Taisbeanadh ceud bliadhna a' comharrachadh gnìomhachas Uisge-beatha na h-Alba

20.02.2012

Whisky distillery.  Copyright: john shepherd/iStockphoto

Fosglaidh taisbeanadh a tha a' rannsachadh eachdraidh gnìomhachas Uisge-beatha na h-Alba ann am Pàrlamaid na h-Alba san t-Samhain, chaidh ainmeachadh an-diugh. 

Tha "Uisge-beatha na h-Alba: Bho Ghràin gu Glainne" na phàirt de ghrunn thachartasan a tha fainear do Chomann Uisge-beatha na h-Alba gus an ceud bliadhna aca a chomharrachadh. Fosglaidh e ann am Prìomh Thalla na Pàrlamaid san t-Samhain. 

 Ag ainmeachadh an taisbeanaidh, thuirt Oifigear Riaghlaidh Pàrlamaid na h-Alba Tricia Marwick BPA: "Is fhada o chaidh aithne a thoirt dha cho cudromach 's a tha gnìomhachas Uisge-beatha na h-Alba, gu sònraichte do sgìrean dùthchail na h-Alba, agus tha Pàrlamaid na h-Alba air-leth toilichte aoigheachd a thoirt don taisbeanadh seo, ann an com-pàirt le Comann Uisge-beatha na h-Alba, gus an ceann-bliadhna seo a chomharrachadh.  

Bheir an taisbeanadh còmhla innealan a' ghnìomhachais, an obair ealain, agus mapaichean taighean-grùdaidh na h-Alba gus sealltainn mar a thàinig Uisge-beatha na h-Alba gu bhith na iomhaigh nàiseanta.  

"Tha uisge-beatha gu cinnteach na phàirt mhòr de cho soirbheachail 's a tha ar gnìomhachasan cultarail is malairteach thall thairis agus tha mi cinnteach gun tàladh an taisbeanadh dealbhach seo mòran luchd-turais gu Taigh an Ròid."  

Fosglaidh an taisbeanadh air 29 Samhain 2012 agus leanaidh e gu 25 Faoilleach 2013. Tha e mar phàirt de phrògram thaisbeanaidhean sealach ann am Prìomh Thalla na Pàrlamaid a tha a' rannsachadh chuspairean nas fharsainge de ùidhean is choileanaidhean na h-Alba.  

Ri fhaicinn an-dràsta anns a' Phrìomh Thalla eadar seo agus Dihaoine 23 Màrt tha Dealbhadh is Deamocrasaidh, taisbeanadh de obair ceumnachaidh bho na ceithir cholaistean ealain is dealbhaidh ann an Alba.   

Tha na taisbeanaidhean mòra ann an 2012 a' toirt a-steach sealladh air dà litir eachdraidheil le ceangal ri Uilleam Uallas a chaidh an toirt còmhla ann an Alba airson a' chiad uair.  

Bidh an taisbeanadh, a chaidh a chruthachadh ann an compàirt le Clàraidhean Nàiseanta na h-Alba, a' ruith eadar Dihaoine 10 is Dihaoine 31 Lùnastal 2012 ann am Prìomh Thalla Thaigh an Ròid.

Dealbh © john shepherd/iStockphoto

Fios conaltraidh

Meadhanan

Fiosrachadh a' Phobaill

Faodar ar leantainn tro twitter @scotparl

This website is using cookies.
We use cookies to ensure that we give you the best experience on our website. If you continue without changing your settings, we’ll assume that you are happy to receive all cookies on this website.