18.02.2013
Tha taisbeanadh a sheallas mar a tha daoine air ceangal a dhèanamh ri Pàrlamaid na h-Alba gus atharrachaidhean a thoirt gu buil a’ gluasad gu Colaiste Coatbridge Diluain 25 Gearran.
Anns an taisbeanadh ‘Sgeulachdan Siùbhlach’, tha dealbhan dhaoine, stuth-èisteachd is stuth-amhairc, a-mach air na dh'fhiosraich deichnear a thug buaidh – le bhith a’ coiteachadh is a’ ceangal ri Pàrlamaid na h-Alba – air Alba an dèidh sgaoileadh-cumhachd.
Agus i a’ cur fàilte air an taisbeanadh gu Coatbridge, thuirt an Leas-oifigear Riaghlaidh Elaine Nic a’ Ghobhainn BPA:
“Tha còrr is 200,000 neach air an taisbeanadh seo fhaicinn mar-thà agus e a’ siubhal na h-Alba. Tha mi cho toilichte gu bheil e air tighinn gu Colaiste Coatbridge a-nis oir is e cothrom cudromach a tha ann do Phàrlamaid na h-Alba ceangal a dhèanamh ri spionnadh, brosnachadh agus miann nan uile a tha a’ frithealadh air na colaistean againn.
“Tha iomadach dòigh ann gus ceangal a dhèanamh ris a’ Phàrlamaid, biodh e tro bhith a’ dèanamh iomairt, a' cur athchuinge a-steach no a’ dèanamh ceangail le Buill aig tachartas no taisbeanadh air a chumail le buill, agus tha e mar amas aig na ‘Sgeulachdan Siùbhlach’ feadhainn de na modhan seo a thoirt gu bith.”
Thuirt Prionnsapal Cholaiste Coatbridge, John Doyle:
“Tha sinn cho riaraichte taic a chur ri Pàrlamaid na h-Alba anns an amas aice ruigsinn air daoine agus an spreagadh tro thaisbeanadh nan ‘Sgeulachdan Siùbhlach’.
“Tha sinn mothachail air an àite chudromach a tha againn ann am beatha dhaoine òga agus tron chom-pàirteachas a tha againn le Pàrlamaid na h-Alba, bidh sinn a’ feuchainn ri deagh bhuaidh a thoirt air na tha air thoiseach orra.
Tha na ‘Sgeulachdan Siùbhlach’ a’ nochdadh sgeulachdan brosnachail bho dhaoine air feadh na dùthcha; dh’iarrainn air muinntir an àite gabhail ris a’ chothrom a dhol an sàs ann. Is e an oighreachd againn a chaidh ùrachadh o chionn ghoirid an suidheachadh foirfe airson a’ taisbeanaidh bhrosnachail seo agus tha e fosgailte dhan a h-uile duine.”
Fuirichidh an taisbeanadh aig àrainn Cholaiste Coatbridge gu Diardaoin 28 Màrt 2013. Tha e fosgailte bho 8.30m gu 4.30f, Diluain gu Dihaoine.
Cur-air-bhog do na Meadhanan
Tha cuireadh do na meadhanan frithealadh air cur-air-bhog nan Sgeulachdan Siùbhlach aig Colaiste Coatbridge aig 11m Diluain 25 Gearran nuair a bhios cothrom air Elaine Nic a’ Ghobhainn airson agallamhan.
Bu chòir do dhuine sam bith bho na meadhanan a tha ag iarraidh dealbhan an-asgaidh den latha fios a chur air dealbhadair Pàrlamaid na h-Alba air 0131 348 5878.
Cùl-fhiosrachadh
Is iad an deichnear a tha an sàs anns an taisbeanadh:
• Chuir Bob Reid à Ceann a Deas na h-Alba athchuinge a-steach gus Goireasan Rotharan-innil far an Rathaid a chruthachadh.
“Tha mi gu daingeann den bheachd gun gabh a h-uile duine òg fuasgladh, is coma gu dè na duilgheadasan a bhios aca…thoir dhaibh dùbhlan ùr, rud ris am faod iad buntainn, rud dham faod iad buntainn.”
