Daoine òga a' gabhail thairis a' phàrlamaid air latha mu dheireadh na fèise

24.08.2012

Thig an Fhèis Phoilitigs gu crìch le fuaim mòr meudaichte de dh'òigridh bho air feadh Alba a' togail an guth mar gum biodh iad a' gabhail thairis tro ghnothach ioma-ghuthach ceòlmhor air an latha mu dheireadh de dh'fhèis shoirbheachail eile aig Pàrlamaid na h-Alba (Disathairne 25 Lùnastail).

Bidh Scott Hutchison, prìomh bhall a' shàr-chòmhlain Albannaich, Frightened Rabbit, a' dol an-sàs san deasbad air Na Tha An Dàn do Ghnìomhachas a' Chiùil, fhad 's a bhios còmhlain eile a fhuair moladh mòr, sin The Machine Room agus The Stagger Rats air ceann chùisean ri linn Oidhche Òigridh nan Còmhlan-ciùil cuide ri Val Verde agus The Dandylions.

Cuideachd, ri linn Latha nan Daoine Òga bidh buidhnean-òigridh bho air feadh Alba a' togail deasbad mu chuspairean cudromach an latha anns an t-Seòmar Dheasbaid, fhad 's a bhios an fheadhainn fìor òg a' faighinn èisteachd ann an seisean sgeulachd eadar-ghnìomhach aig Taigh-cluiche  Òigridh na h-Alba, sin Poit Dhraoidheil a' Bhrochain, a tha ag amas air cloinn fo aois 7.

Faodaidh a h-uile aois èisteachd ris an Fhìor Urr. An Ridire Malcolm Rifkind QC BP, 's e ri deasbad le tiotal An Caidreamh Eadar an RA agus An Rùis An-Diugh, fhad 's a bhios Dè’n t-àite a th’ aig Bàrdachd ann am Poilitigs? air chois, far am bi pannail sàr-urramach le Aonghas Dubh MacNeacail, Janet Paisley agus George Gunn a' togail deasbaid mu àite na bàrdachd ann am poilitigs ar latha-ne.

Am measg thachartasan eile bidh Fuaimean an t-Sàmhchair le Gerry Hassan is Andy Wightman a' dèanamh deasbaid air dè as urrainn dhuinn dèanamh gus dùbhlan a chur ri cleachdaidhean neo-dheamocratach agus dìth saorsa 's rùm. Bidh A' Fuasgladh Alt 31 a' dìreadh air Cùmhnant nan Dùthchannan Aonaichte a thaobh còraichean cluiche chloinne, cultar is nan ealain, agus nì An t-Ollamh Richard Demarco deasbad air cho cudromach is a tha tasglannan dualchais ann an A' Caomhnadh ar Cultar, A' Cumadh Ar Linn Ri Teachd?

Cùl-sgeul

Mar fhèis a th' air a bhith a' dol fad ochd bliadhna, tha an Fhèis Phoilitigs aig Pàrlamaid na h-Alba a' gabhail a-steach prògram ceithir-latha de phoilitigs, de cheòl, de dh'ealain, de thèatair, de litreachas agus de dheasbad fon tiotal 'Poilitigs. Cultar. Cruthachd. Meadhan Deagh Atharrachaidh'. Bidh na tachartasan air chois air 17, 18, 24 is 25 Lùnastail ann an Taigh an Ròid, dachaigh Pàrlamaid na h-Alba.

Contact information

Media

  • Ann Donald: 0131 348 5605
  • Text Relay calls welcome
  • ann.donald
  • @scottish.parliament.uk

Public information
• Telephone: 0800 092 7500
• Textphone users can contact us on 0800 092 7100
• We also welcome calls using the Text Relay service
• Text message: 07786 209888
• sp.info@scottish.parliament.uk

You can also follow us on twitter @scotparl

This website is using cookies.
We use cookies to ensure that we give you the best experience on our website. If you continue without changing your settings, we’ll assume that you are happy to receive all cookies on this website.