Daoine òga, buidhneachas agus deilbheadh George Wyllie gus an t-ochdamh Fèis Phoilitigs bhliadhnail fhosgladh

16.08.2012

Don ochdamh bliadhna às dèidh a chèile, tha Pàrlamaid na h-Alba a’ cumail Fèis Phoilitigs aice. Ainmeil airson nan tachartas ann a tha nan dùbhlan is nam togail-inntinn, chan eil e diofraichte am-bliadhna nas motha. Nan lùib tha lèirsinn air na bhrosnaich George Wyllie, dealbh-cluiche mu dhithis neach-leantainn ball-coise an aghaidh a chèile air an glasadh suas ann an cealla-prìosain fad oidhche agus deasbad air daoine òga tàlantach.

Tha cliù air an Fhèis airson aghaidh a thoirt air cuspairean connspaideach agus a-màireach (17 Lùnastal), thèid sùil a thoirt air buidhneachas (sectarianism). Sa mhadainn gabhaidh luchd-foghlaim, stiùirichean-coimhearsnachd agus luchd-poileasaidh pàirt ann an ‘Còmhraidhean Albannach-Èireannach air Buidhneachas’. Nas fhaide air adhart air an fheasgar, thèid dealbh-cluiche àbhachdach soirbheachail Des Dillon ‘Singing I’m no a Billy he’s a Tim’ a thaisbeanadh.

Ann an ‘Tàlant nan daoine òga againn’, thèid deasbad a chumail air mar a bhrosnaicheas sinn daoine òga gus a dhol an sàs ann an cruthachalachd na dùthcha. Còmhla ris an Leas-oifigear Riaghlaidh Elaine Nic a’ Ghobhainn BPA bidh pannal de dh'aoighean cliùiteach, nam measg Ricky Ross à Deacon Blue agus Vicky Featherstone à Taigh-cluich Nàiseanta na h-Alba.

Am measg nan tachartas eile ann tha deasbad mun bhuaidh a thug George Wyllie air an fheadhainn òig leis an nighean aige Louise Wyllie agus luchd-deasbaid, nam measg an sgrìobhadair is neach-gleidhidh Murray Grigor agus am fear-ealain Roddy Buchanan.

Sa mhadainn, thèid a’ cheist a chur ann an ‘Alba – A bheil ANSIN anseo?’ a bheil ìomhaigh na h-Alba air a cur an cèill is an cruth leis na togalaichean is na h-àiteachan againn. Tha ‘Fuaimean, guthan agus a’ Phàrlamaid’ na sheisean eadar-ghnìomhach a nì sgrùdadh air cainntearachd phoilitigeach, guthan agus fuaim. Cuiridh an luchd-deasbaid ri saothair-ealain ùr a chaidh a bhrosnachadh le saoghal na Pàrlamaid bho latha gu latha.

San fheasgar, gabhaidh ‘Leabharlannan san t-saoghal dhidseatach’ beachd air mar a bheir teicneòlas ùr cothroman ùra do leabharlannan poblach ìomhaigh às ùr a chruthachadh agus bidh earrannan ann bho Microsoft, Leabharlann Nàiseanta na h-Alba, Touch Press agus Leabharlannan Cathair Dhùn Èideann.

Cuiridh ‘Uisge-beatha Albannach – Gaisgeach Ionadail no Tosgaire Eadar-nàiseanta’ a’ cheist am faod uisge-beatha Albannach bathar Albannach eile a stiùireadh agus thèid deasbad a chumail air an àite aig a’ ghnìomhachas ann an dualchas is na làithean air thoiseach ann an Alba.

Com-pàirtichean na Fèise

S iad com-pàirtichean na fèise againn Urras Charnegie na Rìoghachd Aonaichte, Urras Charnegie Dhùn Phàrlain agus an com-pàirtiche againn sna meadhanan Iris Thaigh an Ròid.

Cothrom air clàr agus tiogaidean

Contact information

Media information

Public information

  • Telephone: 0800 092 7500
  • Textphone users can contact us on 0800 092 7100
  • We also welcome calls using the Text Relay service
  • Text message: 07786 209888
  • sp.info@
    scottish.parliament.uk

This website is using cookies.
We use cookies to ensure that we give you the best experience on our website. If you continue without changing your settings, we’ll assume that you are happy to receive all cookies on this website.