Sùil air spòrs agus Buill a’ tadhal air làrach Ghlaschu 2014

28.08.2012

Chaidh Ionad-rothaireachd an Ridire Chris Hoy, Àrainn a’ Cho-fhlaitheis agus Baile nan Lùth-chleasaichean far an tèid Gèamannan a’ Cho-fhlaitheis a chumail ann an 2014 a shealltainn an-diugh do bhuill Chomataidh Slàinte agus Spòrs.

Chaidh a' chuairt a chumail agus a' Chomataidh air tòiseachadh air ullachadh gus an rannsachadh aice mun àite a tha aig spòrs-coimhearsnachd an ath sheachdain a ghluasad air adhart.

Thuirt Neach-gairm Chomataidh Slàinte agus Spòrs, Donnchadh MacNèill BPA:

“An ath sheachdain, tòisichidh sinn a' sealltainn air an àite a tha aig spòrs anns a' choimhearsnachd againn. Tha seo gu sònraichte cudromach gus cuideachadh a chur ri soirbheachadh Sgioba na Rìoghachd Aonaichte aig Geamannan Oilimpigeach 2012 ann an Lunnainn agus ris a’ bhuaidh bhrosnachail a thug lùth-chleasaichean às gach ceàrn den t-saoghal.

“Tha a h-uile duine a’ sealltainn a-nis air Glaschu ro Gheamannan a' Cho-fhlaitheis ann an 2014.  Ri linn an rannsachaidh againn, nì sinn sgrùdadh air an àite a tha aig spòrs anns a h-uile rud bho chasg air galar gu dol an sàs ann an giùlan neo-shòisealta.  Bheir a bhith a' cluinntinn mar a thèid na goireasan barraichte seo a chleachdadh anns a' choimhearsnachd an dà chuid ro na Gèamannan is nan dhèidh cuideachadh dhuinn gus a' bhuaidh a dh'fhaodadh na Geamannan fhàgail air Alba a mheas."

Thuirt Neach-gairm Chomataidh Slàinte agus Spòrs, Bob Doris BPA:

"Ged a bhuineas Gèamannan a' Cho-fhlaitheis ri lùth-chleasaichean a' dèanamh a rèir àirde an comais, buinidh an dìleab a shocraich Riaghaltas na h-Alba cuideachd ri mar a bhrosnaicheas na Geamannan coimhearsnachdan air feadh na dùthcha.

“Tha e mar chuid den dìleab seo gum fàs ionadan-spòrs sna coimhearsnachdan air feadh na dùthcha mar ionad gus goireasan spòrs-coimhearsnachd a thoirt do dhaoine aig gach aois is ìre de dh’fhallaineachd. Agus i an ceannas air na Geamannan, tha cothrom air leth aig Alba beachd às ùr a ghabhail air a' chàirdeas a tha againn ri spòrs."

Fhuair buill na comataidh taisbeanadh prìobhaideach de na goireasan ann am Baile nan Lùth-chleasaichean, san Ionad-rothaireachd agus san Àrainn a thathar ri fhosgladh anns an Dàmhair.

Thuirt Dàibhidh Grevemberg, Ceannard Ghlaschu 2014:

"Bha Glaschu 2014 toilichte fàilte a chur air Comataidh Slàinte agus Spòrs gu Taigh a' Cho-fhlaitheis agus fiosrachadh às ùr a thoirt do bhuill mun adhartas againn gus Gèamannan barraichte a lìbhrigeadh do Ghlaschu, do dh’Alba agus don Cho-fhlaitheas.

 “Is e Geamannan a’ Cho-fhlaitheis an tachartas spòrs is cultarail as motha riamh a thachair ann an Alba agus tha e de chomas aca cothroman nach beag a chruthachadh ann an spòrs agus altachadh corporra do dhaoine fa leth agus do choimhearsnachdan air feadh na dùthcha.”

Cùl-fhiosrachadh

Thèid ìomhaighean den chuairt a chur gu luchd-deasachaidh dhealbhan.

Chuir Comataidh Slàinte agus Spòrs rannsachadh mu spòrs-coimhearsnachd air bhog air 2 Iuchar 2012 agus tha i air 53 beachdan ann an sgrìobhadh fhaighinn a chuidicheas rithe gus cruth a chur air an rannsachadh. Aig a’ chiad choinneamh den Chomataidh an dèidh fosadh an t-samhraidh, èistidh i ri beachdan bho eagrachaidhean nam measg Sportscotland, NHS na h-Alba agus Comann Spòrs na h-Alba.

Feuchaidh an rannsachadh ri aghaidh a chur air na cuspairean a leanas:

Mar a chuidicheas daoine – a’ sealltainn air an obair aig feadhainn saor-thoileach – agus a' sealltainn air mar a nithear cinnteach gum bi na cothroman agus an taic a tha a dhìth orra gus an taic as fheàrr a chur ri spòrs aig ìre ionadail 

A’ bhuannachd do chomainn-spòrs ionadail an dà chuid a thaobh (i) slàinte chasgach agus (ii) an cuid choimhearsnachdan

Cho cudromach agus a tha ionadan-spòrs, a thaobh cothrom, ruigsinneachd, cosgais agus càileachd nan goireasan.

Fios conaltraidh

Meadhannan

Comataidhean

  • Rodger Evans: 0131 348 5247
  • Fàilte ro text releay
  • Rodger.Evans@scottish.parliament.uk

Fiosrachadh a' phobail

Lean air twitter sin @ParlAlba

This website is using cookies.
We use cookies to ensure that we give you the best experience on our website. If you continue without changing your settings, we’ll assume that you are happy to receive all cookies on this website.