Alba mar Nàisean Uisge gu bhith fo Sgrùdadh

06.07.2012

Thèid mar a bhios Alba na 'nàisean uisge' a rèir Bile Goireasan Uisge (Alba) a sgrùdadh le Comataidh Bun-structair is Cur an Seilbh Calpa Pàrlamaid na h-Alba.

'S e amas Riaghaltas na h-Alba gun cruthaich am Bile frèama a chor is gun toirear a' bhuannachd as fheàrr às goireasan uisge na h-Alba, oidhearp gus mar a stiùirear sin a leasachadh mar phrìomh phàirt dhe bhith a' coileanadh amasan farsainge an Riaghaltais a thaobh Nàisean Uisge. Uime sin, 's e moladh a' Bhile gum bi reachdas air chois thar raon farsaing chuspairean a bhuineas ri seirbheisean uisge is otrachais ann an Alba. 

 

A' labhairt agus a' Chomataidh a' cur a dh'iarraidh fianaise, thuirt Neach-gairm Maureen Watt BPA:

 

"Leis a' bhile seo, bidh sinn a' coimhead ach an coilean na molaidhean a tha ann deagh gheallaidhean Nàisean Uisge. Tha e gu buannachd a h-uile neach gum bi ar goireasan luachmhor an dà chuid air an dìon agus air an cur gu feum gu h-iomchaidh.

 

"'S e prìomh ròl ar Comataidh ach sgrùdadh a dhèanamh air na poileasaidhean a chuireas Riaghaltas na h-Alba air adhart aig am bi buaidh air goireasan na h-Alba, eadar 's gu bheil iad nàdarra neo togte. Tha sinn ag iarraidh air daoine sgrìobhadh thugainn thar an t-samhraidh ach an leugh sinn is gun dèan sinn cnuasachadh air an fhianais sin mus dèan sinn co-dhùnadh a thaobh cò a tha sinn ag iarraidh tighinn a bhruidhinn rinn as t-fhoghar."

 

Tha a' Chomataidh air iarrtas mionaideach a chur a-mach airson fianaise a bhios mar chuideachadh ann a bhith a' meas beachdan neachan air leth agus bhuidhnean air na tha sa bhile, gu sònraichte: 

 

1.   Leasachadh goireasan uisge

2.   Smachd air tarraing uisge 

3.   Obair Uisge na h-Alba 

4.   Ìre-feabhais uisge amh

5.   Seirbheisean gnothachais

6.   Ìre-feabhais obair otrachais

7.   Òrdaighean a thaobh gainnead uisge

 

Gus cur ris an rannsachadh seo, faodar liosta de cheistean sònraichte a lìonadh.

 

Taobh a-staigh a' bhile tha molaidhean sònraichte gus na leanas a chur air dòigh:

 

 

·         Dleastanas ùr air Ministearean na h-Alba gus dèanamh cinnteach gun tèid luach goireasan uisge na h-Alba a leasachadh tron chlàr Nàisean Uisge agus a chuireas mar fhiachaibh orra aithris a dhèanamh do Phàrlamaid na h-Alba gach trì bliadhna air mar a thathar a' coileanadh an dleastanais sin.     

·         Dleastanas ùr air Uisge na h-Alba a chuireas air adhart gun cleachd iad gach so-mhaoin gus lùths ath-nuadhaichte a chruthachadh, 's aig an aon àm a' dion coileanadh gach prìomh obair uisge is otrachais aca. 

·         Cumhachdan a bharrachd a thaobh 's gum bi Uisge na h-Alba a' tighinn a-steach gus sgrùdadh a dhèanamh air ìre-feabhais "uisge amh" (uisge a ghabhas òl) agus gus rannsachadh a dhèanamh air rud sam bith a dh'fhaodadh bualadh air ìre-feabhais leithid a dh'uisge. 

·         Eucoir ùr a thaobh geir, ola is saill a thig o ionadan gnothachais 's a thèid a-steach gu drèinichean poblach. Bhiodh eucoir a thaobh seo a' tarraing teirm suas ri 12 bhliadhna sa phrìosan aig a' char as motha, agus càin suas ri £40,000

 

Cùl-sgeul

Thathar an dùil gur h-i Comataidh Bun-structair is Cur an Seilbh Calpa a thèid a shònrachadh le Pàrlamaid na h-Alba mar a' phrìomh chomataidh a nì beachdachadh air Ìre 1 den Bhile.

 

Bidh dùil aig Comataidh Bun-structair is Cur an Seilbh Calpa beachdachadh air fianais sgrìobhte a chuirear a-steach cho math ri fianais-bheòil a thogail on t-Sultainn gu toiseach an t-Samhain, mus dèan iad aithris air prionnsabalan farsainge a' Bhile mu dheireadh Samhain 2012.

 

Tha ìomhaighean a' sealltainn an Neach-gairm air turas gu Ionad Giullachd Uisge Turaid airson cluinntinn mar a tha Uisge na h-Alba air an làrach a chleachdadh gus lùths a chruthachadh airson an ionaid 's airson 450 dachaigh. Am measg rudan eile, tha am Bile a' moladh gum bi dleastanas air Uisge na h-Alba luach an so-mhaoin agus an cuid eòlais a leasachadh agus cur air adhart cleachdadh an so-mhaoin airson lùths ath-nuadhaichte a chruthachadh, agus bha an Neach-gairm titheach air seo fhaicinn air a' chiad shealladh.

 

Call for evidence

  • Contribute to the inquiry on the Water Resources (Scotland) Bill

Contact information

Media

Committees

Public information

  • Telephone: 0800 092 7500
  • Textphone users can contact us on 0800 092 7100
  • We also welcome calls using the Text Relay service
  • Text message: 07786 209888
  • sp.info@scottish.parliament.uk

You can follow us on twitter @scotparl

This website is using cookies.
We use cookies to ensure that we give you the best experience on our website. If you continue without changing your settings, we’ll assume that you are happy to receive all cookies on this website.