Latha na Gàidhlig

27.11.2012

Gaelic booksAm bliadhna bidh ar tachartas Latha na Gàidhlig a’ gabhail pàirt thairis air dà latha le tachartasan is taisbeanaidhean gus an dealas aig Pàrlamaid na h-Alba a thaobh na Gàidhlig chur am follais.

Air a’ phrògram am bliadhna, tha seiminear a thaobh cleachdadh na Gàidhlig ann an teicneolas agus na meadhanan sòisealta, seiseanan ‘blas na Gàidhlig’ mu bhith a’ cleachdadh na cànain agus a' chuairt dheireannach de dheasbad BT nan Sgoiltean Gàidhlig 2012. Thèid an deasbad a chraoladh beò air BBC Radio nan Gàidheal.

Diciadain 28 Samhain

Tachartasan Latha na Gàidhlig airson luchd-cleachdaidh an togalaich (Luchd-cleachdaidh a-staigh)

12:00-14:00 – Seiseanan Blas na Gàidhlig– seisean ‘buail a-steach’ neo-fhoirmeil airson luchd-tòiseachadh is luchd-ionnsachaidh.

Mar phàirt den phlana Ghàidhlig aig Buidheann Chorporra Pàrlamaid na h-Alba, thèid seisean a chumail airson luchd-cleachdaidh togalaich Taigh an Ròid ann an seòmar TG.24 gus cothrom a thoirt dhaibh beagan ionnsachadh mun phlana Ghàidhlig aig Buidheann Chorporra Pàrlamaid na h-Alba, beagan abairtean Gàidhlig ionnsachadh agus barrachd fhaighinn a-mach mu bhith ag ionnsachadh na Gàidhlig. Bidh fàilte ron a h-uile duine.

14:30-17:00 - Gàidhlig@ParlAlba – seiminear mun Ghàidhlig  ann an teicneolas agus sna meadhanan sòisealta airson buidhnean poblach, buidhnean Gàidhlig agus luchd-blogaidh.

19:00-20:30 - Deasbad Nàiseanta BT Alba airson Sgoiltean Gàidhlig

Bidh na buannaichean às na leth-chuairtean dheireannach eadar Àrd-sgoil Phort Rìgh agus sgioba B aig Àrd-sgoil MhicNeacail agus eadar Acadamaidh Inbhir Pheofharain agus Acadamaidh Rìoghail Bhaile Dhùbhthaich a' gabhail pàirt sa chuairt dheireannach de Dheasbad Nàiseanta BT airson nan sgoiltean Gàidhlig (Seòmar Comataidh 2).

Diardaoin 29 Samhain

Tachartasan Latha na Gàidhlig airson a’ phobaill

9:00-12:30 agus 14:00-16:00 Seiseanan Blas na Gàidhlig don Phobal

– seisean buail a-staigh neo-fhoirmeil. Ionnsaich beagan abairtean Gàidhlig, ionnsaich mu chothroman gus an cànan ionnsachadh agus mu Ghàidhlig ann am Pàrlamaid na h-Alba. Bidh seo a’ tachairt san t-Seòmar Còmhraidh ri taobh a’ chafe phoblaich.

Fad an latha – Bòrd fiosrachaidh

Tron latha, bidh an t-Oifigear Leasachaidh Gàidhlig a’ cumail bòrd fiosrachadh san talla Phoblach. Carson nach tig thu a-staigh son ionnsachadh mu Ghàidhlig agus mun Ghàidhlig sa Phàrlamaid?

Bidh bileagan fiosrachaidh airson luchd-labhairt is luchd-ionnsachaidh rim faighinn tron latha cho math ris a’ bhileag “Blasad Gàidhlig” againn gus beagan Gàidhlig at thoirt dhut. (Prìomh thalla, ri taobh Doras a’ Phobaill).

Fios conaltraidh

Meadhanan

Fiosrachadh a' Phobaill

Lean air twitter sinn @scotparl. Faic air bloga: parlamaidalba.wordpress.com

 

This website is using cookies.
We use cookies to ensure that we give you the best experience on our website. If you continue without changing your settings, we’ll assume that you are happy to receive all cookies on this website.