Will Hutton a’ nochdadh air beulaibh Comataidh an Ionmhais

22.01.2012

Bheir an t-eaconamaiche is aithrisiche ainmeil Will Hutton fianais do Chomataidh an Ionmhais aig Pàrlamaid na h-Alba Diciadain 25 Faoilleach aig 10.00m nuair a bhruidhneas e mun aithisg aige, ‘Review of Fair Pay in the public sector’.

Chaidh an Sgrùdadh fhoillseachadh sa Mhàrt 2011 agus na bhroinn tha 12 de mholaidhean mu chaochladh chuspairean, nam measg gabhail ri còd-pàighidh a rèir Cothrom na Fèinne, a leigeadh le sgrùdadh poblach air tuarastal luchd-stiùiridh agus gum bu chòir gum biodh tuarastal nan seirbheisichean-poblach aig an ìre as àirde ceangailte ri dèanadas agus a bhith air a mhìneachadh gu follaiseach don phoball.

 

Thuirt Neach-gairm Chomataidh an Ionmhais, Coinneach Gibson BPA:

 

“Tha pàigheadh na chuibhreann nach beag de bhuidseat Riaghaltas na h-Alba, a' toirt leis mu dhà thrian den chaiteachas air goireasan. Thug sgrùdadh Hutton caochladh mholaidhean seachad mu Chothrom na Fèinne agus aghaidh a thoirt air beàrnan eadar an fheadhainn aig an ìre as ìsle is as àirde a thaobh pàighidh san roinn phoblaich.

 

“Ri linn an sgrùdaidh a chaidh a dhèanamh air a' bhuidseat o chionn ghoirid, chuir a' chomataidh iomagain an cèill mu chleachdadh nan corran ann am pàirtean sònraichte den t-seirbheis chatharra is ann am buidhnean-gnìomha aig an riaghaltas aig an ìre as àirde agus tha togail againn ri bhith a’ deasbad seo, agus iomadh cuspair eile, gu mionaideach le Mghr. Hutton.”

 

Cùl-fhiosrachadh

Is e Will Hutton ùghdar ‘The State We’re In’ agus e gu math cliùiteach mar eaconomaiche is mar aithrisiche mu àite an riaghaltais san eaconomaidh, Cothrom na Fèinne san t-saoghal phoblach agus prionnsapalan mu eagrachadh is stiùireadh.

 

Bha e na cheann air Stèidheachan na h-Obrach fad ochd bliadhna agus tha e a-nis na iar-chathraiche air a' bhuidheann-ghnìomha. Tha e an-dràsta na Cheannard air Colaiste Hertford, Oilthigh Àth nan Damh. Am measg nam post a bha aige roimhe, tha Àrd-dheasaiche an Observer far a bheil colbh cunbhalach aige, mar fhear-aithris air eaconomachd aig Newsnight a' BhBC agus mar fhear-gnothaich anns a' bhaile-mhòr.

 

Chaidh iarraidh air leis a’ Phrìomh is leis an t-Seansalair san Ògmhios 2010 “molaidhean a thoirt mu chur air adhart Cothrom na Fèinne a thaobh pàighidh san roinn phoblaich agus aghaidh a thoirt air beàrnan eadar an fheadhainn aig an ìre is as àirde a thaobh pàighidh ann an eagrachaidhean san roinn phoblaich”.

Picture of Will Hutton: © NICVA/Creative Commons

Co-cheangailte

  • Comataidh an Ionmhais (Beurla)

Fios Conaltraidh

Meadhannan

Comataidhean

Fiosrachadh a' Phobail

Faodar ar leantainn air twitter @scotparl

Faic air blog Gàidhlig Blog Pàrlamaid na h-Alba

This website is using cookies.
We use cookies to ensure that we give you the best experience on our website. If you continue without changing your settings, we’ll assume that you are happy to receive all cookies on this website.