Comataidh Riaghaltais air taic a chur anns an fharsaingeachd ri tuarastal-mairsinn

03.02.2012

Tha Comataidh Riaghaltais Ionadail is Ùrachadh aig Pàrlamaid na h-Alba air aithisg fhoillseachadh an-diugh a tha air taic a chur anns an fharsaingeachd ris an iomairt airson tuarastal-mairsinn.

Tha a’ chomataidh mothachail air na th’ ann de nithean, suidheachaidhean ionadail is eaconomach nam measg, a chruthaicheas duilgheadasan do chomhairlean a tha ag iarraidh an tuarastal-mairsinn a thoirt a-steach.

 

Tha a’ chomataidh air fàilte a chur air na dòighean tionnsgalach a thathar a’ cleachdadh ann an cuid de dh’àiteachan gus an tuarastal-mairsinn a thoirt a-steach ach dh’aontaich i gur h-ann ris na h-ùghdarrasan ionadail a tha co-dhùnaidhean a thaobh am bu chòir a thoirt a-steach ann an riaghaltas ionadail.

 

Thuirt Neach-gairm na Comataidh Eosaph Mac Giolla Phádraig BPA:

 

“Thathar a’ meas gu bheil mu 550,000 den luchd-obrach ann an Alba an-dràsta a’ faighinn cosnaidh a tha nas ìsle na an tuarastal-mairsinn.  Ged a dh’fhaodas an tuarastal-mairsinn cuideachadh gus aghaidh a thoirt air bochdainn ann an obair, chan e fuasgladh coitcheann a tha ann. Chuala sinn fianais gur dòcha gun cailleadh an fheadhainn a gheibheadh e cuid de shochairean eile - agus bho luchd-gnìomhachais air an robh ceist gum fàgadh e companaidhean gun a bhith cho farpaiseach agus gun toireadh e buaidh air an ìre as ìsle aig am bi iad a' soirbheachadh.

 

“Rud a tha cudromach, tha a’ Chomataidh againn mothachail cuideachd gu bheil a’ cheist nas fharsainge na an dleastanas moralta an lùib an tuarastail-mhairsinn. Tha na h-ùghdarrasan ionadail nam buidhnean neo-eisimeileach nach eil cunntachail do Phàrlamaid na h-Alba no do Riaghaltas na h-Alba. Ged a bu mhath leis a’ chuid as motha de bhuill na comataidh gun rachadh an tuarastal-mairsinn a phàigheadh ann am barrachd chomhairlean, tha sinn ag aithneachadh gu bheil e an urra ris na comhairlean iad fhèin co-dhùnadh a dhèanamh, mothachail air suidheachaidhean ionadail."

 

Tha Riaghaltas na h-Alba agus a chuid bhuidhnean-gnìomha, SNS agus seachd ùghdarrasan ionadail a’ pàigheadh an tuarastail-mhairsinn mar-thà. (Comhairle Baile Ghlàschu, Comhairle Shiorrachd Dhùn Breatainn an Iar, Comhairle Shiorrachd Rinn Friù an Ear, Comhairle Shiorrachd Inbhir Àir a Tuath, Comhairle Shiorrachd Lannraig a Deas, Comhairle nan Crìochan agus Comhairle Dhùn Phris is Ghall-ghàidhealaibh)

 

Tha an aithisg cuideachd air beachan a nochdadh air:

 

  • Na dòighean tionnsgalach a thathar a’ cleachdadh ann an cuid de dh’ùghdarrasan ionadail (leithid Comhairle nan Crìochan agus Comhairle Shiorrachd Rinn Friù an Ear) far a bheil na comhairlean agus na aonadan-ciùird a tha an sàs air tighinn gu rèite gus caomhnadh seaghach a dhèanamh mar chuid de na ceumannan a thug seachad tuarastal-mairsinn cuideachd.

 

  • An cion cinnt gun rachadh socrachadh an tuarastail-mhairsinn a cheadachadh fo riaghailtean an Aonaidh Eòrpaich a thaobh solair agus tha i toilichte gun do sgrìobh Rùnaire a' Chaibineit ri Bun-structar is Tasgadh Calpa do Choimisean na h-Eòrpa a dh'iarraidh soilleireachaidh.

 

  • An diomb a dh’fhaodadh a bhith ann nan rachadh goireasan poblach a chleachdadh mar bhunait ri solar an tuarastail-mhairsinn ann an roinn phoblach na h-Alba.

 

Cùl-fhiosrachadh

Bhon Dùbhlachd 2011, tha a' Chomataidh air a bhith a' sgrùdadh am faodte tuarastal-mairsinn a thoirt a-steach ann an riaghaltas ionadail agus a leudachadh mar chuid de na dòighean a thaobh solair aig riaghaltas ionadail. Is e ullachadh saor-thoileach a tha san tuarastal-mhairsinn a dh’èirich mar thoradh air iomairt nàiseanta agus e air leth bhon tuarastal nàiseanta as ìsle, a tha mar an tuarastal as ìsle air feadh na Rìoghachd Aonaichte (an-dràsta aig £6.08 san uair do dh'inbhich os cionn aois 21 agus £4.98 do dhaoine òga aig aois 18 gu 21). Thathar a’ moladh gum bu chòir gum biodh Tuarastal-mairsinn na Rìoghachd Aonaichte an taobh a-muigh Lunnainn airson 2011 aig ìre £7.20.

 

Thathar a’ meas gu bheil mu 550,000 den luchd-obrach ann an Alba an-dràsta a’ faighinn cosnaidh a tha nas ìsle na an tuarastal-mairsinn.  Faodar fiosrachadh bhon Sgrùdadh Bhliadhnail air Uairean is Cosnadh a chleachdadh gus feartan nam fastaichean sin air am pàigheadh aig ìrean ìseal a chomharrachadh. 

Mar eisimpleir, tha fiosrachadh a’ leigeil fhaicinn:

·         Gun do choisinn ìre na b’ àirde den luchd-obrach anns an roinn phrìobhaidich ann an Alba na bu lugha na £7.20 san uair ann an 2011 na an luchd-obrach anns an roinn phoblaich.

·         A thaobh gnè, choisinn ìre na b’ àirde de bhoireannaich na bu lugha na £7.20 san uair ann an 2011 an taca ri fireannaich.

·         Is e luchd-reic is seirbheisean luchd-cleachdaidh agus puist bhunaiteach (leithid saothraichean, luchd-glanaidh, luchd-còcaireachd agus luchd-solair) an fheadhainn as motha a choisinn na bu lugha na £7.20 san uair ann an 2011.

Airson barrachd fiosrachaidh is sgrùdaidh, faicibh earrannan 22 gu 26 san Aithisg.

Related links

Contact information

Meadhanan

Comataidhean

Fiosrachadh a' Phobaill

Faodar ar leantainn air Twitter @scotparl

Blog Pàrlamaid na h-Alba http://parlamaidalba.wordpress.com/

This website is using cookies.
We use cookies to ensure that we give you the best experience on our website. If you continue without changing your settings, we’ll assume that you are happy to receive all cookies on this website.