Riaghailtean mu Bhuidhnean Tar-phàrtaidh gu bhith air an sgrùdadh

10.02.2012

Tha na riaghailtean mu na Buidhnean Tar-phàrtaidh (Cross Partaidh Groups) aig Taigh an Ròid gu bhith air an sgrùdadh le comataidh aig a’ Phàrlamaid, chaidh a chur an cèill an-diugh.

Tha na riaghailtean mu na Buidhnean Tar-phàrtaidh (Cross Party Groups) aig Taigh an Ròid gu bhith air an sgrùdadh le comataidh aig a’ Phàrlamaid, chaidh a chur an cèill an-diugh.

 

Nì Buill Comataidh Inbhean, Dòighean-obrach agus Cur-an-dreuchd Poblach ath-bhreithneachadh air cho èifeachdach is a tha na buidhnean sin a rèir nan ìrean de dh’fhollaiseachd is de riaghaladh a tha ann an-dràsta.

 

An-dràsta, tha còrr is 1,000 buidheann an sàs anns an obair aig 65 Bhuidhnean Tar-phàrtaidh air an clàradh ann am Pàrlamaid na h-Alba, agus tha 107 a-mach à 129 Buill nam buill de aon Bhuidheann air a’ char as lugha. 

 

Thuirt Neach-gairm na Comataidh Dàibhidh MacThòmais BPA:

 

“Ged a thathar mothachail air an obair phrìseil a nì na Buidhnean, tha e cudromach gun dèanar cinnteach gun cruthaich an siostam fosgailteachd is follaiseachd gach cuid do luchd-pàirteachaidh is don phoball anns an fharsaingeachd.  Is e toirt gu buil na follaiseachd seo, gun a bhith a’ riaghladh nam Buidhnean cus, an t-amas a tha aig ath-bhreithneachadh na comataidh.

“Bithear a’ sealltainn mar sin air cho èifeachdach is a tha na riaghailtean mu na Buidhnean an-dràsta ag obair agus am faodar atharrachaidhean sam bith a dhèanamh mar leasachadh air an rian a thaobh clàradh, obrachadh is riaghladh nam Buidhnean.”

Tha a’ chomataidh a’ sireadh bheachdan air obrachadh is riaghladh nam Buidhnean agus tha i air 16 ceistean a chur còmhla a chuireas cruth air an obair-chomhairleachaidh aice.

Is e an raon-ùghdarrais a tha aig an rannsachadh:

Ath-bhreithneachadh a dhèanamh air na riaghailtean mu Bhuidhnean tar-phàrtaidh ann am Pàrlamaid na h-Alba agus atharrachaidhean sònraichte a mholadh gus leasachadh a thoirt air:

  • èifeachdalachd;
  • modhan-clàraidh,
  • obrachadh; agus
  • riaghladh nam Buidhnean Tar-phàrtaidh.

 

Gheibhear fiosrachadh iomlan air duilleag-lìn na comataidh.

 

Is e an ceann-latha mu dheireadh gus beachdan a chur a-steach ann an sgrìobhadh Didòmhnaich 15 Giblean 2012. 

Related links

  • Full details can be found on the committee’s webpage
  • Current Cross-Party Groups

Contact information

Meadhan

Comataidh

Fiosrachadh a' Phobail

Faodar ar leanntainn air twitter @scotparl

Blog Pàrlamaid na h-Alba http://parlamaidalba.wordpress.com/

This website is using cookies.
We use cookies to ensure that we give you the best experience on our website. If you continue without changing your settings, we’ll assume that you are happy to receive all cookies on this website.