Sgoilearan Nuadh-eòlais a’ bruidhinn air ceartas aig Taigh an Ròid

15.11.2012

Is e ceartas as cuspair don chòrr is 150 de chlann-sgoile san t-siathamh bhliadhna aig tachartas Co-labhairt Nuadh-eòlais aig Àrd-ìre a thèid a chumail a-màireach (Dihaoine 16 Samhain) aig Taigh an Ròid. Sa chlàr tha cothrom Neach-gairm Chomataidh a’ Cheartais Cairistìona Ghreumach BPA a cheasnachadh mun àite a tha aig Comataidh a’ Cheartais ann am modh-obrachaidh reachdais.

Tha e mar amas aig a’ Cho-labhairt, aig am bi an Leas-oifigear Riaghlaidh Elaine Nic a’ Ghobhainn BPA sa chathair, taic a chur ri sgoilearan a tha a’ gabhail Nuadh-eòlais aig Àrd-ìre is a’ rannsachadh thrachdasan air cuspair a’ Cheartais.

 

Thuirt an Leas-oifigear Riaghlaidh Elaine Nic a' Ghobhainn BPA a bhios sa chathair air an latha:

 

“Bho chionn beagan bhliadhnaichean, tha barrachd fèill air a bhith air an tachartas seo le clann-sgoile is luchd-teagaisg le chèile agus tha togail agam ri bhith a’ cur fàilte air daoine òga à Alba gu lèir gu Seòmar na Pàrlamaid. Tha a' Cho-labhairt seo na cothrom air leth do chlann-sgoile coinneachadh ri feadhainn de na daoine is na buidhnean as cudromaiche ri ceartas ann an Alba agus an ceasnachadh.

 

A’ bruidhinn ron tachartas, thuirt a’ Bh.ph. Ghreumach:

 

“Tha Comataidh a’ Cheartais air taic a chur ris an tachartas seo bho thòisich e ann an 2010 oir bidh e a' toirt tòrr lèirsinn mu bhreithneachadh dhaoine òga air cùisean laghail. Tha e na urram dhomh taic a chur a-rithist ri sgoilearan Nuadh-eòlais gus dòighean cùramach a chruthachadh mu chuspairean-ceartais. Tha e an-còmhnaidh inntinneach a bhith a’ faicinn nan seallaidhean is nam beachdan aca a' leasachadh ri linn nam buidhnean-obrach."

 

Am measg na bhios còmhla ri Neach-gairm Chomataidh a’ Cheartais a’ bruidhinn ris na h-oileanaich tha:

 

  • Rùnaire a’ Chaibineit airson Ceartais, Coinneach MacAsgaill BPA – a’ bruidhinn air siostam a’ cheartais eucoraich.

 

  • Iain Mac an t-Sagairt à Modernity Scotland – a’ bruidhinn air Siostam an Luchd-thaghaidh agus taghadh nan SA.

 

  • Ailean Britton bho Sgoil an Fhoghlaim aig Oilthigh Ghlaschu – a’ bruidhinn air an àite aig Riaghaltas sa Mheadhan agus Riaghaltas Tiomnaichte (fèin-riaghalach).

 

  • An Dr Elaine Webster, òraidiche aig Oilthigh Shrath Chluaidh – a’ bruidhinn air a’ chàirdeas aig Alba ri Còmhdhail na h-Eòrpa air Còraichean Daonna.

 

  • Buill den Choimisean air Ciontaich Bhoireann.

 

A bharrachd air na prìomh òraidichean, bidh an cothrom aig clann-sgoile bruidhinn ri sgioba-rannsachaidh na Pàrlamaid agus riochdairean bho Phàrlamaid Òigridh na h-Alba, Young Scot, Coimisean na h-Alba airson Cloinne agus Dhaoine Òga, Seirbheis an Fhoghlaim aig Pàrlamaid na Rìoghachd Aonaichte, Young Scot, Comann nan Dùthchannan Aonaichte, Foghlam na h-Alba agus Modernity Scotland.

 

Cùl-fhiosrachadh

Tha Seirbheis an Fhoghlaim aig a’ Phàrlamaid air a bhith ag obair le Comataidh a’ Cheartais agus Rùnaire a’ Chaibineit airson Ceartais gus buidheann-obrach a chumail do dh’oileanaich a’ gabhail Nuadh-eòlais aig Àrd-ìre bho 2010. Bha uimhir de dh’fhèill aig clann-sgoile air agus gun do chùm Seirbheis an Fhoghlaim ‘GLOW Meet’ air an lìon tro eadra-lìon nan sgoiltean ann an 2011 gus frithealadh air an fhèill. Tha an tachartas am-bliadhna a’ cur air chomas do chòrr is ceud gu leth de chlann-sgoile dol an sàs ann gu dìreach.

 

Am measg nan sgoiltean an sàs ann, tha:

•              Àrd-sgoil Duncanrig, Cille Bhrìghde an Ear

•              Acadamaidh na Cùilte, Obar Dheathain

•              Àrd-sgoil Ghleann Rathais

•              Sgoil-ghràmair Dhùn Barra

•              Acadamaidh Arla, Obar Dheathain

•              Acadamaidh Bearsden

•              Acadamaidh Hazelhead, Obar Dheathain

•              Àrd-sgoil Chair Chaladain

•              Sgoil-ghràmair Obar Dheathain

•              Sgoil Albyn, Obar Dheathain

•              Acadamaidh an Naoimh Mairead, Lodainn an Iar

•              Àrd-sgoil Chomar nan Allt

•              Acadamaidh Bucksburn, Obar Dheathain

•              Àrd-sgoil Bhearaig a Tuath

•              Àrd-sgoil Greenfaulds, Comar nan Allt

•              Sgoil Chlann-nighean an Naoimh Mairead, Obar Dheathain

•              Acadamaidh Bhanbh

•              Àrd-sgoil St Ninian, Cair Ceann Tulaich

•              Àrd-sgoil Chair Ceann Tulaich

•              Acadamaidh Dhrochaid Dheathain

•              Àrd-sgoil Milne, Fachabair

•              Àrd-sgoil Chraoibh

•              Àrd-sgoil Inbhir Losaidh

Bidh dealbhan den teachartas rim faighinn saor is an-asgaidh bho dhealbhadair oifigeil na Pàrlamaid,. Cuir fios gu Anndra Cowan air 0131 348 5878 / andrew.cowan@scottish.parliament.uk
Bidh dealbhan rim faighinn aig:
http://www.scottishparliamentphoto.com
Tachartas: Modern Studies Summit
Facal-faire: 16nov2012

This website is using cookies.
We use cookies to ensure that we give you the best experience on our website. If you continue without changing your settings, we’ll assume that you are happy to receive all cookies on this website.