07.10.2012
Thathar a' fàilligeadh òigridh gun dachaigh a thaobh taic a bheir cuideachadh dhaibh faighinn thairis air dìth sgilean beatha, suidheachadh a thèid am miosad ri linn ionadan-fuirich aig droch-ìre agus iomallachd, a rèir aithisg a dh'fhoillsich Comataidh Co-ionannachd Chothroman an-diugh.
Tha an aithisg 'Dachaigh 's a Cumail: ceuman a chuireas stad air dìth dachannan òigridh', a' toirt am follais sreath de dhùbhlain a bhios ron òigridh a dh'fhulaingeas bristeadh san teaghlach, agus ron fheadhainn sin a tha cugallach air dhaibh ionadan-cùraim fhàgail, a thaobh beatha neo-eisimeileach a thoirt a-mach dhaibh fhèin.
A rèir aithisg na comataidh, anns a bheil fianais is fios a fhuaireadh aig òigridh a bha iad fhèin gun dachaigh, dh'fhaodadh innleachdan leithid obair-rèite, cothroman faochaidh agus ròl nan sgoiltean a bhith air an cur gu feum gus stad a chur air a' chùis.
Cuideachd, dhrùidh air a' chomataidh gun robh fianais ann gu bheil òigridh gun dachaigh ann a thig an uachdar às an dà chuid teaghlaichean agus à siostam a' chùraim aig a bheil, a rèir aon neach-fianaise* - "dualchas easpa sgilean sòisealta is dìth modhan cumanta sòisealta", 's bhathar a' toirt rabhadh gur dòcha, "Gu bheil sinn... fo chunnart gun cruthaich sinn fo-chlas de dhaoine air leth aig nach eil na sgilean sòisealta a bheir air adhart iad."
Thuirt Neach-gairm na Comataidh, Mary Fee BPA:
"Mothachail 's gu bheil sinn gu bheil Riaghaltas na h-Alba agus na h-ùghdarrasan ionadail ag obair gu dian gus stad a chur air dìth dachannan òigridh, bha sinn air ar buaireadh gu mòr a' cluinntinn bho dhaoine òga aig aois 16 a' fàgail ionadan-cùraim 's fìor dhìth orra a thaobh sgilean beatha riatanach, leithid airgead a làimhseachadh, 's iad an sin air an cur a-steach gu dachannan aig droch-ìre 's nach bu chòir gabhail riutha, agus iad air am fàgail air an iomall annta sin gun taic."
"Feumaidh Riaghaltas na h-Alba dèanamh cinnteach gun gabhar tuilleadh obrach leantainnich os làimh gus stad a chur air seo, gum bithear a' teasgasg sgilean beatha sna sgoiltean, gun coileanar bun-ìrean reachdail a thaobh ionadan-fuirich agus gum faigh an òigridh as cugallaiche againn taic aig àm cho cudromach nam beatha."
Cuideachd, thug an aithisg am follais grunn cheistean mum feum Riaghaltas na h-Alba freagairtean a thoirt air ais don chomataidh, mar a tha:
- Fìor-dhragh na comataidh gum bi cuid de dh'ùghdarrasan ionadaile a' dèiligeadh ri òigridh aig aois 16 's iad a' fàgail ionadan-cùraim ann an dòigh caran àbhaisteach, tron t-siostam daoine gun dachaigh.
- Am feum a th' ann dèanamh cinnteach gu bheil tabhartasan cùram coimhearsnachd (TCCan), a tha ri fhaotainn gus cuideachadh a thoirt do dhaoine imrich a dhèanamh às ionadan-cùraim còmhnaidh 's a-steach gu dachannan, gu tur air dòigh air an dearbh latha a gheibh an duine òg iuchraichean na dachaigh, chan ann seachdainnean neo mìosan an dèidh làimh.
- Gum bu chòir sgrùdadh a dhèanamh air ro-innleachd a h-uile ùghdarras a thaobh stad a chur air dìth dachannan òigridh, a chor is gum faighear a-mach cò aca a tha èifeachdach 's neo-èifeachdach.
Cùl-sgeul
Thig an fhianais bheòil air an deachaidh tarraing a thoirt sa phìos suas à taobh-duilleig 13 den aithris 's iad air an cur às leth an Dr Paul Monaghan o Urras Dìth Dachannan na Gàidhealtachd, duine a thug fianais don chomataidh air 29 Samhain 2011.