24.02.2012
Feumar coimhead air na dùbhlain a tha ro choimhearsnachd tuathachanais na h-Alba, a rèir aithisg a dh'fhoillsich Comataidh Cùisean Dùthchail, Atharrachadh Sìde agus na h-Àrainneachd an-diugh.
Feumar coimhead air na dùbhlain a tha ro choimhearsnachd tuathachanais na h-Alba, a rèir aithisg a dh'fhoillsich Comataidh Cùisean Dùthchail, Atharrachadh Clìomaid agus na h-Àrainneachd an-diugh.
Tha Aithisg Ìre a h-Aon air Bile nan Tuathanachas (Leasaichte)(Alba) ag iarraidh air Pàrlamaid na h-Alba beachdachadh a-rithist air dà chuspair sa Bhile gus dèanamh cinnteach nach bi neachan sònraichte air leth air an cumail a-mach gun adhbhar bho bhith a' faighinn buannachd on Bhile.
Cuideachd, sgrùd a' Chomataidh tòrr cheistean eile a bhuineas ri tuathanachas na h-Alba. Nam measg seo bha - ciamar a tharraingear daoine ùra a-steach gu tuathanachas; ciamar a nithear cinnteach gum faigh tuathanaich buanachd iomchaidh airson leasachaidhean a nithear air tuathanais; ciamar a ghabhas riaghladh riochdairean fearainn a chur am feabhas; agus ciamar a ghabhadh dòigh nas ruigsinnich is nas èifeachdaiche air easaontas a rèiteachadh a leasachadh.
Thuirt Neach-Gairm na Comataidh, Rob Gibson BPA:
"Cuiridh a' chomataidh taic aona-ghuthach ris a' Bhile seo a tha a' dèanamh atharrachaidhean, a tha beag ach riatanach agus a bheil a làn-thide ann dhaibh, air laghan a thaobh tuathanasan na h-Alba. Tha sinn an dòchas gum bi na h-atharrachaidhean seo mar cheum cheart a dh'ionnsaigh cothromachadh iomchaidh a stèidheachadh eadar uachdarain-fearainn agus tuathanaich nar coimhearsnachdan-tuathanais.
"Gidheadh, tha e soilleir on fhianais a fhuair sinn gu bheil iomadach ceist eile a dh'fheumar aghaidh a chur orra gus dèanamh cinnteach gum bi anroinn tuathanais beò fallain ann an Alba, rud a ghabhas a thoirt seachad do na ginealaichean ri teachd. Molaidh sinne gun cùm Riaghaltas na h-Alba oirre aghaidh a chur air na ceistean seo mar rud deatamach."
- Dealbh de thractar le cliath © Ian Hamilton/iStockphoto
Leugh an aithisg
Stage 1 Report on the Agricultural Holdings (Amendment) (Scotland) Bill