Rannsachadh gu bhith ann air Earrann 7 de Chòd Giùlain nam BPA

02.02.2012

Chuir Comataidh Inbhean, Dòigh-obrach agus Cur-an-dreuchd Poblach Pàrlamaid na h-Alba rannsachadh air dòigh an-diugh gus ath-sgrùdadh a dhèanamh air Earrann 7 de Chòd Giùlain nam Ball.

Is e raon-ùghdarrais an rannsachaidh, ath-sgrùdadh a dhèanamh air Earrann 7 de Chòd Giùlain nam ball gus dèanamh cinnteach gu bheil e buntainneach, iomchaidh, soilleir agus gun gabh a chur an gnìomh.

Tha raon fharsaing de dh’ullachaidhean co-cheangailte ri Giùlan san t-Seòmar agus ann an Comataidh ann an Earrann 7 den chòd. Beachdachaidh a’ Chomataidh cuideachd air atharrachaidhean a dh’fhaodadh a bhith ann an Earrann 5 (Coiteachadh agus Cothrom air BPA) agus Earrann 8 (Co-obrachadh le luchd-bhòtaidh san sgìre/roinn phàrlamaideach) a dh’fhaodadh èirigh às an deasbad air Earrann 7. Mar thoradh air seo, dh’fhaodte gum bi feum air atharrachaidhean ann an Earrann 9 (Cur an gnìomh) cuideachd.

Tha a' Chomataidh a' cur fàilte air beachdan air a' chuspair seo ro 29 Màrt 2012. Thathar a' cur fàilte air fianais sa Ghàidhlig.

Related links

  • Inquiry: Review of Section 7 of the Code of Conduct
  • Standards, Procedures and Public Appointments Committee
  • Code of Conduct for MSPs 
This website is using cookies.
We use cookies to ensure that we give you the best experience on our website. If you continue without changing your settings, we’ll assume that you are happy to receive all cookies on this website.