Rannsachadh air Lùths Ath-nuadhaichte gus coimhead air Coimhearsnachdan is Turasachd

25.04.2012

Bidh a' bhuaidh a tha aig gintinn lùths ath-nuadhaichte air coimhearsnachdan is turasachd mar fhòcas aig seisean fianais an-diugh (Diciadain 25 Giblean). Bidh an seisean seo mar fhiosrachadh don Rannsachadh air Lùths Ath-Nuadhaichte, a chaidh a chur air bhog le Comataidh Eaconamaidh, Lùths is Turasachd san Fhaoilleach.

Thuirt Neach-Gairm na Comataidh, Murchadh Frìseil BPA: 

"Thog ar rannsachadh nàiseanta air targaidean Riaghaltas na h-Alba a thaobh lùths ath-nuadhaichte, agus an gabh an coileanadh gus nach gabh, fianais mu-thràth o 30 neach-fianaise, a' dèiligeadh ri cuspairean mar an t-siostam-dealbhaidh agus na tha a dhìth de dh'adhartas teicneolais gus na targaidean a choileanadh. 

"San t-seisean an-diugh cluinnidh a' Chomataidh beachdan luchd-fianais mu bhuaidh lùths ath-nuadhaichte air turasachd is air coimhearsnachdan. Leanaidh sinn oirnn a' togail beachdan luchd-fianais eile sna mìosan ri thighinn agus sinn a' dol air adhart gu co-dhùnadh iomchaidh agus aithisg dheireannach na Comataidh."

Chuir a' Chomataidh a Rannsachadh air Lùths Ath-Nuadhaichte a thaobh an gabh targaidean ùr-leasaichte Riaghaltas na h-Alba taobh a-staigh a Mapa-Slighe 2020 chun Lùths Ath-Nuadhaichte a choileanadh gus nach gabh, agus gu sònraichte an targaid mhòr gum biodh Alba a' gintinn 100% de na tha a dhìth air muinntir na h-Alba de dhealain o stuthan ath-nuadhaichte mu 2020. Thathar an dùil gun nochd aithisg dheireannach na Comataidh san fhoghar aon uair 's gu bheil gach fios is fianais a-staigh. 

Ri linn seisean fianaise air 25 Giblean, èistidh a' Chomataidh ri fianais o riochdairean Buidheann Trump agus Coimhearsnachdan An Aghaidh Muilnean-Gaoithe na h-Alba (CAAMGA) mu bhuaidh targaidean lùths ath-nuadhaichte air coimhearsnachdan is turasachd. 

Chaidh còrr is 160 beachdan sgrìobhte a chur a-steach don Rannsachadh mu-thràth agus chualas fianais-bheòil o 30 duine. Agus a' Chomataidh ag ullachadh gus tuilleadh fianaise a thogail eadar an-dràsta 's an t-samhradh, dèiligidh luchd-fianaise ri teachd ris na leanas: 

  • Ÿ  Cùisean cliath is bun-structair - nam measg, sàbhailteachd a' chliath san àm ri teachd, cosgaisean-ceanglaidh agus dòighean gus glacadh na ghabhas faotainn de lùths ath-nuadhaichte ann an eileanan na h-Alba a bhrosnachadh.
  • Ÿ  Airgead is cur-an-seilbh, nam measg ceistean a thaobh leasachadh ann an teicneolas cumhachd na mara, gu sònraichte aig an ìre chudromach a leanas a' chiad ìre de Rannsachadh is Leasachadh. 
  • Ÿ  Pròiseactan coimhearsnachd - a' sgrùdadh iomfhillteachd an t-siostaim agus na tha a dhìth de sgilean a thaobh a stiùireadh gu soirbheachail.

Cùl-fhiosrachadh

Am measg nam prìomh cheistean air am bithear a' beachdachadh ri linn an rannsachaidh, bidh:

  • Ÿ  A bheil an teicneolas a choileanas gach targaid ri fhaotainn agus so-ruigsinneach?
  • Ÿ  A bheil na h-oilthighean 's na h-ionadan-rannsachaidh againn làn deiseil dèiligeadh ris an leasachadh teicneolach a tha a dhìth?
  • Ÿ  Ciamar a ghabhas prìomh-amasan nàiseanta agus ceistean ionadaile a rèiteachadh?
  • Ÿ  A bheil dearbhadh againn gun gabh am bun-structair a tha a dhìth a leasachadh is a mhaoineachadh a chor is gun reic Alba lùths sam bith a bharrachd ris a' chòrr den Rìoghachd Aonaichte?
  • Ÿ  Dè a' bhuaidh a bhios aig seo air na phàigheas luchd-caitheimh?
  • Ÿ  Am bi gu leòr de mhaoineachadh ann a leigeas le airgead a chur an seilbh san dà chuid cur-a-steach agus leasachadh gach teicneolas iomchaidh?
  • Ÿ  Am bi gu leòr de sgilean aig muinntir na h-Alba a tharraingeas cur-airgead-an-seilbh on taobh a-staigh?
  • Ÿ  Am foghain leasachaidhean ann am margaidhean an lùths agus a thaobh subsadaidhean fhaotainn aig ìre an dà chuid RA is AE gus na targaidean a choileanadh?

Contact information

Media

Committees

Public Information

  • Telephone: 0800 092 7500
  • Textphone users can contact us on 0800 092 7100.
  • We also welcome calls using the Text Relay service.
  • Text message: 07786 209888
  • sp.info@scottish.parliament.uk

You can now also follow us on twitter @scotparl 

This website is using cookies.
We use cookies to ensure that we give you the best experience on our website. If you continue without changing your settings, we’ll assume that you are happy to receive all cookies on this website.