Buill ri cluinntinn mar a bheir coimhearsnachdan atharrachadh

18.02.2013

Bidh a’ chumhachd a tha aig coimhearsnachdan gus atharrachaidhean a thoirt gu buil mar chuspair aig coinneamhan ann an Obar Dheathain is Glaschu an-diugh (18 Gearran) nuair a chumas Comataidh Riaghaltais Ionadail is Ath-ùrachaidh air adhart leis an rannsachadh aice mu ath-ùrachadh.

Thèid iomairt gus cothroman-cluiche nas fheàrr air a’ bhlàr-a-muigh a leasachadh do chloinn ann an Obar Dheathain agus a’ bhuaidh a bheir ath-ùrachadh air boireannaich ann an coimhearsnachdan ionadail a dheasbad ann an sreath de choinneamhan aig a bheil e mar amas barrachd ionnsachadh mu na tha ath-ùrachadh a’ ciallachadh don fheadhainn ann an cridhe nan coimhearsnachdan.

 

Agus e a’ bruidhinn mus tadhail e air Obar Dheathain, thuirt Neach-gairm na Comataidh Caoimhin Stiùbhart BPA:

 

“Tha an rannsachadh againn a’ sealltainn ri ath-ùrachadh ann an Alba ach airson an rannsachaidh seo, chan eil e dìreach mu dheidhinn a bhith a’ sealltainn dìreach air a’ phoileasaidh fhèin. Tha sinn ag iarraidh fhaicinn mar a bhios seo ag obair agus dè a’ bhuaidh a tha air a bhith aige air coimhearsnachdan air feadh na h-Alba gus atharrachadh a thoirt.

 

“Tha an iomairt Seaton Backies air a bheith na shamhla sònraichte de dhaoine ag obair còmhla am broinn nan coimhearsnachdan ionadail aca gus leasachadh dha-rìribh a thoirt air beatha dhaoine à Obar Dheathain. Is e daoine san t-sreath a tha an seo agus tha sinn ag iarraidh cluinntinn dè cho doirbh agus a bha e dhaibh na toraidhean sònraichte seo a thoirt gu buil.”

 

Agus e a’ bruidhinn ron chuairt ann an Glaschu, thuirt Leas neach-gairm na Comataidh Iain MacUilleim:

 

“Feumaidh ath-ùrachadh a bhith na bhuannachd gu sònraichte do bhuidhnean fo easbhaidh agus so-leònte agus a tha a’ Chomataidh againn ag iarraidh cluinntinn bhuapa fhèin mu dè a chòrr a dh’fheumar dèanamh gus a dhèanamh cinnteach gun toir daoine air feadh na h-Alba gu lèir buannachd às na h-atharrachaidhean a bheir ath-ùrachadh.”

 

Cùl-fhiosrachadh

Thèid an dà thuras a dhèanamh Diluain 18 Gearran.  Tadhlaidh Caoimhin Stiùbhart BPA (Neach-gairm na Comataidh), Stiùbhart MacSteafain BPA agus Anna Nic an t-Sagairt BPA air Obar Dheathain, le Iain MacUilleim (Leas neach-gairm na Comataidh), Mairead NicMhìcheil BPA, Iain Pentland BPA agus Stiùbhart Mac a’ Mhaoilein BPA a’ cluinntinn mu na dh’fhiosraich muinntir an àite ann an Glaschu.

Chuir Comataidh Riaghaltais Ionadail agus Ath-ùrachaidh an rannsachaidh aice mu ath-ùrachadh air bhog anns an Fhaoilleach leis an raon-ùghdarrais an cleachdadh as fheàrr agus srianadh ri lìbhrigeadh ath-ùrachaidh ann an Alba a shònrachadh agus a sgrùdadh.

 

Ri linn an rannsachaidh, nì a’ Chomataidh sgrùdadh air ceistean practaigeach – leithid mar a dh’fhaodar taic a chur ri coimhearsnachdan ann an tionnsgnaidhean ath-ùrachaidh – cho math ri ro-innleachdan agus poileasaidhean a tha an gnìomh an-dràsta fhèin.

 

Gheibhear barrachd fiosrachaidh mun rannsachadh air duilleag-dachaigh na Comataidh.

 

Contact Information

Media information

Committee information

Public information

  •  Telephone: 0800 092 7500
  •  Textphone users can contact us
    on 0800 092 7100
  •  We also welcome calls using the Text Relay service
  •  Text message: 07786 209888
  •  sp.info@scottish.parliament.uk

You can also follow us on twitter @scotparl

This website is using cookies.
We use cookies to ensure that we give you the best experience on our website. If you continue without changing your settings, we’ll assume that you are happy to receive all cookies on this website.