd fiosrachaidh air làrach-lòn POA: www.syp.org.uk

Tha suidhe Thaigh an Ròid mar aonan a-mach à trì a chumas Pàrlamaid Òigridh na h-Alba gach bliadhna ann am farsaingeachd de dh'àiteachan eadar-dhealaichte.

 

 

Contact information

Media information

Committee information

Public information

  • Telephone: 0800 092 7500
  • Textphone users can contact us on 0800 092 7100
  • We also welcome calls using the Text Relay service
  • Text message: 07786 209888
  • sp.info@scottish.parliament.uk

You can also follow us on twitter @scotparl

This website is using cookies.
We use cookies to ensure that we give you the best experience on our website. If you continue without changing your settings, we’ll assume that you are happy to receive all cookies on this website.