30.11.2012
Thèid siathamh Deasbad bliadhnail an Naoimh Anndrais a chumail ann am Pàrlamaid na h-Alba Diluain 3 Dùbhlachd.
Agus e ga chumail ann an co-bhoinn ri Riaghaltas na h-Alba agus Comann Luchd na Beurla, anns a’ ghnothach air leth seo, thig oileanaich còmhla à sgoiltean is oilthighean air feadh na h-Alba. Bidh sgiobaidhean nan oileanach a’ dol nan càraidean is a’ dol am farpais anns a’ chiad chuairt le dòchas an gnothach a dhèanamh don chuairt mu dheireadh a thèid a chumail ann an Seòmar Deasbaid na Pàrlamaid.
Thuirt an Leas-oifigear Riaghlaidh Elaine Nic a’ Ghobhainn BPA a bhios sa chathair air an latha:
“Tha cumail Latha an Naoimh Anndrais na dhòigh gu math freagarrach do Phàrlamaid na h-Alba gus Latha an Naoimh Anndrais a chomharrachadh. Tha e iomchaidh mar sin gun cùm an Seòmar Deasbaid an luchd-deasbad òg seo an latha a-màireach agus iad an sàs anns a’ chuairt mu dheireadh.
“Dh’iarrainn air daoine tighinn ann cuideachd, oir chaidh a nochdadh anns na bliadhnaichean roimhe seo gu bheil an ìre de dheasbad am measg nan daoine òga seo airidh air luchd-èisteachd cho farsaing is a ghabhas.”
Thèid a’ chuairt mu dheireadh a chumail ann an Seòmar Deasbaid na Pàrlamaid bho 16.30.30f Diluain 3 Samhain. Tha daoine dì-beathte a bhith an làthair agus thèid an fheadhainn a bhuannaicheas a chur an cèill aig deireadh ghnothaichean. Thèid còig duaisean a bhuileachadh airson:
- Neach-labhairt as Fheàrr air an Latha à Oilthigh
- Neach-labhairt as Fheàrr air an Latha à Sgoil
- Beachdan as Fheàrr bho Neach-èisteachd
- An Dara h-Àite ann am Farpais-deasbad Latha an Naoimh Anndrais
- A’ Chiad Àite ann am Farpais-deasbad Latha an Naoimh Anndrais
Cùl-fhiosrachadh
Nì sgiobaidhean-deasbaid Latha an Naoimh Anndrais deasbad air gluasadan mu chaochladh cuspairean a bhuineas don latha an-diugh le Bliadhna Alba Chruthachail agus Bliadhna Alba Nàdarrach a tha air fàire mar chùl-taice riutha.
Is iad na sgoiltean a tha an sàs ann an Deasbad Latha an Naoimh Anndrais:
- Àrd-sgoil Boroughmuir (Meadhan Dhùn Èideann)
- Sgoil Craigholme, (Taobh a Deas Ghlaschu)
- Àrd-sgoil Denny (An Eaglais Bhreac an Iar)
- Acadamaidh Dhùghlais (Bruach Chluaidh is Muileann Dhàibhidh)
- Àrd-sgoil Dhùn Bhlàthain (Siorrachd Chlach Mhanainn agus Dùn Bhlàthain)
- Àrd-sgoil Earlston (Meadhan Lodainn a Deas, Dail Thuaidh agus Dail Labhdaidh)
- Acadamaidh Bhaile Fharfair (Siorrachd Aonghais a Tuath agus a’ Mhaoirne)
- Àrd-sgoil Forrester (Dùn Èideann an Iar)
- Acadamaidh Grove (Cathair Dhùn Deagh an Ear)
- Àrd-sgoil Hillpark (Glaschu Coille Chart)
- Acadamaidh Ghleann Iucha (Gleann Iucha)
- Àrd-sgoil MhicLabhrain (Sruighlea)
- Àrd-sgoil Chaisteal na Maoirne (Coille an Ear)
- Acadamaidh Inbhir Nàrann (Inbhir Nis agus Inbhir Nàrann)
- Àrd-sgoil Notre Dame (Glaschu Ceilbhinn)
- Àrd-sgoil Phortobello (Dùn Èideann an Ear)
- Colaiste Raibeirt Ghòrdain (Meadhan Obar Dheathain)
- Acadamaidh Eilean Bhòid (Earra-Ghàidheal agus Bòd)
- Sgoil Chaitligeach an Naoimh Anndrais (Glaschu Provan)
- Acadamaidh an Naoimh Eòsaph, Dùn Phris (Siorrachd Dhùn Phris)
- Àrd-sgoil an Naoimh Lùcais (Siorrachd Rinn Friù a Deas)
- Àrd-sgoil Abronhill Shrath Chluaidh (Comar nan Allt is Cill Saidhe)
- Sgoil-ghràmair Uddingston (Uddingston is Bellshill)
Togail-dhealbh
Bidh cothrom air dealbhan den latha saor an-asgaidh. Cuiribh fios gu Dealbhadair Pàrlamaid na h-Alba Andrew Cowan air 0131 348 5878.
Contact information
Media information
Public information
- Telephone: 0800 092 7500
- Textphone users can contact us on 0800 092 7100
- We also welcome calls using the Text Relay service
- Text message: 07786 209888
- sp.info@scottish.parliament.uk
You can also follow us on twitter @scotparl