Coimiseanair saorsa fiosrachaidh ùr gu bhith air ainmeachadh le Pàrlamaid na h-Alba

31.01.2012

Thèid iarraidh air Pàrlamaid na h-Alba a-màireach gabhail ri ainmneachadh Rosemary Agnew mar Choimiseanair ùr Saorsa Fiosrachaidh na h-Alba.

Bidh a' Bh.ph Agnew, a tha an-dràsta mar Àrd-oifigear Coimisean Gearanan Laghail na h-Alba, a' gabhail àite Kevin Dunion, a bhios a' fàgail a dhreuchd air 23 Gearran 2012.

 

Air a chruthachadh fo Achd Saorsa an Fhiosrachaidh (Alba) 2002, tha Coimiseanair Saorsa Fiosrachaidh na h-Alba freagrach as a bhith a' cur an gnìomh agus ag adhartachadh reachd saorsachd fiosrachaidh na h-Alba.

 

Mairidh an dreuchd fad sia bliadhna gu h-iomlan agus 's e £78,000 tuarastail na bliadhna. Thèid iarraidh air a' Phàrlamaid aonta a chur ri ainmneachadh a' Mh.ph Agnew mus tèid am moladh air adhart gu A Mòrachd a' Bhanrigh gus a dhèanamh foirmeil. Ma ghabhar ris, thathar an dùil gun tòisich a' Bh.ph. Agnew a dreuchd sa Giblean.

 

Fiosrachadh Eachdraidh-beatha

Ron obair aice le Coimisean Gearanan Laghail na h-Alba, bha a' Bh.ph. Agnew ag obair aig Ombudsman an Riaghaltais Ionadail fad 8 bliadhna. Ri linn a dreuchd tha i air a bhith dealasach a thaobh prionnsapalan na cunntachalachd agus na follaiseachd agus rinn i obair le raon bhuidhnean san roinn phoblach agus phrìobhaideach gus piseach a thoirt air seirbheisean agus dòighean-obrachaidh.

 

Teacsa Gluasaid ri cheadachadh leis a' Phàrlamaid air 1 Gearran 2012

Gu bheil a' Phàrlamaid ag ainmneachadh Rosemary Agnew do A Mòrachd a' Bhanrigh airson a cur an dreuchd mar Choimiseanair Saorsa Fiosrachaidh na h-Alba.

 

Contact information

Media

Public information

  • Telephone: 0800 092 7500
  • Textphone users can contact us on 0800 092 7100.
  • We also welcome calls using the Text Relay service.
  • Text message: 07786 209888     
  • sp.info@scottish.parliament.uk

You can now also follow us on twitter @scotparl

This website is using cookies.
We use cookies to ensure that we give you the best experience on our website. If you continue without changing your settings, we’ll assume that you are happy to receive all cookies on this website.