Beachdan soilleir a dhìth mu challaidean àrda

05.10.2012

Tha callaidean àrda air coimhearsnachdan a dhealachadh thar nam bliadhnaichean. Tha comataidh aig Pàrlamaid na h-Alba ag iarraidh ar daoine a-nis fios a chur thuice leis na beachdan aca mun Bhile a chaidh a chur air adhart a tha a’ feuchainn ris an duilgheadas fhuasgladh.

Chaidh Bile nan Callaidean Àrda (Alba) a thoirt a-steach ann am Pàrlamaid na h-Alba le Marcas Dòmhnallach BPA air 2 Dàmhair 2012. Tha Comataidh Riaghaltas Ionadail is Ath-nuadhachadh ag iarraidh air daoine a-nis na beachdan aca a nochdadh air mar a tha san amharc anns a' Bhile aghaidh a chur air ceist nan callaidean àrda a bhios a' briseadh a-steach air tlachd reusanta à seilbh-dhachaigh.

 

Thuirt Neach-gairm na Comataidh Caoimhin Stiùbhart BPA:

 

“Chan eil teagamh nach eil de chomas aig callaidean àrda sradagan is fearg a thogail. Tha am Bile seo a’ feuchainn ri ullachaidhean a chur ri chèile a chuidicheadh gus barganachadh a dhèanamh, agus taic a thoirt do dh'ùghdarrasan ionadail gus connsachadh nach gabh rèiteach leis an fheadhainn a tha an sàs a shocrachadh.

 

"Is e na tha a' Chomataidh againn ag iarraidh faighinn a-mach a bheil e coltach gum bi na molaidhean sa Bhile ag obrachadh ann an da-rìribh. Tha sinn ag iarraidh cluinntinn bhon fheadhainn aig a bheil fiosrachadh anns an raon seo gus an tèid againn air beachd dha-rìribh a nochdadh ris a' Phàrlamaid ann am farsaingeachd am bu chòir gun tèid am Bile seo air adhart gus nach tèid.

 

Bu chòir do dhaoine agus do bhuidhnean aig a bheil ùidh sa chùis sgrìobhadh chun na Comataidh len cuid bheachdan air a' Bhile. Gheibhear barrachd fiosrachaidh air duilleagan na Comataidh air làrach-lìn na Pàrlamaid.

 

Bu chòir beachdan a chur, na h-uidhir ’s a ghabhas e dèanamh, ann an cruth dealanach agus ann an riochd MS Word gu:

highhedgesbill.lgrc@scottish.parliament.uk

Is e an ceann-latha mu dheireadh air an gabhar ri beachdan 6f Diardaoin 29 Samhain 2012.

Cùl-fhiosrachadh

Is e prìomh amas a’ Bhile “rèiteach a thoirt air ceist nan callaidean àrda a bhriseas a-steach air tlachd reusanta à seilbh-dhachaigh.”

 

Tha am Bile a’ cur an cèill gun tèid seo a thoirt gu buil le bhith a’ cur innleachd an sàs gus connsachadh ceangailte ri callaidean àrda a rèiteach a bheir cumhachdan às ùr do na h-ùghdarrasan ionadail gus aghaidh a thoirt air na ceistean seo. Cuiridh am Bile air chomas do na h-ùghdarrasan ionadail cosgaisean gus gnìomh a ghabhail gus aghaidh a thoirt air ceist mu challaid àrd iarraidh air ais. Chuir am Meòrachan-poileasaidh an cèill gum b’ e amas a’ Bhile dèanamh cinnteach gun tèid a’ chosgais do dh'ionmhas poblach gus connsachadh prìobhaideach mu challaidean àrda a rèiteach a chumail aig an ìre as ìsle a tha ann.

 

Aonan de mhìrean bunaiteach a’ Bhile, is e mìneachadh reachdail mu challaid àrd a stèidheachadh. Is e am mìneachadh a bheir am Bile air callaid àrd, callaid:

·         a tha air a cruthachadh uile-gu-lèir no air a' chuid as motha le sreath de dhà chraoibh no de dhà phreas a tha sìor-uaine no letheach sìor-uaine,

·         a dh’èireas gu àirde de chòrr is dà mheatair os cionn ìre na talmhainn, agus

·         a tha na bacadh air an t-solas.

 

Air los a’ mhìneachaidh seo “cha bhithear den bheachd gu bheil callaid na bacadh air an t-solas mas e gu bheil beàrnan innte a lùghdaicheas gu mòr a' bhuaidh shlàn a bheir i mar chomharradh-crìche aig àirde de bharrachd is 2 mheatair.”

 

Cha deach am Bile a chur chun na Comataidh gus beachd a ghabhail air fhathast. Bha a’ Chomataidh an urra, ge-tà, ri beachd a ghabhail air aithris a' Bhuill an ceannas mu na h-adhbharan gun comhairleachadh a chur mun mholadh mun Bhile agus is coltach mar sin gun tèid am Bile a chur chun na Comataidh.

Contact information

Media information

Committee information

Public information

  • Telephone: 0800 092 7500
  • Textphone users can contact us on 0800 092 7100
  • We also welcome calls using the Text Relay service
  • Text message: 07786 209888
  • sp.info@scottish.parliament.uk

You can also follow us on twitter @scotparl

Committee: @SP_LocalGovt

This website is using cookies.
We use cookies to ensure that we give you the best experience on our website. If you continue without changing your settings, we’ll assume that you are happy to receive all cookies on this website.