• Chuir Tina McGeever às a’ Ghàidhealtachd athchuinge dhealanach a-steach mun chomas cothrom fhaotainn air drogaichean an aghaidh na h-aillse air Seirbheis Nàiseanta na Slàinte.
“Chuir sinn romhainn gun tòisicheamaid iomairt, ged nach e iomairt am facal a ghabh sin air an rud aig an àm. Sgrìobh Michael sgrìobag agus sgaoil mi fhèin a-mach i don a h-uile duine air post-dealain agus dh’iarr mi orra a cur do na Buill aca, bha sin ann mar thoiseach-tòiseachaidh.
• Chuir Walter Baxter à Ceann an Ear-thuath na h-Alba athchuinge air dòigh an aghaidh toirt còmhla nan aonadan cùraim shònraichte do dhaoine air a bheil dòrtadh na h-eanchainn a’ cur.
“Nuair a bhios an eanchainn agad air a leòn, is e suidheachadh gu math doirbh a tha ann, chan ann a-mhàin dhut fhèin ach cuideachd don fheadhainn a bhios a’ toirt aire dhut. Is e glè bheag de chùram an dèidh làimhe a tha ri fhaotainn do dhaoine air a bheil leòn-eanchainn a’ cur.
• Chuir John Muir à Taobh an Iar na h-Alba, athchuinge a-steach a chuir aghaidh air eucoir nan sgeinean an dèidh don mhac aige bàs fhaotainn.
Saoilidh mi gun do thuig an fheadhainn ann an Grianaig is sna h-àiteachan mun cuairt gum faodadh am mac no an nighean a bhith san t-suidheachadh san robh Damian…feumaidh rudeigin atharrachadh.”
• Ghabh an t-Urramach Iain Dòmhnallach às a’ Ghàidhealtachd Àm-cnuasachd ann am Pàrlamaid na h-Alba.
“Tha daoine an seo gu mòr an sàs anns a’ choimhearsnachd, le ceistean mu cheartas sòisealta. Tha coimhearsnachd cheart ga comharrachadh leis an dòigh sam bi i a’ toirt aire do na feumaich.”
• Bidh Gemma Mackintosh às a’ Ghàidhealtachd a’ coiteachadh airson barrachd taice ris an fheadhainn a tha a’ fuireach ann an Alba a tha mall san fhradharc.
“Tha mi fhèin mar shamhla den iomadh duine aig a bheil feumalachdan a bharrachd air an do dh’fhairtlich rian an fhoghlaim. Tha mi ag iarraidh atharrachadh a thoirt air an rian agus mar a bhios iad a’ gabhail gnothaich ri cloinn a tha mall san fhradharc.
• Chuir Iain MacLeòid à Lodainn dà athchuinge a-steach mu chùisean Gàidhlig agus tha e gu mòr an sàs ann an gnothaichean Gàidhealach ann an Dùn Èideann.
“Is e na bha air chùl na h-iomairt am feum a tha ann inbhe shònraichte airson a’ chànain gus am faodar leasachadh seasmhach a dhèanamh don ùine a tha air thoiseach..”
• Thog Amal Azzudin à Glaschu, iomairt an aghaidh nan ruaigean a’ chiad char sa mhadainn air luchd-tagraidh tèarmainn leis nach do shoirbhich.
“Is e an rud a thug an iomairt seo gu buil seach nì sam bith eile cur ri mothachadh…is e sin an t-aon rud a dhèanamaid.”
• Claire Ewing, Ball de Phàrlamaid Òigridh na h-Alba.
“Tha poilitigs air feadh an àite ach chan fhaic daoine òga sin...
Ma tha thu ga h-iarraidh, nì thu sabaid air a son...feumaidh tu creidsinn annad fhèin is anns na tha thu a’ dèanamh.”
• Rebecca Brown, Meadhan na h-Alba, a rinn greis-gnìomhachais aig oifis-sgìre a’ Bhuill aice.
“A thuigsinn gur h-e a tha ann am poilitigs a h-uile rud. Chan eil dol às ann an da-rìribh agad…bu chòir dhur a bhith an sàs ann, tha e a’ dol a’ bualadh ort co-dhiù no co-dheth.