Clàr Àrd-Choinneamh Chultarach Eadar-nàiseanta Dhùn Èideann air a chur am follais

06.07.2012

Edinburgh International Culture Summit logo

Bidh Ministearan Cultair o mu 40 dùthchannan a' cruinneachadh ann an Dùn Èideann air 13 agus 14 Lùnastail airson na h-Àrd-Choinneimh. Airson a' chiad uair, bidh an Àrd-Choinneamh, a tha mar cho-obrachadh eadar Riaghaltas na h-Alba, Riaghaltas na RA, Comhairle Bhreatainn agus Fèill Eadar-nàiseanta Dhùn Èideann, a' toirt còmhla Ministearan Cultair bho air feadh an t-saoghail agus daoine cliùiteach ann an saoghal nan ealain gus ròl cultair mar chòmhradh eadar-nàiseanta a dheasbad.

 

Thèid an Àrd-Choinneamh Chultarach a chumail aig Pàrlamaid na h-Alba. Cuirear fàilte air Luchd-frithealaidh air 13 Lùnastail le Oifigear Riaghlaidh Pàrlamaid na h-Alba, Tricia Marwick BPA, Rùnaire Cultair na h-Alba, Fiona Hyslop BPA agus Ministear Cultair na RA, Ed Vaizey BP.

 

Leugh tuilleadh mun Àrd-Choinneamh (làrach-lìn on taobh-a-muigh)

This website is using cookies.
We use cookies to ensure that we give you the best experience on our website. If you continue without changing your settings, we’ll assume that you are happy to receive all cookies on this website.