Sgeulachdan Siùbhlach a’ tighinn gu Dùn Phris

16.10.2012

Tha taisbeanadh a tha a’ cur cèill mar a tha deichnear neach ann an Alba air ceangal a dhèanamh ri Pàrlamaid na h-Alba gus atharrachadh adhbharachadh a’ fosgladh ann an Clachan Eòin (St John’s Town of Dalry), Dùn Phris, an-diugh (Dimàirt 16 Dàmhair).

Tha na ‘Sgeulachdan Siùbhlach’ air a bhith a’ siubhal na h-Alba bho 2009, nam measgachadh de dhealbhan-dhaoine, stuth-amhairc is stuth-èisteachd ann an ionadan air feadh na dùthcha.  Tha an taisbeanadh ag aithris mu na dh’fhiosraich deichnear a tha air buaidh a thoirt ann an Alba thiomnaichte le athchuingean, greis-obrach agus ceangal ri Pàrlamaid na h-Alba.

Agus i a’ cur fàilte air an taisbeanadh gu Dùn Phris, thuirt an t-Oifigear Riaghlaidh Tricia Marwick BPA:

“Tha còrr is 200,000 neach air an taisbeanadh seo fhaicinn ma-thà agus e a’ siubhal air feadh na h-Alba. Tha mi cho toilichte gu bheil e air nochdadh ann an Dùn Phris a-nis, oir tha e cudromach gun dèan Pàrlamaid na h-Alba ceangal ri dùsgadh-inntinn is àrd-amas dhaoine air feadh na dùthcha.

“Tha iomadach dòigh ann gus ceangal a dhèanamh ris a' Phàrlamaid, biodh e tro iomairt, a’ cur athchuinge a-steach no a' dèanamh ceangail le Buill aig tachartas no taisbeanadh air a chumail le buill, agus tha e mar amas aig na 'Sgeulachdan Siùbhlach' feadhainn de na modhan seo a thoirt gu bith."

Thuirt Marie Davie bho Chomataidh-rianachd Talla-baile Chlachan Eòin:

“Tha Comataidh-rianachd Talla-baile Chlachan Eòin toilichte fàilte a chur air taisbeanadh Pàrlamaid na h-Alba don bhaile. Thathar an dòchas gun tarraing e tòrr luchd-tadhail gu Talla a’ Bhaile is gun cuir e cuideam air ruigsinneachd na Pàrlamaid na h-Alba don t-sluagh.

Cùl-fhiosrachadh

Fuirichidh an taisbeanadh Sgeulachdan Siùbhlach anns an Talla-baile ann an Clachan Eòin gu Diardaoin 1 Samhain. 

'S iad an deichnear aig am bi sgeul san taisbeanadh:

Gemma Nic an Tòisich, A' Ghàidhealtachd 's na h-Eileanan, a bhios ag iomairt airson taic nas fheàrr do dhaoine ann an Alba aig a bheil trioblaid fradharc.

“Tha mise air aon eisimpleir de mhòran daoine le feumalachdan a bharrachd a chaidh a leigeil sìos le siostam an fhoghlaim. Tha mi airson an siostam atharrachadh agus mar a dhèiligear ri clann le trioblaid fradharc."

Bob Reid, Alba mu Dheas, a chuir athchuinge a-steach gus Goireasan do Mhotor-Rothairean Far-an-Rathaid a chur air chois. 

“Creididh mise gu làidir gu bheil mar gum biodh iuchar ann don a h-uile òganach, as bith dè na duiligheadasan aca... thoir dhaibh dùbhlan ùr, rudeigin a thuigeas iad, rudeigin dom buin iad."

Tina NicÌomhair, A' Ghàidhealtachd 's na h-Eileanan, a chuir athchuinge post-d a-steach mu oidhirp leigheasan aillse fhaotainn air Seirbheis Nàiseanta na Slàinte.

“Chuir sinn romhainn iomairt a chur air bhonn, ged nach robh guth air an fhacal iomairt aig an àm. Sgrìobh Mìcheal litir agus sheòl mise mar phost-d i don a h-uile duine air an siostam agam 's dh'iarr mi orra a cur chun nam Ball-Pàrlamaid aca, 's mar sin b' e sin an toiseach-tòisichidh."

Walter Baxter, Taobh an Ear-thuath na h-Alba, a chuir athchuinge air dòigh gus cur an aghaidh mar a bhathar a' coimeasgadh ionadan sònraichte airson dhaoine a dh'fhulaingeas dòirteadh-fala eanchainne.

“Tha a bhith a' fulaing le tinneas-eanchainne glè dhoirbh, chan ann dhut fhèin a- mhàin ach do na daoine a tha a' toirt an aire dhut. 'S e glè bheag de chùram an dèidh làimh a th' ann do dhaoine le tinneasan eanchainne."

John Muir, Taobh a Siar na h-Alba, a chuir athchuinge a-steach gus cur an aghaidh eucoir le sgeinnean an dèidh bàs a mhic.

“Saoilidh mi gun do thuig muinntir Ghrianaig agus daoine sna ceàrnaidhean mun cuairt gur e suidheachadh mo mhic Damian rud a dh'fhaodadh tachairt dha mac no nighean aca fhèin... feumaidh rudeigin atharrachadh."

An t-Urr. Iain Dòmhnallach, A' Ghàidhealtachd 's na h-Eileanan, a tha air Àm Cnuasachaidh a stiùireadh an am Pàrlamaid na h-Alba.

“Tha daoine an seo gu mòr an-sàs san rud ris an canar coimhearsnachd, agus ann an ceistean ceartas sòisealta. 'S e chuireas fìor choimhearsnachd an cèill ach ciamar a bheirear aire do na daoine is feumaile aice."  

Iain MacLeòid, Lodainn, a chuir dà athchuinge a-steach mu chùisean Gàidhlig, agus a tha gu mòr an-sàs ann an cùisean cultar is Gàidhlig ann an Dùn Èideann.

“'S e bh' air chùl na h-iomairt ach feum air inbhe shònraichte don chànan a chor’s gum bi leasachaidhean leantainneach comasach san àm ri teachd."

Amal Azzudin à Glaschu, a thog iomairt an aghaidh a bhith a' glacadh luchd-sireadh-tèarmainn sa chamhanaich leis nach do shoirbhich dìon poilitigeach fhaotainn.

“'S e a thugadh a-mach leis an iomairt aig a' char is motha ach aire a thogail... 's e sin an aon rud a b' urrainn dhuinn a dhèanamh."

Claire Ewing, Ball de Phàrlamaid Òigridh na h-Alba.

“Buinidh poilitigs ris a h-uile rud 's ris a h-uile àite, ach cha tuig an òigridh sin... ma tha rud a dhìth ort, nì thu strì air a shon... feumaidh tu creidsinn annad fhèin agus anns gach nì a tha thu ris."

Rebecca Brown, Teis-meadhain na h-Alba, a rinn greis-gnìomhachais aig oifis roinneil a BPA ionadail.

“An tuigse gum buin poilitigs ris a h-uile rud. Chan eil dol às agad... gu fìrinneach, feumaidh tu a bhith an-sàs ann, bheir e buaidh ort co-dhiù."

This website is using cookies.
We use cookies to ensure that we give you the best experience on our website. If you continue without changing your settings, we’ll assume that you are happy to receive all cookies on this website.