Comataidh an Fhoghlaim a' tadhal air Leabharlann Nàiseanta na h-Alba

31.01.2012

Thadhail buill Comataidh an Fhoghlaim is a' Chultair air Leabharlann Nàiseanta na h-Alba an-diugh mar phàirt den sgrùdadh aca air Bile Leabharlann Nàiseanta na h-Alba.

Chaidh Bile Leabharlann Nàiseanta na h-Alba a thoirt a-steach gu Pàrlamaid na h-Alba 26 Dàmhair 2011 agus chaidh Comataidh an Fhoghlaim agus a' Chultair a chomharrachadh mar a' phrìomh chomataidh.

Bidh a' Chomataidh a' gabhail fianais beòil air a' Bhile sa Ghearran 2012 agus foillsichidh i a h-aithisg don Phàrlamaid air prionnsabalan coitcheann a' Bhile tràth sa Mhàirt.

Thug Martyn Wade, an Leabharlannach Nàiseanta agus Prìomh Oifigear an leabharlainn, turas den leabharlann do bhuill na Comataidh.


 

Buill den Chomataidh a' tadhal air an Leabharlann Nàiseanta.

Buill den Chomataidh a' tadhal air an Leabharlann Nàiseanta.


 

Prìomh Oifigear agus Leabharlannach Nàiseanta Martyn Wade agus e a' bruidhinn ri buill Comataidh an Fhoghlaim agus a' Chultair agus iad a' tadhal air Leabharlann Nàiseanta na h-Alba. Chìthear am Proif Mìcheal Anderson, Cathraiche Bòrd nan Urrasairean san deilbh.

Prìomh Oifigear agus Leabharlannaiche Nàiseanta Martyn Wade agus e a' bruidhinn ri buill Comataidh an Fhoghlaim agus a' Chultair agus iad a' tadhal air Leabharlann Nàiseanta na h-Alba. Chìthear am Proif Mìcheal Anderson, Cathraiche Bòrd nan Urrasairean san deilbh.


 

 Buill de Chomataidh an Fhoghlaim agus a' Chultair anns an t-Seòmar Leughaidh ann an Leabharlann Nàiseanta na h-Alba.

 Buill de Chomataidh an Fhoghlaim agus a' Chultair anns an t-Seòmar Leughaidh ann an Leabharlann Nàiseanta na h-Alba.


Related links

This website is using cookies.
We use cookies to ensure that we give you the best experience on our website. If you continue without changing your settings, we’ll assume that you are happy to receive all cookies on this website.