24.09.2012
Fhuair rannsachadh pàrlamaid air seirbheisean eòlas-cridhe a-mach gu bheil dùil aig daoine ann an àiteachan nach eil cho beartach agus ann an coimhearsnachdan eitnigeach ri droch-shlàinte.
Tha comataidh de BPAan cuideachd air iarraidh air Riaghaltas na h-Alba ath-sgrùdadh a dhèanamh a thaobh a bheil lìon nan Dotairean Teaghlach a' coileanadh feumalachdan nan euslainteach seo.
San aithisg-rannsachaidh a dh'fhoillsich i an-diugh, bha buill de Chomataidh Sgrùdadh Poblach aig Pàrlamaid na h-Alba air an sgànradh fhaighinn a-mach gun robh cuid de dh'euslaintich 'ag àbhaisteachadh' an cuid pèin, fhad 's a bha càch ann nach do dh'aithnich na dh'adhbhraicheas greim-cridhe, 's iad a' dèanamh dheth gu ceàrr gur e losgadh-bràghad a bh' ann.
Tha a' chomataidh air iarraidh air Riaghaltas na h-Alba cur an cèill na tha san amharc aca gus aghaidh a chur air an t-seasamh seo - a tha coltach ri seasamh eu-dòchasach - am measg euslainteach a tha nan còmhnaidh ann an coimhearsnachdan àraid, gum bu chòir dùil a bhith aca ri droch-shlàinte.
Dh'aidich na BPAan gu bheil tuilleadh Dhotairean Teaghlach ann a rèir lìon daoine na h-Alba seach an taca ris a' chòrr dhen RA, agus chuir iad fàilte ron tuigse a th' aig Riaghaltas na h-Alba an-dràsta gu bheil feumalachdan a bharrachd aig euslaintich ann an àiteachan a tha dona dheth, tuigse a tha soilleir o na tha na Dotairean Teaghlaich a' faighinn de dh'ìrean ionmhais. Gidheadh, fhuair na BPAan a-mach gur dòcha nach robh seo a' tachairt ann an coimhearsnachdan nach eil cho math dheth agus far a bheil tòrr dhen aon ghalair ri fhaotainn, rud ris an canar 'co-mharbhtachd' (comorbidity).
Uime sin, tha a' chomataidh air iarraidh air Riaghaltas na h-Alba ath-sgrùdadh a dhèanamh a thaobh a bheil lìon nan Dotairean Teaghlaich a' coileanadh feumalachdan nan euslainteach seo.
Thuirt Neach-gairm Comataidh Sgrùdadh Poblach, Iain Gray BPA:
"Fhuair a' chomataidh a-mach ri linn tursan-fiosrachaidh a Ghlaschu gu bheil dìreach 'dùil' aig mòran daoine às àiteachan a tha bochd agus às mion-choimhearsnachdan eitnigeach àraid ri droch-shlàinte. B' e an teachdaireachd làidir eagalach ach 'gum faigh ar leithid bàs tro thinneas-cridhe, agus sin mar a tha 's mar a bhios'.
"Fhuair sinn a-mach gu bheil mòran daoine, gu sìmplidh, an dùil nach bi deagh-shlàinte aca agus gu bheil iad, cha mhòr, a' gabhail ris gum bi droch-shlàinte aca nam beatha, tinneas-cridhe na cois.
"Bho bhith a' bruidhinn ri euslaintich agus ri proifeiseantaich-slàinte, fhuair sinn a-mach gun robh cuid de dhaoine 'ag àbhaisteachadh' (normalising) an cuid pèin, neo gun robh iad dhen bheachd nach robh i dona gu leòr bruidhinn ris an Dotair aca mu deidhinn.
"Agus ann an cuid de shuidheachaidhean, bha euslaintich fiù’s ag ràdh nach do dh'aithnich iad comharradhaidhean droch-shlàinte, chun na h-ìre 's nach robh tuigse aca an e greim-cridhe neo losgadh-bràghad a bh' orra.
"Uime sin, tha Comataidh Sgrùdadh Poblach ag iarraidh air Riaghaltas na h-Alba cur an cèill na th' aca san amharc gus aghaidh a chur ris an t-seasamh eu-dòchasach seo taobh a-staigh choimhearsnachdan bochda agus ann an cuid de mhion-choimhearsnachdan eitnigeach na h-Alba."
A thaobh seirbheisean Dhotairean Teaghlach, lean Mgr Gray BPA:
"Ged is fìor e gu bheil co-mheas nas àirde de Dhotairean Teaghlach a rèir gach neach den mhòr-shluagh ann an Alba seach ann an àite sam bith eile san RA, tha seans nach eil mar a chuireas an riaghaltas ionmhas mu seach an-dràsta a' ciallachadh gum bi barrachd Dhotairean Teaghlach ann an coimhearsnachdan bochda. Agus 's ann sna coimhearsnachdan sin a tha tòrr dhen cho-mharbhtachd (comorbidity).
"Tha sinn, uime sin, ag iarraidh gun dèan Riaghaltas na h-Alba ath-sgrùdadh a thaobh a bheil gu leòr de Dhotairean Teaghlach ann gus feumalachdan nan daoine sna coimhearsnachdan seo a choileanadh."
Ann am pàirt eile dhen aithisg, chuir a' chomataidh fàilte ron naidheachd gu bheil nas lugha de dhaoine a' faighinn bàs aig na seòrsaichean uile de thinneas-cridhe thar nan deich bliadhna a chaidh seachad, agus gun gabh àireamhan seo nan comhairlean a chur an coimeas ris a' chòrr dhen Roinn Eòrpa. Mar sin, a thaobh ochd de chomhairlean Albannach, 's iad àireamhan tinneas-cridhe an fheadhainn as àirde ann an Taobh Siar na h-Eòrpa. Tha iad seo nas àirde am measg fhir, cuid de chinnidhean eitnigeach agus far a bheilear a' fuireach ann an ceàrnaidhean bochda.
Chuir a' chomataidh an cèill on fhianais a fhuaireadh gur e prògram nàiseantach roi-bheachdach cùraim Riaghaltas na h-Alba, ris an canar Bi Math, an dòigh cheart gus amas air slàinte dhaoine anns na coimhearsnachdan as bochda dheth a chur am feabhas. Mar sin, bha a' chomataidh fo dhragh nach bi toraidhean luachaidh an Riaghaltais air Bi Math ri fhaotainn gu samhradh 2014. O chionn 's gun deach £11.3m a chur mu seach airson a' phrògraim seo ann an 2011/12 agus a-rithist ann an 2012/13, tha a' chomataidh air soillearachadh iarraidh air Riaghaltas na h-Alba mu na th' aca san amharc a thaobh luachadh eadar-ama sam bith ro shamhradh 2014.
Tha co-mharbhtachd (comorbidity) a' ciallachadh suidheachadh far a bheil aon no tuilleadh air aon duilgheadas (neo galair) ri fhaotainn, cho math ri prìomh ghalair neo dhuilgheadas, air neo buaidh a leithid.