19.11.2012
Cha bu chòir gum biodh Glaschu mar an t-aon àite a bheir buannachd à Geamaichean a' Cho-fhlaitheis nuair a thig iad gu Alba ann an 2014, tha aithisg le Comataidh Eaconamaidh, Lùths agus Turasachd air ro-innleachd turasachd nam 'bliadhnaichean buadhach' aig VisitScotland ag ràdh.
Chuir a’ Chomataidh iomagain an cèill cuideachd nach tèid tachartas ‘An Cruinneachadh’ a chumail a-nis ann an Sruighlea, a bha gu bhith mar chuid de chomharrachadh Cruinneachadh 2014, agus tha i air sgrìobhadh gu VisitScotland a dh'iarraidh mìneachaidh.
Thuirt Neach-gairm Chomataidh Eaconamaidh, Lùths agus Turasachd Murchadh Friseal BPA:
“Tha e soilleir gu bheil an fheadhainn anns a’ ghnìomhachas a’ cur fàilte air an obair seo gus buannachd a thoirt às na gnothaichean poblach mòra seo leithid Geamaichean a’ Cho-fhlaitheis agus Cuach Ryder ann an 2014.
“Chuala a’ Chomataidh iomagain, ge-tà, gur dòcha nach tèid a’ bhuaidh fhaireachdainn ach a-mhàin sna bailtean-mòra againn. Chaidh gealladh a thoirt dhuinn gu bheil plana airson iomairt-mhargaidheachd (marketing campaign) airson na h-Alba gu lèir air fàire. Feumar seo a lìbhrigeadh a-nis.
“Is coltach gu bheil cion mion-fhiosrachaidh cuideachd mu na tha san amharc an dèidh don luchd-turais dol dhachaigh ann an 2014. Tha a’ Chomataidh seo air aithisg a thoirt cheana nach coltach gun toir an gnìomhachas fàs air an teachd-a-steach aige le 50 a-mach às a’ cheud ro 2015, mar sin gus planaichean san àm air thoiseach a sgrùdadh, bidh am mion-fhiosrachadh sin a dhìth air Buill, mar a tha agus air gnìomhachas na turasachd fhèin, gus taic a chur ri fàs seasmhach anns an roinn."
Ann an giorrachadh, tha an aithisg ag ràdh:
Chaidh ro-innleachd (initiative) nam bliadhnaichean buadhach a mholadh le luchd-cleachdaidh sa ghnìomhachas a bha den bheachd gur h-e "beachd barraichte margaidheachd" agus "cothrom math dha-rìribh do dh'Alba air fad" a bha ann.
Thug a’ chomataidh an aire dhan dragh a bha ann, ge-tà, gu bheil na 'bliadhnaichean buadhach' ag amas air na bailtean agus tachartasan mòra agus gur dòcha nach fhaigh sgìrean dùthchail an aon bhuannachd;
Bha ceist air a’ Chomataidh cuideachd mu chion mion-fhiosrachaidh a thaobh na san amharc an dèidh 2014. Ged a thathar air tòiseachadh a dheasbad, tha a’ Chomataidh air ùrachadh cunbhalach iarraidh air VisitScotland mun obair-mhargaidheachd a tha san amharc aige an dèidh 2014;
Tha a’ Chomataidh a’ cur fàilte air an tagradh a chaidh a chur gu Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte mu chìsean luchd-siubhail adhair;
Sgrìobh a’ Chomataidh gu VisitScotland agus Riaghaltas na h-Alba ag iarraidh fios às ùr mu chur dheth A' Chruinneachaidh agus na h-ullachaidhean eile a thathar a' cur ri chèile mar chuid de Thighinn Dhachaigh 2014.
Cùl-fhiosrachadh
Is e tha sna ‘bliadhnaichean buadhach’ ainm coitcheann airson nan ochd tachartasan mòra is nan clachan-mìle a thathar a' cumail bho 2012 gu 2014. Is e a tha ann gairm gus am bi gnìomhachas na turasachd, agus caochladh bhuidhnean eile ann an com-pàirteachas, ag obair còmhla gus eaconomaidh an luchd-turais a lìbhrigeadh thar nam bliadhnaichean ri teachd. Is iad na tachartasan mòra: bliadhna Alba Chruthachail; Comharrachadh Trì-fichead-bliadhna na Banrigh; Geamaichean Oilimpigeach is Para-oilimpigeach Lunnainn; Brave Disney-Pixar; bliadhna Alba Nàdarrach; Tighinn Dhachaigh Alba; Geamaichean a’ Cho-fhlaitheis ann an Glaschu agus Cuach Ryder.
Chaidh an rannsachadh seo a chur air bhog an dèidh aithisg leis a’ Chomataidh sa Ghearran, far an deach iomagain a chur an cèill a thaobh mar a ghabhadh an t-amas de 50 a-mach às a’ cheud air fàs a thoirt a-mach. Tha rùn aig Riaghaltas na h-Alba agus aig obair na turasachd cur ri teachd-a-steach slàn bho thurasachd 50 a-mach às a’ cheud ann an seagh dha-rìribh ro 2015, a’ cur feum air na h-àireamhan teachd-a-steach airson 2005 mar bhunait. Gus aghaidh a thoirt air teagamh sam bith, dh’iarr a’ Chomataidh aithrisean bliadhnail air VisitScotland mu adhartas gus an t-amas a thoirt a-mach, cho math ri planaichean gus aghaidh a thoirt air tuiteam air ais sam bith ann an adhartas.
Contact information
Media information
Committee information
Public information
- Telephone: 0800 092 7500
- Textphone users can contact us on 0800 092 7100
- We also welcome calls using the Text Relay service
- Text message: 07786 209888
- sp.info@scottish.parliament.uk
You can also follow us on twitter @scotparl