SPCB a' sireadh tairgsean togail gu ionad-tèarainteachd taobh-a-muigh aig Taigh an Ròid

19.04.2012

Thèid iarrtas a chur gu companaidhean togail tairgsean aona-phrìs stèidhichte a chur a-steach airson gur dòcha gum bi ionad-tèarainteachd taobh-a-muigh Taigh an Ròid, rud a chaidh ainmeachadh an-diugh.

Tha a' cheum seo a' leantainn co-dhùnadh a rinn Buidheann Chorparra Pàrlamaid na h-Alba (SPCB) a thaobh am margadh fheuchainn agus tairgsean a chruinneachadh, ach bha SPCB deimhinn nach eil a' cheum seo fhèin a' ciallachadh gun tèid ionad a thogail sa cheann thall. 

Ann an litir do na BPAan uile an-diugh, thuirt an t-Oifigear Riaghlaidh Tricia Marwick BPA gun tigeadh pròiseas nan tairgsean gu crìch thar an t-samhraidh 's tha dùil aig SPCB a bhith comasach goirid an dèidh sin co-dhùnadh a dhèanamh co-dhiù a bheil iad airson dol air adhart le togail an t-ionaid gus nach eil. 

Seo litir iomlan an Oifigeir Riaghlaidh: 

A Bhall Chòir 

Ionad-Tèarainteachd Taobh-a-Muigh aig Taigh an Ròid

Tha mi a' sgrìobhadh gus fiosrachadh ùr a chumail riut mun cho-dhùnadh a rinneadh na bu traithe an-diugh le SPCB a thaobh an Ionad Tèarainteachd Taobh-a-Muigh (ITT). 

A' leantainn air adhart on chead-dealbhachaidh a fhuaireadh san Fhaoilleach, tha SPCB an-diugh air aontachadh dol air adhart chun na h-ath ìre sa phròiseas, 's e sin, togail an t-ionaid a chur a-mach fo thairgse. 

Tha e cudromach cur an cèill gu làidir aig an ìre seo nach eil seo mar cho-dhùnadh gun tèid an t-ionad a thogail, ach leigidh e le SPCB am margadh fheuchainn agus tairgsean a thaobh cosgaisean togail a chruinneachadh. 

A-nis agus cruth an t-ionaid - anns a bheil na tha riatanach de dhealbhadh a thaobh sàbhailteachd spreadhaidh - air a choileanadh, thèid iarraidh air na companaidhean a tha air a' gheàrr-liosta tairgsean aona-phrìs stèidhichte a chur a-steach gus an ITT a thogail. 

Thig pròiseas nan tairgsean gu crìch thar an t-samhraidh agus bidh dùil againn gum bi SPCB comasach goirid an dèidh sin co-dhùnadh a dhèanamh a thaobh a bheil iad toilichte le gach cosgas a thathar a' sùileachadh cho math ris an sgèile-tìm a bhios ann a chor is gun tèid cunnradh a thoirt do chompanaidh dol air adhart le togail an t-ionaid. 

An lùib na litreach tha mi a' cur lethbhreac de bhile air an tug SPCB sùil na bu traithe an-diugh mar thuilleadh fiosrachaidh dhut. 

Mar a thuirt mi roimhe, tha SPCB glè dhìcheallach a thaobh a dleastanas laghail gum bi a h-uile neach le pas agus luchd-tadhail gu-lèir gu Taigh an Ròid sàbhailte, agus cumaidh sinn fiosrachadh ri Buill agus luchd-obrach a thaobh ar co-dhùnaidhean.

Tricia Marwick

Oifigear Riaghlaidh

Cùl-fhiosrachadh

Tha am bile iomlan air an deach sùil a thoirt le SPCB ri fhaotainn an-seo: 

http://www.pàrlamaidnahalba.ra/mudheidhinnnapàrlamaid/45685.aspx

Tha dealbh de chruth an t-ionaid a rinn ailtire fo chunnradh SPCB, Lee Boyd, airson luchd nam meadhanan, ri fhaotainn an-seo (rud a nochd an toiseach ann an Samhain 2011): 

http://www.pàrlamaidnahalba.ra/bcpa/itt_-_ìomhaigh.jpg 

Related links

Contact information

Media

Public information

  • Telephone: 0800 092 7500
  • Textphone users can contact us on 0800 092 7100
  • We also welcome calls using the Text Relay service
  • Text message: 07786 209888
  • sp.info@scottish.parliament.uk

You can also follow us on twitter @scotparl

This website is using cookies.
We use cookies to ensure that we give you the best experience on our website. If you continue without changing your settings, we’ll assume that you are happy to receive all cookies on this website.