14.08.2012
Tha an t-Oifigear Riaghlaidh Tricia Marwick BPA air fàilte a chur air mar a shoirbhich leis a’ chiad Chòmhdhail Chultair Eadar-nàiseanta an Dùn Èideann.
Thuirt i: “Tha na seiseanan brosnachail, oirfideach agus, aig amannan, drùidhteach aig a’ Chòmhdhail seo air leigeil fhaicinn gu follaiseach carson a tha cultar cho cudromach, gu h-àraidh sna làithean doirbh seo.
“Tha mòran riochdairean air innse dhomh gun robh Dùn Èideann buileach ceart mar ionad airson nan smuaintean cultarail seo, leis na tha ann de dh'Fhèisean mun cuairt air.
“Tha e air a bhith na thoileachas dha-rìribh fàilte a chur air na h-uidhir de dhùthchannan às gach ceàrnaidh den t-saoghal gu Pàrlamaid na h-Alba againn agus an Seòmar againn a leigeil a-mach airson nan deasbadan cudromach seo.”
Cùl-fhiosrachadh
Chaidh a’ chòmhdhail a chumail aig Pàrlamaid na h-Alba Diluain 13 is Dimàirt 14 Lùnastal agus bhathar a’ deasbad air a’ chomas a tha aig cultar gus ceanglaichean eadar-nàiseanta a chruthachadh is a chumail eadar dùthchannan.
Bha a’ Chòmhdhail na co-obrachadh eadar Riaghaltas na h-Alba, Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte, Fèis Eadar-nàiseanta Dhùn Èideann agus Comhairle Bhreatainn.
B’ e cuspair na còmhdhail 'Cultar mar Dheasbad Eadar-nàiseanta'. Chaidh an clàr a stèidheachadh air trì cinn ro-innleachdail:
an t-àite a tha aig ealain is cultar ann a bhith a’ cur ris an tuigse a tha againn air a’ chàirdeas thoinnte eadar cultaran is dùthchannan
a’ cumail suas taic phrìobhaideach is phoblach airson cultar
sgilean a bhios a dhìth air na gnìomhachasan cruthachail san àm air thoiseach agus an t-àite aig teicneòlas