Comataidh ri fianais a thogail air rotharachd is coiseachd

24.09.2012

Bidh mar a chuireas buidseat Riaghaltas na h-Alba taic ri rotharachd (cycling) is coiseachd mar chuspair aig coinneamh le Comataidh aig Pàrlamaid na h-Alba an t-seachdain seo (Diciadain 26 Sultain).

Nì an seisean aig pannal Chomataidh Bun-structair is Tasgadh Calpa sgrùdadh gu dè an t-adhartas a tha Riaghaltas na h-Alba a' dèanamh gus am bi an deicheamh cuid den a h-uile turas a thathar a' dèanamh ann an Alba air rothar ro 2020 agus a bheil tasgadh gu leòr ann’ a’ bhuidseat airson 2013/14 gus cuideachadh gus na h-amasan adhartach a chaidh a shocrachadh a thoirt a-mach.

Is iad an luchd-fianaise air a’ phannal:

• Manaidsear Living Streets Scotland, Keith Irving;

• Stiùiriche Nàiseanta SUSTRANS airson na h-Alba, John Lauder;

• Ceannard Cycling Scotland, Ian Aitken;

• Riochdaire SCOTS, Phil Noble;

• Co-eagraiche Pedal on Parliament, an Dr David Brennan.

Nì a’ Chomataidh sgrùdadh cuideachd air a’ bhuaidh a bheir am buidseat air coiseachd agus an àrainneachd na cois. Thèid beachdan luchd-fhianaise a mheòrachadh leis a’ Chomataidh cho math ris an fhianais-sgrìobhte a gheibh i an dèidh dhi gairm fhoirmeil airson fianaise a sgaoileadh, ris a bheil dùil air an t-seachdain seo fhèin. Gabhaidh seo a-steach ceistean cuideachd air taigheadas, còmhdhail is bun-structair anns an dreachd den bhuidseat. Cuidichidh an fhianais gu lèir ris a’ chomataidh gus an aithisg aice san t-Samhain mun bhuidseat ullachadh.

Cùl-fhiosrachadh

Tha Riaghaltas na h-Alba a’ nochdadh nam poileasaidhean aige air rotharachd ann an Cycling Action Plan for Scotland (CAPS), a chaidh fhoillseachadh anns an Ògmhios 2010. Is e an sealladh bunaiteach anns an sgrìobhainn seo gun tèid an deicheamh cuid de na tursan air fad a thèid a dhèanamh ann an Alba a dhèanamh air rothar ro 2020.

Tha CAPS a’ toirt air Transport Scotland, ag obair le buidhnean ann an com-pàirteachas a rèir mar a tha iomchaidh, 17 gnìomhan sònraichte a ghabhail, nam measg a’ lìonadh a-steach nam beàrnan san Lìonra Nàiseanta mu Rotharachd. Tha dùil ri aithisg le Cycling Scotland mu chur an gnìomh nan CAP ach cha deach a foillseachadh fhathast. Thug am Ministear ri Còmhdhail agus Seann Saighdearan fios mu adhartas ri linn fianais-labhairt don Chomataidh air 9 Cèitean 2012 nuair a thuirt e “Tha sinn mu 2% air feadh na dùthcha, mar sin tha tòrr ri dhèanamh fhathast” agus gun robh e den bheachd “…gun robh an t-amas doirbh a thoirt a-mach seach gum bi feum air atharrachadh ann am beachdan daoine air a shon”. .

Is e am prìomh dhleastanas a tha air a’ Chomataidh poileasaidhean is caiteachas a Riaghaltas na h-Alba a sgrùdadh a thaobh nan cuspairean a leanas;

• Taigheadas;
• Còmhdhail;
• Tasgadh calpa;
• 
Bun
-structar didseatach agus bann-leathann;
• Cion-connaidh agus cobhair le lùths;
• Uisge na h-Alba; agus
• Fastadh poblach. 

Bidh a’ Chomataidh cuideachd a’ cumail a cuid rannsachaidh fhèin air ceistean sam bith an taobh a-staigh an raoin-ùghdarrais aice.

Bidh aithisgean air buidseat gan ullachadh le Comataidhean na Pàrlamaid gus an gabh Comataidh an Ionmhais beachd orra. Tha Comataidh an Ionmhais ris an aithisg aice air buidseat Riaghaltas na h-Alba fhoillseachadh aig toiseach na Dùbhlachd. Airson barrachd fiosrachaidh air modh-obrachaidh bhuidseatan, dèanaibh briog an seo:

http://www.parlamaid-na-h-alba.uk/Brathan-ullachaidh is Bileagan-fiosrachaidh air Rannsachadh/S4/SB_11-74.pdf


Faodar pàipearan nan comataidhean a luchdachadh a-nuas:

http://www.pàrlamaid-na-h-alba.uk/gnothachnapàrlamaid/ComataidheanLàithreach/29837.aspx

Thèid coinneamh na Comataidh a chraoladh beò air an lìn:

http://www.pàrlamaid-na-h-alba.uk/ionadnaidheachdanismheadhanan/3168.aspx

Bidh cothrom air dealbhan den tachartas an-asgaidh bho Oifis nam Meadhanan aig Pàrlamaid na h-Alba (Andrew Cowan – 0131 348 5878 / post-dealain: andrew.cowan@scottish.parliament.uk)

Contact Information

Media

Committee information

Public information

  • Telephone: 0800 092 7500  Textphone users can contact us on 0800 092 7100. 
  • We also welcome calls using the Text Relay service
  • Text message: 07786 209888
  • sp.info@scottish.parliament.uk

You can also follow us on twitter @scotparl

Photography

Photographs of the event will be available free of charge from the Scottish Parliament’s Media Office

This website is using cookies.
We use cookies to ensure that we give you the best experience on our website. If you continue without changing your settings, we’ll assume that you are happy to receive all cookies on this website.