22.02.2012
Tha Comataidh Eaconomaidh, Cumhachd agus Turasachd aig Pàrlamaid na h-Alba a’ moladh gabhail ri sealladh ‘bùth aon-stad’ gus dèiligeadh ri bochdain connaidh, ann an aithisg a chaidh fhoillseachadh an-diugh.
Tha an aithisg a’ moladh gun cleachdar eadar-mheadhaichean earbsach gus fiosrachadh a thoirt seachad mu adhartas air sgeamaichean èifeachdais is sàbhalaidh cumhachd, an àite an t-slighe ioma-bhuidhneil a thathas a’ cleachdadh an-dràsta. Tha a’ chomataidh a’ creidsinn nan rachadh a leithid de dh’eadar-mheadhanaichean a chleachdadh gum faighear adhartas air cur às do bhochdain connaidh a tha iad ag ràdh a tha na ‘truaighe air ar coimhearsnachd’.
Thuirt Neach-gairm na Comataidh Murchadh Friseal BPA: “Thathas den bheachd gu bheil suas ri 35% de theaghlaichean ann an Alba beò ann am bochdain connaidh.
"Tha dìth soilleireachadh san teachdaireachd mu na tha ri fhaighinn na chnap-stara do luchd-caitheimh ann a bhith a’ faighinn an cuideachadh a tha a dhìth orra gus briseadh air falbh bho bhochdain connaidh.
“Tha sinn a’ creidsinn gu bheil feum air sealladh adhartach gus faighinn gu na teaghlaichean as motha a tha a’ fulang.
"Nam bithear a’ cleachdadh eadar-mheadhanaiche earbsach mar bhun-fiosrachaidh is comhairle ‘bùth aon-shocrach’ chuireadh sin às do dh’ioma chnap-starra a tha a’ cur bacadh air luchd-caitheimh bho bhith a’ faighinn gu na sgeamaichean a tha rim faotainn.”
Nam biodh na h-eadar-mheadhanaichean earbsach stèidhichte anns na h-ùghdarrasan ionadail, bhiodh sin a’ ciallachadh, tha a’ chomataidh a’ creidsinn, gun rachadh suim a ghabhail den t-suidheachadh ionadail agus bhithear cinnteach gum biodh sealladh co-sheasmhach ann a thaobh cuideachadh fhaighinn.
Tha a’ chomataidh an dùil lèirmheas a dhèanamh air cuspair bochdain connaidh agus sùil a chumail air an t-adhartas a thathas a‘ dèanamh gus bochdain connaidh a lughdachadh fo làmhan chompanaidhean cumhachd, an riaghladair agus Riaghaltas na h-Alba.
Cùl-fhiosrachadh
Aig na seiseanan fianais mionaideach, fhuair a’ chomataidh fianais bho raon de bhuidhnean a’ toirt a-steach Gniomh Cumhachd na h-Alba, Comhairle na Gàidhealtachd agus Cumhachd na h-Alba.
Tha bochdain connaidh air a mhìneachadh anns an aithris bochdain-connaidh a chaidh fhoillseachadh ann an 2002 fo earrann 88 de Achd Taigheadais (Alba) 2001, le Riaghaltas na h-Alba mar a bha iad an uairsin. Fon mhìneachadh seo, tha teaghlach a’ fulang bochdain connaidh ma dh’fheumas iad barrachd air 10% den teachd a-steach aca a chleachdadh airson connaidh san teaghlach.
A rèir Sgrùdadh Suidheachadh na h-Alba le Riaghaltas na h-Alba, bha timcheall air 658,000 teaghlach a’ fulang le bochdain connaidh ann an Alba ann an 2010, a tha co-chosmhail ri 28% de theaghlaichean gu h-iomlan. Tha Riaghaltas na h-Alba a’ meas gun èirich an àireamh seo gu 35% ann an 2011.
Dealbh © Craig Haybittle/iStockphoto
Fios conaltraidh
Meadhanan
Comataidhean
Fiosrachadh a' Phobaill
Faodar ar leantainn air twitter @scotparl