Ro-innleachd turasachd ‘bliadhnaichean buadhach’ gu bhith ga sgrùdadh

02.09.2012

Thèid na chuireas roi-innleachdean mòra de thaic ri turasachd ann an Alba, nam measg am film Brave, Tilleadh Dhachaigh 2014, Cuach Ryder agus Glaschu 2014 a sgrùdadh le Comataidh Eaconomaidh, Lùths agus Turasachd  an ath sheachdain.

Thuirt Neach-gairm Chomataidh Eaconomachd, Lùths agus Turasachd  Murchadh Friseal BPA:

“Bidh Alba an ceannas air grunnan thachartasan cudromach sna bliadhnaichean ri teachd a chuireas ris an ìomhaigh a tha aice sa chruinne-chè, co-dhiù a bhuineas seo ri golf, filmichean mòra ann an Hollywood no spòrs eadar-nàiseanta. Ach a bheil Alba a’ toirt nas urrainn dhi às na cothroman seo gus an dùthaich a chur air adhart mar ionad do luchd-turais?

“Tha a’ Chomataidh air iomagain a chur an cèill mar-thà gur dòcha gum fairtlich air VisitScotland an t-amas adhartach aige gus teachd-a-steach à turasachd a leudachadh 50 a-mach às a’ cheud ro 2015 a thoirt a-mach.

“Tha feum againn air freagairtean mar sin an cuir na tachartasan mòra seo ri turasachd agus a rèir sin ri eaconomaidh na h-Alba. Agus mas e nach cuir, dè eile a ghabhas dèanamh gus a dhèanamh cinnteach nach caill Alba a-mach.”

Seallaidh an rannsachadh cuideachd an do chuidich airgead a chosgadh gus ìomhaigh na h-Alba a chur air adhart aig tachartasan air feadh na Rìoghachd Aonaichte leithid Iubailidh na Banrigh agus Gèamannan Oilimpigeach 2012 ann an Lunnainn mar bhuannachd do thurasachd no a chaochladh.

Am measg nam buidheann a thèid a cheasnachadh mu cho èifeachdach is a tha ro-innleachd nam ‘bliadhnaichean buadhach’ aig VisitScotland agus mun bhuaidh a bheireadh i tha:

  • Gordon Arthur, Stiùiriche, Conaltradh agus Margaideachd, Glaschu 2014;
  • Stephen Leckie, Cathraiche, Buidheann-ceannais Turasachd;
  • Andrew Dixon, Ceannard, Alba Chruthachail;
  • Willie Macleod, Ceannard, Comann Aoigheachd Bhreatainn;
  • An t-Àrd-ollamh John Lennon, Stiùiriche Ionad Moffat airson Siubhail agus Turasachd, Oilthigh Chaledonianach Ghlaschu;
  • An t-Oll. Mike Cantlay, Cathraiche, agus Malcolm Roughead, Ceannard, VisitScotland
  • Fergus Ewing BPA, Ministear Lùtha, Iomairt agus Turasachd. 

Cùl-fhiosrachadh

Tha ro-innleachd nam ‘Bliadhnaichean Buadhach’ na cothrom do ghnìomhachasan-turasachd an t-adhartas as fheàrr a thoirt le bhith a’ sealltainn air tachartasan mòra thar nam bliadhnaichean ri teachd. Tha £30 millean ga thasgadh le VisitScotland mar thaic ris an ro-innleachd. Nam measg seo tha Bliadhna Alba Chruthachail, na Gèamannan Oilimpigeach agus Iubailidh na Banrigh ann an 2012.

Chaidh an rannsachadh seo a chur air bhog an dèidh aithisg leis a’ Chomataidh sa Ghearran, far an deach iomagain a chur an cèill a thaobh mar a ghabhadh an t-amas de 50 a-mach às a’ cheud air fàs a thoirt a-mach. Tha rùn aig Riaghaltas na h-Alba agus aig obair na turasachd cur ri teachd-a-steach slàn bho thurasachd 50 a-mach às a’ cheud ann an seagh dha-rìribh ro 2015, a’ cur feum air na h-àireamhan teachd-a-steach airson 2005 mar bhunait. Gus aghaidh a thoirt air teagamh sam bith, dh’iarr a’ Chomataidh aithrisean bliadhnail air VisitScotland mu adhartas gus an t-amas a thoirt a-mach, cho math ri planaichean gus aghaidh a thoirt air tuiteam air ais sam bith ann an adhartas.

Gheibh a' Chomataidh fianais bho fharsaingeachd de bhuidhnean le ùidh san raon aig dà choinneimh leis a' chomataidh, a' tòiseachadh leis a’ chiad choinneimh aig a’ Chomataidh an dèidh an fhosaidh 5 Sultain.

Contact information

Media

Committees

Public information

  • Telephone: 0800 092 7500
  • Textphone users can contact us on 0800 092 7100
  • We also welcome calls using the Text Relay service
  • Text message: 07786 209888
  • sp.info@scottish.parliament.uk
Telephone: 0800 092 7500

You can also follow us on twitter @scotparl

This website is using cookies.
We use cookies to ensure that we give you the best experience on our website. If you continue without changing your settings, we’ll assume that you are happy to receive all cookies on this website.