17.09.2012
Thadhail Buill Chomataidh Riaghaltas Ionadail is Ath-bheothachadh an-diugh air Stèisean Dail Mheàrnaig rè turas lorg-fiosrachaidh gu pròiseact ath-bheothachaidh a’ Gheata Chluaidh.
Taobh clì gu deas tha: Iain Manson, Àrd-oifigear a’ Gheata Chluaidh, Leas Neach-gairm na Comataidh Caoimhin Stiùbhart BPA, Niall MacDhòmhnaill, Cathraiche a’ Gheata Chluaidh, Mairead Mitchell BPA and Iain Pentland BPA.
Tha a’ phròiseact, a thòisich ann an 2007, na com-pàirteachas eadar Comhairle Cathair-bhaile Ghlaschu, Comhairle Lannraig a Deas agus Iomairt na h-Alba.
Tha a’ cheàrnaidh aca a’ gabhail a-steach pàirt mòr de Ghlaschu an Ear, na measg Baile na Drochaid, Dail Mheàrnaig, Parkhead, cho math ris an Ruadh-Ghleann agus Shawfield ann an Lannraig a Deas.